Broc of Ages – taistealachd roc gu Sheffield #gàidhlig #defleppard

Bho chionn 27 bliadhna rè saor-làithean na Nollaige, bha mi ag ullachadh airson prelims nan Àrd-ìrean agam san àrd-sgoil. Bha mi beò-glaicte le ceòl roc/meatailt agus latha no dhà mus do thòisich na deuchainnean agam, chuala mi an naidheachd dhuilich gun do chaochail Steve Clark, fear de na cluicheadairean giotàir aig Def Leppard. Cha robh e ach 30 agus bha e air bàsachadh mar thoradh air trioblaidean le deoch-làidir.

Bhris seo mo chridhe.

74fd74c96bd002150131ceb0666603d0--gibson-guitars-s-music

Bha Steve Clark cho cool – ’s e cluicheadair giotàir fìor fìor mhath a bh’ ann, sgrìobh e na riffs as fheàrr aig Def Leppard agus bha coltas fìor mhath air cuideachd. Bha mi ag iarraidh a bhith coltach ris.

Chuir mi romham an uair sin gum bu toil leam tadhal air uaigh Steve ann an Sheffield latha de na làithean nam biodh an cothrom agam. Agus bha an cothrom sin agam an t-seachdain seo fhèin, mu dheireadh thall.

Gach bliadhna, bidh mi a’ dol air turas rèile eadar an Nollaig agus a’ Bhliadhna Ùr. Am-bliadhna, chaidh mi gu Sheffield, baile mòr na stàilinn, gus na tram-trèanaichean ùra an sin fhaicinn. ‘S e a th’ ann an tram-trèana ach carbad a tha comasach air ruithe mar trama air an t-sràid agus cuideachd mar trèana air an rathad-iarainn. Seo post a sgrìobh mi mu dheidhinn nan tram-trèanaichean bho chionn ghoirid. Thug seo cothrom dhomh na tramaichean fhaicinn, uaigh Steve Clark fhaicinn – agus a bhith anns a’ bhaile far an deach an Dr Who ùr fhilmeadh cuideachd!

Thòisich an latha agam aig 5.00 airson trèana CrossCountry 06.01 gu Plymouth taobh Sheffield a ghlacadh. Chaidh mi gu Stèisean a’ Mheadhain ann an deagh àm agus fhuair mi a-mach gun deach an trèana agam a chur dheth agus bha agam ri feitheimh uair a thìde airson trèana eile. Bha sin a’ ciallachadh gum biodh nas lugha de thide agam ann an Sheffield, ach aig an aon àm, bha deagh leabhar agam, bha an trèana còrr is uair a thìde air dheireadh is mar sin, gheibh mi an t-airgead air fad agam air ais agus fhuair mi turas eadar Glaschu is Sheffield saor is an-asgaidh!

Turas saor is an-asgaidh gu Sheffield air an HST

Ràinig mi Sheffield mu dheireadh thall aig meadhan-latha agus rinn mi air stad nan tramaichean taobh a-muigh Stèisean Sheffield.

Cha b’ fhada gus an tàinig trama a bha a’ dol gu tuath agus gun robh sinn air an drochaid trama a nochd ann an Dr Who bho chionn goirid! Gu fortanach, cha robh sgeul air na damhain-allaidh mhòra a rinn sgrìos air a’ bhaile ann an Dr Who….

Tha siostam thramaichean gu math mòr ann an Sheffield. Dh’fhosgail a’ chiad phàirt den lìonra ann an 1994 agus tha e air leudachadh mean air mhean bhon uair sin, leis an loidhne as ùire eadar Meadowhall a Deas, Rotherham Central is Parkgate anns an ear-thuath a’ tòiseachadh ann an 2018 leis na tram-trèanaichean ùra.

sheffield-tram-map

Lionra thramaichean Sheffield

Cha robh cus tìde agam agus mar sin, rinn mi air Malin Bridge an toiseach, an stad as fhaisg air uaigh Steve Clark.

Chan eil cladh Wisewood ach beagan is mìle air falbh bhon stad trama agus tha e a’ coimhead gu math furasta air a’ mhapa ach an da-rìribh, tha e air mullach cnuic agus tha an rathad ann gu math gu math cas! Mar sin, is math gun robh mi feumach air beagan eacarsaich às dèidh na Nollaig!

Gu dearbha, tha cathair Sheffield gu math cnocach le tòrr ghleann ann agus tha tòrr aibhnichean agus canàlaichean ann am meadhan a’ bhaile. Tha e follaiseach bho stoidhle nan toglaichean gu bheil thu ann an Siorrachd York agus bho chruth na tìre tha e soilleir cuideachd cho faisg ’s a tha thu air na Derbyshire Dales aig an aon àm.

Às dèidh lethuair a thìde, ràinig mi cladh Wisewood agus cha b’ fhada gus an do lorg mi clach-uaighe Steve Clark. Ged a tha cha mhòr 30 bliadhna air a dhol seachad bho a bhàs ro-òg, tha e follaiseach gu bheil tòrr mòr dhaoine deidheil air a obair fhathast oir bha gu leòr flùraichean, pleactraman, teipichean is eile ann.

Clach-uighe Steve Clark aig Def Leppard, Sheffield

Ri leantainn…..

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an England, Metrothan, rathaidean-iarainn, tramaichean agus a thagadh , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s