Chaidh sinn dhan Bhaile Siorraidh – an Ròimh – bho chionn goirid gus coimhead air na h-àiteachan ainmeil – a’ Bhatacan, an Colosseum agus mar sin air adhart. Ach a bharrachd air sin, bha mi ag iarraidh na trèanaichean, tramaichean agus tràilidhean fhaicinn agus ionnsachadh mun t-siostam còmhdhail aca.

An Leonardo Express – an trèana eadar Roma Termini agus Port-adhair Leonardo Da Vinci
Thòisich an turas againn le plèana gu Amsterdam. Ged a bha sinn a’ dol gu dùthaich bhlàth ann an Ceann a Deas na h-Eòrpa, bha mi a’ leughadh leabhar air a’ phlèana mu eilean gu math fuar gaothach ann an iar-thuath na h-Eòrpa – na Blascaodaí ann an Èirinn. Leugh mi leabhar Peig ann an Eivissa (Ibiza) dhà no trì bliadhnaichean air ais is mar sin, an turas seo, cuir mi romhan the Western Island le Robin Flowers (Bláithin) an turas seo!
Bha am plèana againn air dheireadh a’ ruigsinn Amsterdam Schiphol agus bha againn ri ruith dhan ath phlèana. ‘S e port-adhair air leth fhèin mòr a th’ ann an Schiphol agus bha againn ri ruith gun sgur fad lethuair a thìde gus am plèana againn a ghlacadh agus is gann gun do ghlac sinn am plèana againn aig a’ cheann thall.
Nuair a ràinig sinn an geata mu dheireadh thall, bhruidhinn mi ri Sasannach a bha na sheasamh rim thaobh.
“Duilich a charaid” arsa e, “chan eil Dùidsis agam!”
Tha seo dìreach a’ dearbhadh gu bheil mo chuid Beurla a’ dol am miosad!
Nuair a ràinig sinn Port-adhair Leonardo Da Vinci, ghlac sinn an trèana dhan taigh-òsta againn. Tha roghainn ann eadar trèana luath gu meadhan a’ bhaile air €14 no trèana nas saoire gu iomall a’ bhaile air €8 Euro. Ghlac sinn an trèana shaor oir bha sinn ag amas air stèisean Trestevere seach air Termini – Glaschu Mheadhain na Ròimhe!
Bha dà rud cool mun turas. Sa chiad dol a-mach, ’s e trèana double decker a bh’ innte. San dàrna àite, tha adan sgoinneil aig stiùirichean nan trèanaichdean – gu math snasail agus seann sgoil!
Aig an stèisean, chunnaic sinn trama Ròmanach airson a’ chiad uair. Mar a bhiodh tu an dùil airson prìomh bhaile, tha measgachadh ann de dhiofar dhòighean còmhdhail – trèanaichean, meatro, busaichean agus fiù ‘s busaichean-tràilidh. Tha na prìsean gu math ìosail cuideachd – €1.50 airson 1 turas trèana/trama/meatro agus/no suas ri 100 mionaid air seirbheisean bus agus €7 airson tiocaid fad latha. Abair bargan an taca ri Alba!
Choisich sinn an uair sin dhan taigh-òsta agus mhothaich sinn gun robh dà stereotype mun Ròimh fìor. Sa chiad dol a-mach, bha na dràibhearan craicte agus cha robh iad a’ toirt mòran feart air na pedestrian crossings. San dàrna àite, tha am moped gu math mòr-chòrdte sa bhaile. Chunnaic sinn barrachd san Ròimh ann an lethuair a thìde na chunnaic mi nam bheatha ann an Alba.
Nuair a ràinig sinn an taigh-òsta, bha sinn toilichte fhaicinn gu bheil an Ròimh gu math coltach ri Glaschu oir bha àite air taobh eile na sràide a bha coltach ri gasworks Pròbhain! (Ach cha robh postair Mr Happy le “Glasgow’s Miles Better” ann gu mì-fhortanach….)
Às dèidh cuairt gu meadhan a’ bhaile agus turas air bus fosgailte an luchd-turais, rinn sinn air a’ Bhatacan. Tha mi beò-ghlacte le meanbh-stàitean – microstates – dùthchannan fìor bheag. Tha còig ann san Roinn Eòrpa, A’ Bhatican, Monaco, Andorra, San Marino agus Liechtenstein agus ’s e a’ Bhatacan an tè as lugha aca.
Nis, tha mi air Ceàrnag Naomh Pheadair fhaicinn air an TBh iomadh turas ach tha e coimhead gu math eadar-dhealaichte nuair a chì thu e an a-rìribh agus bha greis ann mus do thuig mi gun robh sinn ann!.

Ceàrnag Pheadair, A’ Bhatacan
Ged is e dùthaich fìor bheag a th’ anns a’ Bhatacan, chan eil mòran dhith fosgailte dhan t-sluagh. A bharrachd air Ceàrnag Pheadair, Bàislig Pheadair agus an Taigh-tasgaidh, tha a’ mhòr-chuid den dùthaich dùinte dhan phoball mar as trice.
Mar sin, bha mi air tiocaidean a chur air dòigh airson an ath latha airson a dhol air turas sònraichte de Ghàradh na Bhatacain gus am faicinn barrachd den dùthaich bhig sgoinneil seo!
Abair latha – ceithir dùthchannan ann an aon latha – Alba, na Tìrean Ìosail, an Eadailt agus a’ Bhatacan uile!
Ri leantainn…..
Alasdair
Air m’ i-pod: The Hooters One Way Home (1987). Pop-roc foirfe à Philidelphia!
An leabhar agam: The Western Island, Robin Flowers.