An rathad-iarainn as neònaiche sna Stàitean Aonaicte #gàidhlig

Bha tòrr sna meadhanan bho chionn goirid mu na taghaidhean meadhan-teirm anns na Stàitean bho chionn goirid.

Coma leat na poileataigs, ge-tà – an robh fhios agad gu bheil rathad-iarainn fo-thalamh aig Capitol nan Stàitean Aonaichte ann an Washington? Chan eil mi idir a’ ciallachadh meatro Washington – subway mòr ceart le còrr is 90 stèiseanan agus an treas subway as motha sna Stàitean as dèidh New York is Chicago. ’S ann a tha mi a-mach air siostam subway beag bìodach a tha a’ ceangail Taigh nan Riochdairean agus an Seanadh agus na h-oifisean aca ri chèile.

Chan e dìreach aon loidhne a th’ ann – tha trì loidhnichean le sia stèiseanan san t-siostam! Dh’fhosgail a’ chiad loidhne ann an 1909 ach an siostam air fàs bhon uair sin. Tha dràibhear air tè de na loidhnichean ach ‘s e trèanaichean fèin-obrachail a tha air na loidhnichean eile.

A bheil thu ag iarraidh a dhol air? Faodaidh tu – cho fad ’s a thèid thu air turas oifigeil den Chapitol.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Rathaidean-iarainn neo-àbhaisteach, rathaidean-iarainn thall thairis, Uncategorized agus a thagadh , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s