Ma tha thu air a bhith ann an Ath Bruic/Ibrox bho chionn goirid, is dòcha gun do mhothaich thu gu bheil tòrr obair togail a’ dol air adhart eadar Stadium Rangers agus an Stèisean Poilis mòr.
‘S ann a tha iad a’ togail rathad-iarainn ùr.
Tha trèanaichean ùra gu bhith aig an Subway agus thathar an dùil gun tig iad a Ghlaschu am-bliadhna fhathast. Feumar deuchainnean a dhèanamh air na trèanaichean ùra seo agus tha tòrr teicneòlas ùr ann ri dhearbhadh oir bidh na trèanaichean seo gun dràibhear.
Tha an loidhne ùr seo a’ ruith gu deas bho depot an t-Subway anns a’ Bhroomieloan gu faisg air an rathad-iarainn nàiseanta eadar Glaschu agus Pàislig.

Bho làrach-lìn RailScot
Bha loidhne rèile an seo roimhe – Meur-loidhne Bhaile Ghobhainn aig an robh stèisean ann an Ath Bruic agus ann am Baile Ghobhainn fhèin faisg air far a bheil Bun-sgoil Taobh na h-Aibhne suidhichte an-diugh. Dhùin stèisean Bhaile Ghobhainn air ais anns na 20an mar thoradh air co-fharpais bho na tramaichean ach bha stèisean Ath Bruic fosgailte gu 1967.

Loidhne deuchainn an t-Subway, Ath Bhruic
Bha loidhne deuchainn aig an Subway roimhe a chaidh a chleachdadh airson nan trèanaichean ùra a chaidh a thoirt a-steach ann an 1980. Cha deach a chleachdadh fad iomadh bliadhna ge-tà agus bha e ann an droch staid gus bho beagan mhìosan air ais.

Mar a bha an loidhne deuchainn bho chionn 10 bliadhna
Tha seo uile a’ ciallachadh gum bi cothroman againn na trèanaichean ùra fhaicinn os cionn na talmhainn agus dealbhan a thogail.
Alasdair
Gu math innteanach! Bha an-seo math dha-riribh! Moran taing!
'S toil'S toil