Am Broc air slighe na fìrinne – turas dhan Bhatacan II #gàidhlig

Ged nach robh sinn air a bhith san Eadailt ach fad oidhche, dh’fhàg sinn an dùthaich tràth sa mhadainn agus chaidh sinn gu dùthaich eile . Cha robh sinn a’ dol fada, ge-tà, dìreach dhan Bhatacan.

Fhuair sinn an trèana gu Roma San Pietro, an stèisean as fhaisg air a’ Bhatacan. Cha do chosg e ach €1 an urra – rud a chuir iongnadh oirnn oir tha a’ cosg barrachd na sin a bhith a’ fiù ’s a’ coimhead air trèana ScotRail ann an Alba!

Bha fios againn gun robh sinn a’ dol gu doras Taighean-tasgaidh a’ Bhatacain seach gu Ceàrnag Pheadair ach bha e gu math doirbh a lorg agus choisich sinn timcheall air a’ Bhatacan taobh a-muigh a’ bhalla (am balla a chithear ann am Mission Impossible!) agus nuair a tha cabhag ort agus nuair a tha droch uisge ann, tha an dùthaich bheag seo a’ faireachdainn tòrr nas motha na tha i!

Vatican-City-Map-Detailed-View-768x586

A’ Bhatacan – tòrr nas motha na shaoileadh tu!

Bha sinn toilichte nuair a ràinig sinn an taigh-tasgaidh mu dheireadh thall airson ar turais. A bharrachd air a bhith a’ faicinn an taigh-tasgaidh, agus a’ Bhàisilig, bha sinn air turas sònraichte far am faiceamaid Gàraidhean na Bhatacain cuideachd – àite a tha prìobhaideach mar as àbhaist.  Nuair a tha dùthaich cho beag, tha e cudromach gum faigh thu cothrom gu leòr dhith fhaicinn agus chan e dìreach oisean dhìth!

Nuair a chaidh sinn a-steach dhan Bhatacan, bha e follaiseach gun robh sinn ann an dùthaich eadar-dhealaichte. Bha àireamhan clàraidh eadar-dhealaichte air na carabadan uile sa Bhàtacan agus chunnaic sinn càraichean poilis agus einnsein smàlaidh aig feachdan na Bhatacan. Tha bogsaichean puist airson Post Vaticane cuideachd – an t-seirbheis puist aig a’ Bhatacan agus tha iad a’ dèanamh nan Euros aca fhèin cuideachd. Agus gu dearbh, tha bratach aca cuideachd.

 

 

Chuir e iongnadh orm cho mòr sa tha na gàraidhean – tha iad tòrr nas motha na tha iad a’ coimhead air a’ mhapa agus chan eil iad idir cho còmhnard sa tha iad a’ coimhead. Tha iad loma làn ìomhaighean agus tha modail ann de shrine Lourdes.

Ged nach eil creideimh agam, bha ùidh shònraichte agam ann an shrine Lourdes oir ‘s ann a tha an sgrìobhadh air ann an Occitan. A rèir coltais, cha robh Fraingis aig an tè ris an do nochd Muire ann an Lourdes agus bhruidhinn Muire rithe san Occitan.

IMG_1457

A thaobh còmhdhail tha helipad ann agus cuideachd stèisean rèile. Tha an lìonra-rèile as lugha san t-saoghal aig a’ Bhatacan le dìreach aon stèisean agus beagan slatan de thrac! Ged nach robh cothrom gu bhith againn a dhol air trèana ann, bha mi an dùil gum faiceamaid an stèisean.

Vatican_City_Railway

Leughar barrachd mu rathad-iarainn a’ Bhatacain agus nam meanbh-stàitean eile sa phost-bloga seo – Trèana Dhè – Rathaidean-iarainn ann am mion-stàitean na h-Eòrpa.

Mar a thachair e, chan fhaca sinn an stèisean idir oir a rèir coltais, cha ghabh fhaicinn bhon ghàrradh!

Ged a tha stèisean sa Bhatacan, cha robh i ga chleachdadh cus agus airson iomadh bliadhna, cha robh seirbheis sam bith ann do luchd-siubhail, dìreach beagan bathair an siud ’s an seo. Dh’atharraich sin beagan bhliadhnaichean air ais, ge-tà, agus tha trèana a’ ruith ann gach Disathairne as t-samhradh mar phàirt de thuras eadar a’ Bhatacan agus Castel Gandolfo, dachaigh samhraidh a’ Phapa. Bu toil leam fheuchainn latha de na làithean.

Ach ged nach robh cothrom agam a dhol air rathad-iarainn a’ Bhatacan “slighe na fìrinne” mar a th’ agam air, bha cothrom gu bhith agam a dhol air bus-tràilidh nas fhaide air adhart air an aon latha!

Ri leantainn…

Alasdair

*Sa Ghaeilge, tha “sli na fìrinne” a’ ciallachadh bàs…

 

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn thall thairis, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s