Seann trèanaichean ùra sa Chuimrigh! #gaidhlig

Fhuair a’ Chuimrigh aithneachadh bho chionn goirid mar an dùthaich leis an ìre as àirde de dh’ath-chuairteachadh san RA, an dàrna ìre as àirde san Aonadh Eòrpach agus an treas ìre as àirde san t-saoghal.

‘S e deagh naidheachd a tha seo, agus a bharrachd air seo, tha iad gu bhith ag ath-chuairteachadh rud gu math eadar-dhealaichte ri botail no canaichean no pàipear – tha iad gu bhith ag ath-chuairteachadh thrèanaichean!

Mar phàirt den cheud-ruith (franchise) airson na Cuimrigh is nan Crìochan, tha tòrr mòr thrèanaichean ùra a dhìth. An àite a bhith a’ ceannach seann thrèanaichean no trèanaichean ùra cosgail, tha iad gu bhith a’ ceannach D-trains, no Clas 230.

‘S e a th’ annta ach trèanaichean D-Stock bhon London Underground, aonadan bho Loidhne an District.

Seo dhut D-train.

Tha na ceudan de na carbadan seo rim faighinn às dèidh do TfL trèanaichean S-stock ùra a cheannach nan àite agus tha a’ chompanaidh Vivarail ann an Sasainn air gu leòr dhiubh a cheannach gus trèanaichean ùra a dhèanamh.

Chan e ath-chleachdadh ach ath-chuairteachadh – no ’suas-chuairteachadh’ (upcycling) a tha seo. Bithear a’ cumail sligean aluminium nan trèanaichean ach tha cha mhòr a h-uile rud eile ùr. A dh’aindeòin seo, tha na D-trains fhathast tòrr nas saoire na trèanaichean ùra. Tha iad gu math aotrom is gu math uaine cuideachd.

 

Trèana D-stock, Parsons Green

Tha Vivarail a’ dèanamh tionndaidhean dealanach, dìosal agus hybrid den D-train. Tha iad rim faighinn ann an cruthan leis na seataichean agus bùird ann an diofar òrdughan gus am bi iad freagarrach airson loidhichean fada no goirid, suburbach no dùthchail.

Anns a’ Chuimrigh, ’s e feadhainn dìosail a tha gu bhith ann airson loidhnichean Blaenau Ffestiniog agus Wrecsam-Bidston.

Tha mi a’ dèanamh fiughair ris na D-tràins ùra fheuchainn sa Chuimrigh an ceann bliadhna no dhà.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Chuimrigh, London Underground, rathaidean-iarainn, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to Seann trèanaichean ùra sa Chuimrigh! #gaidhlig

  1. Pingback: Bo’ness – an stèisean as fhaide a tuath air Underground Lunnainn! #gàidhlig @vivarail @bonessrailway | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s