Ag ath-Chuimreachadh Sasainn! Turas dhan Chuimrigh 1 #gàidhlig #cymraeg #gaelic

Bha mi anns a’ Chuimrigh na bu thràithe air a’ mhìos seo gus pàirt a ghabhail ann an deireadh sheachdain nan cànanan ceilteach ann an Llangranog ann an Ceredigion.

Ghlac mi an trèana gu Cryw (Crewe) an toiseach far an do ghlac mi ‘Cymrustar’ (clas 175), an trèana as Cuumriche anns a’ Chuimrigh a tha a’ ruith nan seirbheisean eadar-chathrach uile san dùthaich.

Cuimrighstar_IMG_0954

Clas 175 “Cymru-star” ann an Cryw

An uair sin, rinn mi air Yr Amwythig, no Shrewsbury mar a th’ aig muinntir an àite air. Bha cùisean cànain gu mòr air m’ aire nuair a bha mi a’ feitheamh air an trèana agam gu Aberystwyth ann. Mhothaich mi an toiseach gun robh fios air na sgrìnichean digiteach sa Chuimris mu loidhne fiosrachaidh sa Chuimris.

Chuir mi tweet gu ScotRail mu dheidhinn a’ moladh an aon rud airson Alba.

‘S e freagairt gu math snog a bha sin ach cho dhùin mi gun robh mi airson beagan rannsachaidh a dhèanamh air àite na Gàidhlig is na Cuimris air na rathaidean-iarainn.

Mar a thachair e, bha artaigil ann an Today’s Railways UK mu rathaidean-iarainn na Cuimrigh agus lorg mi seo (ATW = Arriva Trains Wales, na daoine aig an robh am franchise mu dheireadh sa Chuimrigh):

Cuimris_IMG_1015

Bha mi a’ smaoineachadh gum biodh feum againn air iomairt gus iomradh fhaighinn air a’ Ghàidhlig an ath thuras a thèid seirbheis ScotRail a-mach gu tairge ann am beagan bhliadhnaichean gus dèanamh cinnteach gum biodh seirbheisean Gàidhlig rim faighinn.

An uair sin, ge-tà, lorg mi an cuireadh gu tairgseachadh (invitation to tender) a chur Còmhdhail Alba a-mach anns a’ phròiseas tairgsidh airson an fhranchise Scotrail a th’ againn an-dràsta. Bha iomradh aig a’ Ghàidhlig ann mar a leanas:

Alba_1016

Inntinneach! Tha mi a’ dol a dhèanamh beagan rannsachaidh air a’ cheist seo gus faicinn na chaidh aontachadh aig a’ cheann thall. Cùm sùil air a’ bhloga seo airson barrachd fiosrachaidh!

Mar a thachair e, nuair a bha mi a’ smaoineachadh air ceist na Gàidhlig sa chafaidh ann an stèisean Shrewsbury, choisich Cathlin NicAmhlaidh bho Sgoil Eòlais na h-Alba a-steach. Bha i air an t-slighe gu Aberystwyth airson co-labhairt agus bha e math cothrom a bhith againn Gàidhlig a bhruidhinn ann an Shrewsbury agus, gu dearbh anns a’ Chuimrigh oir bha sinn a’ feitheamh ris an aon trèana!

Fhad ’s a bha mi air an trèana, bha mi an sàs ann an iomairt cànain eile – airson soidhnichean Cuimris ann an Sasainn. Seadh, soidhnichean Cuimris ann an Sasainn!

Carson?

Tha franchise ùr dìreach air tòiseachadh anns a’ Chuimrigh. Tha Còmhdhail Cuimrigh a-nis a’ ruith nan trèanaichean uile anns a’ Chuimrigh agus anns na Crìochan. Tha a’ chompanaidh le Riaghaltas na Cuimrigh, tha i air a ruith air stèidh neo-phrothaid agus tha planaichean leasachaidh mòra fa-near dhaibh.

Mar phàirt den fhranchise ùr, tha ath-bhrandachadh (rebranding) a’ dol air adhart leis na trèanaichean agus stèiseanan. Tha soidhnichean ùra gu bhith aig na stèiseanan uile a tha air an ruith le Còmhdhail na Cuimrigh. Tha na stèiseanan sa Chuimrigh dà-chànanach  ach tha beagan stèiseanan ann an Sasainn a tha air an ruith leotha cuideachd agus tha iad sin sa Bheurla a-mhàin.

Airson a dhol eadar taobh tuath agus taobh deas na Cuimrigh air an trèana, feumaidh tu dhol tro Shasainn agus tha cuid de na prìomh chinn-rèile (junctions) ann an lìonra na Cuimrigh ann an Sasainn – gu sònraichte Chester (Caer) agus Shrewsbury (yr Amwythig). Tha na stèiseanan seo air an ruith le Còmdhail Cuimrigh. Tha an aon rud fìor a thaobh stèisean mòr Hereford (Henfordd) agus stèiseanan beaga Llanllieni (Leominster) agus Llwydlo (Ludlow).

Tha mi fada den bheachd gum bu chòir soidhnichean dà-chànanach a bhith air an loidhne seo – gu sònraichte aig Chester agus Shrewsbury oir tha iad mar phàirt de lìonra rèile na Cuimrigh – prìomh chinn-rèile airson seirbheisean eadar taobh tuath, taobh deas agus meadhan na Cuimrigh.

Tha ainmean Cuimris air na bailtean seo agus tha muinntir na Cuimris eòlach orra. Nas cudromaich na sin, ged a chanadh cuid “Ach tha iad ann an Sasainn”, bha Cuimris ga bruidhinn anns na sgìrean sin le muinntir an àite bho chionn beagan ghinealachdan.  Mar sin, cha bhiodh e a’ sparadh ‘cànan cèin’ air an àite, ach a’ cur fear de na cànanan dùthchasach ann an Shropshire, Cheshire agus Herefordshire air ais far am bu chòir dhi a bhith!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Chuimrigh, England, Gàidhlig, rathaidean-iarainn, Sasainn, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to Ag ath-Chuimreachadh Sasainn! Turas dhan Chuimrigh 1 #gàidhlig #cymraeg #gaelic

  1. Thuirt Marconatrix:

    “I know it’s difficult for someone who is not Welsh to understand but our language is very important to us. It’s being swamped at the moment and comments from service providers that question its need, whilst not intentionally so, are insulting.”

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s