Is toil leam a’ Chuimrigh, is toil leam gach gleann! #Gàidhlig

Bha sinn anns a’ Chuimrigh bho chionn goirid airson làithean-saora ann an Caerdydd (Cardiff) far a bheil caraid againn a-nis a’ fuireach.

Bha turas inntinneach againn ann agus bha cothrom againn modh-chòmhdhail gu tùr ùr fheuchainn.  Chaidh sinn gu Bristol air a’ phlèana  agus an uair sin, rinn sinn air meadhan a’ bhaile air a’ bhus bhon phort-adhair. Chan e bus àbhaisteach a bha seo ach ‘bus-treòraichte’ no ‘guided bus’.

Bus_on_the_Cambridgeshire_Guided_Busway,_in_Longstanton,_Cambridgeshire,_England

Bus air slighe-bus thrèoraichte ann an Siorrachd Cambridge (Bho Wikipedia Commons)

Dè th’ ann am bus-treòraichte? ’S e a th’ ann ach bus a bhios a’ ruith air slighe-bus threòraichte – rudeigin a tha car coltach ri rathad-iarainn le trac de choncraid seach rèilichean iarainn. An àite a bhith a’ ruith air rathad-àbhaisteach, tha na busaichean a’ ruith air slighe leotha fhèin. Tha ‘cuibhleachan treòrachaidh’ no ‘guide wheels’ air a’ bhus a tha ga chumail air an trac.

Bhiodh slighean-bus àbhaisteach a tha sgaraichte bhon trafaig a cheart cho math mar as trice ach le slighean-bus treòraichte, tha rud beag nas lugha de thalamh a dhìth agus gu tric, tha iad air an togail far an robh seann rathad-iarainn. Ann an suidheachadh mar seo, tha rùm gu leòr ann airson slighe-bus treòraichte far nach biodh rùm gu leòr ann airson slighe-bus àbhaisteach.

A bharrachd air an t-siostam ann am Bristol, tha siostaman ann an Cambridge, Leigh-Salford-Manchester agus Luton gu Dunstable.

Bha am bus-treòraichte math ach chanainn gum biodh rathad àbhaisteach do bhusaichean a-mhàin a cheart cho math agus gum biodh slighe-trama, rathad-iarainn no busaichean-tràilidh na b’ fheàrr.

An uair sinn, ràinig sinn Bristol Temple Meads, cridhe ìompaireachd rathad-iarainn a’ Ghreat Western, aig a bheil togalach fìor àlainn a tha coltach ri àrd-eaglais no caisteal (ged nach eil mòran na bhroinn!).

Rinn sinn air Caerdydd an an trèana agus taobh a-staigh trì cairteil na h-uarach agus às dèidh turas tro Thunail an t-Severn, bha sinn ann am prìomh bhaile na Cuimrigh.

Clas 165 aig Caerdydd Canalog

An trèana eadar Bristol agus Caerdydd

Bha rugbaidh a’ dol air adhart eadar a’ Chuimrigh agus an Eadailt bha tòrr deoch is sabaid a’ dol ann am meadhan a’ bhaile le poileas agus luchd-ambulans air feadh an àite – agus bha dìle bhàite ann cuideachd. Uile gu lèir, bha e mar nach do dh’fhàg sinn Glaschu!

An ath mhadainn ann an solas an latha agus leis an turadh ann, bha cothrom againn coimhead mun cuairt agus faicinn cho math ’s a tha am baile. Tha mi air a bhith ann an Caerdydd turas no dhà roimhe ach bha mi ann le m’ obair agus chuir mi seachad a’ mhòr-chuid den àm aig Bae Caerdydd/Bàgh Chaerdydd faisg air an t-Seanadh Nàiseanta. An turas seo, bha sinn ann am mheadhan a’ bhaile.

Tha Caerdydd sgoinneil oir:

  • Tha Cuimris air feadh an àite!
  • Tha na bùithtean math – tha meadhan a’ bhaile tòrr nas beòthaile na meadhan Ghlaschu no Dhùn Èideann agus chan eil an uiread idir ann de bhùithean dùinte eu-coltach ri Sràid Sauchiehall a tha cha mhòr na fàsach sna làithean seo. Tha tòrr bùithtean beaga ann sna h-arcades ann am meadhan a’ bhaile agus chan e dìreach na mòr-bhùithtean àbhaisteach.
  • Tha Seanadh na Cuimrigh ann!
  • Agus, a-rithist, tha tòrr Cuimris ri faicinn – agus chuala mi i cuideachd trì no ceithir tursan.

Chaidh sinn air an turas bus fosgailte do luchd-turais agus chaidh sinn dhan Chaisteil. Tha an caisteal gu math psychedelic agus gu math coltach ri Mount Stuart ann an Eilean Bhòid, a chaidh a thogail leis an aon duine,  Marcais Bhòid.

Nuair a bha na nigheanan trang a’ dèanamh rudan eile, rinn mi air Stèisean Sràid na Banrigh (seadh, coltach ri Glaschu, ’s e Queen Street agus Central a th’ air na prìomh stèiseanan!) leis an amas barrachd de lìonra rèile na Cuimrigh fhaicinn.

Cha robh cus tìde agam agus mar sin, chuir mi romham a dhol air na loidhnichean mu dheireadh ann an Caerdydd fhèin nach do dh’fheuch mi roimhe.

Thoisich mi le meur-loidhne Coryton agus chaidh mi an uair sin gu Radyr (no Radur sa Chuimris). Nuair a bha mi òg, bha tòrr de na h-ainmean-stèisean sa Chuimrigh a’ còrdadh rium, gu sònraichte Radyr agus Cathays.  Fhuair mi cothrom a dhol gu Radyr mu dheireadh thall ach ’s e briseadh dùil a bh’ ann an Cathays – shaoil mi gur ann mar ‘Cathays’ a chanadh tu e ach a rèir coltais, ’s ann a tha e air fuaimneachadh mar ‘Cat-hays’ – chan eil sin idir cho snog!

Stèisean Coryton, Caerdydd

Abair deagh dhùthaich! Is toil leam a’ Chuimrigh, is toigh leam gach gleann…

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Chuimrigh, busaichean, rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s