Lionra thramaichean fantasach Inbhir Nis! #gàidhlig

Tha an sgrìobhaiche siubhail agus Esperantisto Inbhir Niseach Simon Varwell air artagal a sgrìobhadh a tha a’ beachdachadh air dè seòrsa siostam meatro a dh’fhaodadh a bhith aig a bhaile.

Chithear na molaidhean aige aig: http://www.simonvarwell.co.uk/iarann/

Gu math inntinneach!

Aig an àm seo, chan eil teansa sam bith gun rachadh siostam thramaichean a thogail ann am baile caran beag mar Inbhir Nis, ach tha gu leòr bailtean eile san Roinn Eòrpa den aon mheud agus aig a bheil siostaman còmhdhail den t-seòrsa a tha Simon a’ moladh.

Tha lèirsinn a dhìth oirnn ann an Alba a thaobh còmhdhail!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to Lionra thramaichean fantasach Inbhir Nis! #gàidhlig

  1. Thuirt Steaphan MacRisnidh:

    Is e mo bheachd gum feum Alba na rathaidean tollach air feadh na Gàidhealtachd a leasachadh an toiseach gus am bi iad cho mìn, rèidh ris an rathad Shlèiteach eadar Sàsaig/Fearann Dòmhnaill agus An t-Àth Leathann. An uairsin, tha còir aca an rathad-iarainn a leudachadh bhon Chaol chun an Àth Leathainn agus an sin gu Port Rìgh, agus gu Ulapul bhon Chaol no gu Ulapul bho Inbhir Nis. Chan e lèirsinn a tha seo ach rud àbhaisteach aig dùthaich bheartach mar a tha Alba mur b’e an staid aice fo chìs Westminster!

    Liked by 1 duine

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s