Bidh fios aig luchd-leughaidh a’ bhloga seo nach eil mi uabhasach deidheil air an Dr Beeching (Tuiteam gun Èirigh air agus Leac air a’ Bheul).
Bha an Dr Olc na chathraiche air British Rail agus sgrìobh e an aithisg Reshaping Britain’s Railways ann an 1963 a mhol gun rachadh mun treas cuid de na stèisean rèile a dhùnadh agus nach biodh seirbheisean do luchd-siubhail ann tuilleadh air mu 5,000 mile de rathad-iarainn.
Rinn dùnadh nan rathaidean-iarainn sgrìos uamhasach ach nam bheachdsa, bha aon gheàrradh ann a bha gu sònraichte dona.
B’ e sin an rathad-iarainn eadar Aberystwyth agus Carmarthen anns a’ Chuimrigh. Rinn seo cron mòr air an dùthaich agus air a’ chànan.
Bha e follaiseach nach robh an Dr Olc a’ coimhead air a’ Chuimrigh mar nàisean idir oir b’ e seo an t-aon rathad-iarainn eadar taobh a tuath is taobh a deas na Cuimrigh. Tha ceanglaichean rèile matha ann eadar a’ Chuimrigh air fad agus Sasainn ach chan eil ceanglaichean matha idir ann eadar taobh tuath is taobh deas na Cuimrigh fhèin. Tha seo gu sònraichte dona a chionn ’s gu bheil e a’ fàgail nach eil ceanglaichean matha ann eadar na bailtean is sgìrean far a bheil a’ Chuimris as trèasa sa choimhearsnachd.
Cha bhiodh seo cho cudromach nan robh rathaidean luath math ann eadar taobh tuath agus taobh deas na dùthcha, ach cha robh sin ann aig àm Beeching agus gu dearbh, chan eil e ann san latha an-diugh nas motha.
Seo dealbh bho Wales Online a tha air sealtainn na rinn Beeching (Tuiteam gun Èirigh air agus Leac air a Bheul).
Tha laigsean na lìonra rim faicinn air a’ mhapa seo de rathaidean-iarainn uile na Cuimrigh. Mar a chì thu, tha na loidhnichean uile a’ ruith bho iar gu ear agus chan eil mòran cheanglaichean ann eadar tuath is deas idir. Chan e siostam nàiseanta a th’ ann idir oir chan eil e a’ ceangail an nàisean ri chèile.
Gu fortanach, tha buidheann ann a tha a’ feuchainn ri cur an-aghaidh an ana-cheartais seo – Traws Link Cymru – a tha airson na loidhne bho thuath gu deas ath-fosgladh. Bhiodh seo math dhan eaconomaidh, dhan chànan agus dhan nàisean – le bhith a’ togail barrachd cheanglaichean taobh a-staigh na dùthcha.
Seo mapa a’ sealltainn cò ris a bu chòir dhan lìonra a bhith coltach (leis na loidhnichean a bu chòir a bhith air ath thogail ann an gorm is dearg).
Rinneadh sgrùdadh comais air na chosgadh e an loidhne eadar Caerfyrddin/Carmarten agus Aberystwyth ath-fhosgladh agus fhuaireadh a-mach gun gabhadh a dhèanamh air prìs £750m no mar sin. ‘S e airgead mòr a tha sin a rèir cuid, ach chosgadh Riaghaltas na Cuimrigh no na h-Alba no na RA sin air motorway gun fiù ’s a smaoineachadh mu dheidhinn. Gu dearbha, tha e coltach gun cosg an M4 Relief Road faisg air Casnewydd/Newport còrr is £1 billean. Bhiodh e tòrr na b’ fheàrr cur às dhan rathad sin agus dhan truilleadh a thigeadh na chois agus an t-airgead a cheachdadh gus an dùthaich aonachadh!
Alasdair