Sa phost mu dheireadh, bha sinn air Pwllheli a ruigsinn, ceann loidhne Costa a’ Chambrian. Abair deagh bhaile!

Keith a Rhiseart ym Mhwllheli
Chualas is chunnacas Cuimris sa h-uile h-àite agus chaidh sinn gu bùth a bha a’ reic chuimhneachain do luchd-turais agus bha tòrr de na rudan sin anns a’ Chuimris. Chaidh sinn a-steach gu bùth charthannais an uair sin den t-seòrsa a chì thu air àrd-shràid sam bith agus bha na ficheadan de leabhraichean Cuimris ann. An uair sin, chunnaic mi bùth leabhraichean a bha a’ reic leabhraichean Cuimris a-mhàin. Alba – TAKE NOTE!
Às dèidh srùbag ann an café (far an robh tòrr Cuimris ri cluinntinn!) bha an t-àm ann a dhol air ais dhan trèana. A-rithist, bhuail e orm cho coltach ri stèisean Mhalaig a bha Stèisean Pwllheli!
Às dèidh turas sgoinneil air ais, rinn mi fhèin is Rhisiart air Aberstwyth.
Nis, tha sinn uile air an t-seann sgeulachd seo a chluinntinn:
“Chaidh caraid agam a-steach gu taigh-òsta sa Chuimrigh/air a’ Ghàidhealtachd/air an Ghaeltacht agus bha a h-uile duine a’ bruidhinn sa Bheurla ach nuair a chaidh mise a-steach, thionndaidh iad gu Cuimris/Gàidhlig/Gaeilge”.*
Nis, ’s e urban myth grod a tha sin a bhios daoine a tha an aghaidh nam mion-chànan a’ sgaoileadh ged nach eil e idir fìor. An turas seo, ge-tà, thachair rudeigin coltach ris rium!
Chaidh sinn a-steach dhan taigh-òsta agus bha a h-uile duine a’ bruidhinn na Cuimris, ach nuair a choisich sinn a-steach, thòisich iad air Gàidhlig is Gaeilge a bhruidhinn!
Carson?
Bha sinn aig Pop-Up Gaeltachd is Gàidhealtachd far an robh tòrr oileanaich à Oilthigh Aberystwyth ann!
Chuir e iongnadh orm cho math sa bha a’ Ghaeilge aig na h-oileanaich agus bha dithis no triùr ann aig an robh Gàidhlig na h-Alba cuideachd. Fìor dheagh oidhche!
Bha sinn a’ bruidhinn rud beag mu mhion-chànanan agus dòighean airson a bhith a’ tomhas cho beòthail is seasmhach sa tha iad. Bha sinn a-mach air na diofar domains anns am bi cànanan gan cleachdadh. B’ e quote na h-oidhche “Tha àiteachan ann sa Chuimrigh far an rachadh do mhuggadh tron Chuimris! Tha mi a’ dèanamh fiughair ris an latha nuair as urrainn dhuinn sin a ràdh mun Ghàidhlig!
Ri leantainn…
Alasdair
*Dh’fheuch mi ris an urban myth grot seo fhuasgladh roimhe. Ma tha duine sam bith am beachd gun do thachair seo dhaibh, chanainn gur e fear de na rudan seo a bh’ ann:
– bha na daoine ri codeswitching eadar Beurla agus an cànan eile agus cha do thuig an neach-aithris gun robh iad a’ bruidhinn measgachadh den dà chuid.
– ma tha blas làidir a’ mhion-chànain air cuideigin, tha e uaireannan doirbh do dhaoine bhon taobh a-muigh obrachadh a-mach an e Beurla no am mion-chànan a tha iad a’ bruidhinn.
– Agus ma tha fios aig duine sam bith far a bheil an taigh-òsta seo air a bheil na daoine seo a-mach far a bheil a h-uile duine comasach air Gàidhlig a bhruidhinn, leig fios thugam agus thèid mi ann a h-uile oidhche!