Bo’ness – an stèisean as fhaide a tuath air Underground Lunnainn! #gàidhlig @vivarail @bonessrailway

Chan eil an London Underground dìreach a’ frithealadh Lunnainn fhèin – tha cuid de na loidhnichean a’ dol a-steach gu Essex, Hertfordshire agus fiù ’s Buckinghamshire. 

An t-seachdain seo, ge-tà, bidh trèanaichean an tiùb a’ ruigsinn Bo’ness ann an Lodainn an Iar far a bheil trèana an Underground a’ tighinn gu Bo’ness airson deuchainnean.

DpI0sBtWsAAOA8_ (1)

Dh’aithris mi an seo bho chionn goirid mun D-train – suas-chuairteachadh no upcycling de sheann trèanaichean D-stock bhon London Underground gus trèanaichean ùra a thogail a tha gu math saor is gu math uaine. Tha a’ Chuimrigh gu bhith a’ ceannach cuid aca le einnseinean dìosail.

Tha Vivarail, a’ chompanaidh a tha a’ dèanamh nan trèanaichean-D cuideachd air tionndadh dealanach den trèana a thogail, a tha a’ cleachdadh bataraidhean.

Tha iad an dùil gun gabh an trèana seo a chleachdadh gus seirbheisean rèile a ruith air slighean nach eil air an dealanachadh. Tha iad gu sònraichte feumail airson sgìrean bailteil airson loidhnichean caran goirid ann an àiteachan far a bheil trioblaidean le truilleadh san adhair – agus tha Vivarail airson cuid aca a reic gu Riaghaltas na h-Alba. Bhiodh iad gu sònraichte freagarrach airson loidhnichean Cnoc Màiri, Chille Bhrìghde an Ear agus Cnoc a’ Bharra (Barrheid) ann am mòr-sgìre Ghlaschu.

Tha an D-trèana bataraidh ann am Bo’ness an t-seachdain seo agus bidh iad a’ toirt tursan dhan phoball saor is an-asgaidh. Tha mi a’ dol a dhol ann Dihaoine gus turas fhaighinn air a’ chiad trèana bataraidh ann an Alba bhon Sputnik a bhoidh a ruith eadar Obar Dheathain agus Bealadair air ais anns na 1960an!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an London Underground, Rathaidean-iarainn glèidhte, Rathaidean-iarainn neo-àbhaisteach agus a thagadh , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s