Doirt beagan siùcair orm, ann an ainm a’ ghaoil! Turas gu Sheffield 1 #gàidhlig #gaelic

‘S iad an dà rud as fheàrr leam san t-saoghal rathaidean-iarainn agus roc cruaidh.

Gach bliadhna bidh mi a’ dol air turas rèile gu àite ùr eadar an Nollaig agus a’ bhliadhna ùr agus am-bliadhna bidh mi a’ dol gu cathair-bhaile ann an Siorrachd York aig a bheil cliù airson an dà chuid ceòl agus rathaidean-iarainn – Sheffield.

‘S ann à Sheffield a tha Def Leppard, còmhlan a bha na phàirt den New Wave of British Heavy Metal aig deireadh nan 70an agus an uair sin a dh’fhàs ainmeil airson roc cruaidh nas popaich, gu sònraichte ann an Ameireagaidh.

 

 

Na clàran as fheàrr aig Def Leppard

Bha cluicheadair giòtair sònraichte math aca – Steve Clark. Bha e fìor mhath air a’ ghiotàir is bha coltas gu math cool air cuideachd. Bha postair dheth agam air mo bhalla aig an taigh nuair a bha mi nam dheugaire. Gu mì-fhortanach, bha droch thrioblaidean dibhe aig Steve agus chaochail e mar thoradh air seo aig aois fada ro òg ann an 1991.

74fd74c96bd002150131ceb0666603d0--gibson-guitars-s-music

Tha Steve air a thiodhlacadh ann an Sheffield agus tha mi a’ dol a thadhal air an uaigh aige nuair a bhios mi ann.

Fhad ’s a bhios mi ann, agus fhad ’s a tha mi ag èisteachd ri Def Leppard (gu sònraichte On Through the Night, High N’ Dry agus Pyromania nuair a bha iad fhathast ri meatailt cheart!) bidh mi a’ dol air seirbheis rèile gu math ùr is gu math eadar-dhealaichte.

Chan e trama a th’ ann agus chan e trèana a th’ ann – ’s e a th’ ann ach trama-trèana – measachadh den dà chuid. Tha iad gu math subailte oir faodaidh iad ruith air an rathad-iarainn àbhaisteach agus air slighe-trama cuideachd, a’ gabhail a-steach a bhith a’ ruith air an t-sràid.

2l-image-131

Trama-trèana Sheffield

Tha siostam thramaichean ann an Sheffield mar-thà agus chaidh na trama-trèanaichean a thoirt a-steach airson ruith gu Rotherham, baile mòr faisg air làimh, air an lìonra-rèile nàiseanta agus air adhart gu stèisean ùr Rotherham Parkway.

Tha seo uamhasach math ach chan e gnothach furasta a th’ ann idir. Tha rathaidean-iarainn is slighean-trama gu math eadar-dhealaichte ged a ruitheas an dà chuid air rèilean.  Airson a dhol air an rathad-iarainn mhòr, feumaidh na trama-trèanaichean a bhith gu math làidir is luath. Bidh iad air a’ mhòr-loidhne far am bi trèanaichean àbhaisteach ann a tha gu math trom agus gu math luath agus mar sin, feumaidh iad a bhith gu math “crashworthy” air eagal ’s gum buail iad ann an trèana guail! Aig an aon àm, chan urrainn dhaibh a bhith ro mhòr is ro throm a chionn ’s gum bi iad a’ ruith air an rathad cuideachd far  am bi daoine is càraichean is luchd-baidhseagail ann. A bharrachd air seo, tha slighean-trama gu tric gu math cas is gu math lùbach – rud nach eil idir freagarrach airson trèanaichean àbhaisteach.

‘S e deuchainn a tha seo agus ma bhios e soirbheachail, dh’fhaodte gun tèid a chleachdadh ann am bailtean eile. Thathar a’ beachdachadh air an teicneòlas seo airson Port Adhair Ghlaschu, mar eisimpleir, leis na trama-trèanaichean a’ ruith eadar Glaschu Mheadhain agus Pàislig air an lìonra-rèile nàiseanta agus an uair sin, a’ ruith air an t-sràid bho Phàislig dhan phort-adhair.

Mar sin, cò aig a tha fios nach fhaic sinn na trama-trèanaichean ann an Alba fhathast.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, Rathaidean-iarainn neo-àbhaisteach, tramaichean, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s