Rathad-iarainn pop-up? Turas air an D-train @bonessrailway @vivarail #gàidhlig

Bha mi aig Rathad-iarainn Bo’ness is Cheann an Fhail an latha roimhe. Mar as trice, ’s e seann thrèanaichean glèidhte a chì thu an sin ach an t-seachdain seo, bha iad a’ dèanamh deuchainn air trèana a tha gu tur ùr – an D-tràin.

An D-train a’ teairrdseadh, Bo’ness

Mar a dh’aithris mi an seo bho chionn ghoirid, tha a’ chompanaidh Vivarail air na ceudan de sheann thrèanaichean D-stock bhon District Line aig Underground Lunnainn a cheannach agus tha iad gan ‘suas-chuairteachadh’ gus trèanaichean ùra a chruthachadh air a bheil an D-train.

Tha trèanaichean ùra gu math daor aig an àm seo agus chaidh an D-train a chruthachadh airson a bhith nas saoire agus nas uaine na na trèanaichean eile.  Tha iad rim faighinn ann an cruth dìosal-dealanach, bataraidh-dealanach no hybrid.

Tha a’ chompanaidh air òrdughan fhaighinn airson feadhainn dìosal-dealanach airson na Cuimrigh (loidhne Wrecsam-Bidston agus Loidhne Gleann Conwy) agus airson Sasainn (Bedford-Bletchley) agus tha iad a-nis a’ feuchainn ri cuid aca a reic ann an Alba.

Tha an trèana bataraidh-dealanach fìor chudromach. Tha e gu math daor rathaidean-iarainn a dhealanachadh le uèirichean dealanach agus airson cuid de loidhnichean, bidh greis ann mus tèid uèirichean a chur suas. Le cuid eile, chan eil e coltach gum bi an t-airgead ann gus uèirichean a chur suas gu bràth.

Aig an aon àm, tha e a’ sìor-fhàs nas cudromaiche a bhith a’ lùghdachadh an uiread de charbon a tha còmhdhail a’ sgaoileadh is mar sin, tha feum againn air barrachd thrèanaichean dealanach cho luath sa ghabhas.

 

Anns an t-suidheachadh seo, ’s e an fhreagairt a bhith a’ cleachdadh barrachd thrèanaichean a tha a’ ruith air bataraidhean. Chaidh deuchainnean a dhèanamh air teicneolas bataraidh roimhe ach cha robh teicneolas nam bataraidhean math gu leòr aig an àm – bha iad ro throm agus cha robh na trèanaichean a’ dol fada gu leòr eadar teairrdsean (charges)

A-nis, tha e coltach gu bheil na bataraidhean air tighinn gu ìre. Chan eil iad feumach air ùine teairrdsidh ro fhada agus ruithidh iad suas ri 40 mìle eadar teairrdsean.

Ann an Alba bhiodh iad air leth feumail airson loidhnichean ann am mòr-sgìre Ghlaschu nach eil air an dealanachadh fhathast – Loidhne Cnoc a’ Bharra (Barrheid), Loidhne Chille Brìghde an Ear agus gu sònraichte Loidhne Cnoc Màiri.

Tha Cairdean na Loidhne a Tuath a’ bruidhinn air D-train fhaighinn airson loidhne a’ chinn a tuath gus seirbheis ionadail a chur air dòigh eadar Inbhir Theòrsa agus Inbhir Ùige.

Agus tha am Pàrtaidh Uaine air a bhith a’ beachdachadh air na D-trains a chleachdadh mar phàirt de sgeama gus stèiseanan agus rathaidean-iarainn ath-fhosgladh mar ‘pop-ups’ – bhiodh na trèanaichean seo air an cleachdadh le àrd-ùrlaran aotrom sìmplidh gus faighinn a-mach a bheil iarrtas ann air seirbheisean fad an t-siubhail. Thathar a’ moladh seo airson loidhne Allmhaigh-Ceann Chàrdainn-Dùn Phàrlain.

Tha seo uile glè mhath – ach cò ris a tha an trèana fhèin coltach? A bheil e sàmhach gu leòr, luath gu leòr, cofhurtail gu leòr?

Chaidh mi gu Bo’ness gus faighinn a-mach.

Bha an D-train ann gus tursan saor is an-asgaidh a thoirt dhan phoball agus gu riochdairean bho chompanaidhean rèile Diciadain, Diardaoin is Dihaoine an t-seachdain seo.

Aig ceann na loidhne aig Ceann-rèile Manuel

Bha fèill mhòr air na seirbheisean agus bha an trèana air an robh mi Dihaoine gu math làn. Tha loidhne Bo’ness gu math cas ach cha robh e idir doirbh dhan D-train sreap suas bho Bho’ness gu Manuel aig ceann na loidhne. Bha an trèana gu math sàmhach agus bha i math air luathachadh (acceleration) cuideachd.

A rèir coltais, chòrd an turas ris a h-uile duine air an trèana agus tha a’ chompanaidh Vivarail toilichte le mar a chaidh an deuchainn.

Tha mi an dòchas gum faic sinn tòrr a bharrachd den d-train ann an Alba gus seirbheis rèile nas fheàrr is nas uaine a thoirt dhuinn.

Alasdair

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Ath-fhosglaidhean, rathaidean-iarainn, Rathaidean-iarainn glèidhte, Rathaidean-iarainn neo-àbhaisteach agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to Rathad-iarainn pop-up? Turas air an D-train @bonessrailway @vivarail #gàidhlig

  1. Pingback: Aiseirigh Eileanach – Loidhne Eilean Wight #gàidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s