Soraidh slàn leis a’ Bhuckfast Express gu IBM #gaidhlig

Tha beatha an spotair thrèanaichean gu math glàmarach mar as àbhaist – a’ faicinn a’ Flying Scotsman, a’ dol gu àiteachan inntinneach ùr air an trèana, an t-Orient Express is tòrr a bharrachd.

Uaireannan eile, ge-tà, tha thu fuar is fliuch ann an àiteigin grod agus a’ faighneachd dhìot fhèin carson idir a tha thu ann agus dè idir a chaidh cho ceàrr air do bheatha.

’S ann mar sin a bha cùisean Disathairne nuair a chaidh mi air turas gu Stad IBM – IBM Halt ann an Inbhir Chluaidh air latha dorcha mosach.

Chaidh mi ann oir tha an stèisean gu bhith a’ dùnadh ann am beagan làithean.

Chaidh an stèisean a thogail gus factaraidh IBM a fhrithealadh ach tha am factaraidh a-nis dùinte agus air a leagail agus chan eil rud sam bith faisg air làimh idir.

Anns na beagan mhìosan mu dheireadh, cha robh ach glè bheag de dhaoine a’ cleachdadh stèisean IBM agus a rèir coltais, bha trioblaid ann le dol-a-mach mì-shòisealta le òigridh a’ dol ann airson a bhith ag òl Buckfast anns an t-Seòmar-feitheimh fad air falbh bho an cuid phàrantan…  Bha seo am measg nan adhbharan aig ScotRail is Network Rail airson an stèisean a dhùnadh.

A rèir coltais, chan fheum na h-ùghdarrasan pròiseas dùnaidh reachdail a leantainn air a shon a chionn ’s nach deagh an stèisean fhosgladh san dòigh àbhaisteach leis gur e stèisean airson factaraidh prìobhaideach a bh’ ann seach stèisean poblach àbhaisteach (ged a b’ urrainn dhan phoball a chleachdadh).

Air an làimh eile, a chionn ’s nach eilear a’ dùnadh an stèisein gu h-oifigeil – tha e dìreach ‘mothballed’, bidh e tòrr nas fhasa ath-fhosgladh san àm ri teachd ma bhios feum air – agus tha deagh sheansa gum bi oir tha làrach an t-seann fhactaraidh gu math mòr agus tha fios gun tèid taighean no àiteachan obrach a thogail air ann an ùine nach bi fada.

Bha an turas air fad gu math retro oir bha mi air clas 314, seòrsa trèana a tha gu bhith a’ dol à seirbheis ann am beagan mhìosan.

Bha mi ri eadar-theangachadh air an laptop agam air an t-slighe ann is mar sin, chaidh an turas seachad gu math luath. Bhruidhinn fear nan tiocaidean rium “Eil fhios agad gu bheil an stèisean gu bhith a’ dùnadh a dh’aithghearr – agus nach eil rud sam bith idir ann?”

“Tha, taing” arsa mise “’s e trainspotter a th’ annam agus tha mi airson a dhol ann mus tèid a dhùnadh!”

A rèir coltais, cha bu mhise an aon duine leis a bheachd sin. Chaidh mi far na trèana còmhla ri dithis eile a chaidh ann a dh’aona-ghnothach gus an stèisean fhaicinn agus chaidh aon duine air an trèana aig IBM.

Cha robh cus ri fhaicinn aig an stèisean, feumar a ràdh. Stèisean beag àbhaisteach le aon àrd-ùrlar agus seòmar-feitheimh. Tha e os cionn an Spango Valley (abair ainm cool!) eadar Inbhir Chip agus Branchton air loidhne Inbhir Chluaidh. Nuar a thèid thu a-mach às an stèisean, chì thu làrach mhòr , falamh far an robh am factaraidh. Chan eil rud sam bith ann agus bha e caran doirbh an t-slighe a lorg mach às an làraich!

An uair sin, rinn mi air Stèisean Branchton, mu mhìle dhan iar. Abair àite gruamach – taighean comhairle bho meadhan na 20mh linn a tha liath agus air an dealbhadh, a rèir coltais, gun a bhith smaoineachadh idir mu ghoireasan no air coltas an àite. Àite stèidhichte air gnìomhachasan a chaidh a dhùnadh anns na 1980an agus a tha gun adhbhar bìdh sna làithean seo. A chionn ’s gu bheil e ann an gleann caran àrd is tana, tha e gu math coltach ri fear de na glinn ann an taobh deas na Cuimrigh às dèidh dùnadh nam mèinnean.

Air latha fuar, fliuch, dorcha grot, tha e a’ faireachdainn is a’ coimhead nas miosa buileach!

Chaill mi an trèana aig Branchton ach mhothaich mi gun robh taigh ri taobh an stèisein air an robh ainm Gàidhlig “Le Spairn” – gu math iomchaidh!

Bha e ro fhliuch airson fuireach ann am Branchton agus bha cha mhòr uair ann dhan ath stèisean is mar sin, choisich mi air adhart gu stèisean Drum Fraochair – baile a tha gu math grod a dh’aindeòin ainm brèagha!

Às dèidh sin, bha mi gu math feumach air deochag is mar sin, cheannaich mi botal fìona air an t-slighe dhachaidh airson òl air an oidhche sin. Chan e Buckfast a bh’ ann!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s