Rete filoviaria di Roma – Turas dhan Ròimh III #gàidhlig

Às dèidh an turais againn dhan Bhatacan, bha sinn gu math gu math sgìth. Ged is e dùthaich bheag bhiodach a th’ innte, bha sinn air tòrr mòr coiseachd a dhèanamh eadar na gàraidhean, an taigh-tasgaidh agus Bàisilig Pheadair.

Tha e sgìtheil cuideachd a bhith a’ coimhead air an uiread de dhealbhan is ìomhaighean ainmeil agus ailtearachd air leth – às dèidh greis, fàsaidh tu caran blasé leis gu bheil an uairead de dh’obraichean ealain is bling ann!

Bha sinn gu math feumach air rudeigin ri ithe is ri òl, ach ged a tha cafaidh ann an taigh-tasgaidh a’ Bhatacan, cha robh cothrom againn a dhol ann a chionn ’s gun robh sinn air turas- treòraichte. Bha sin a’ cur orm rud beag oir mar as trice, airson a ràdh gun do thadhal mi air dùthaich, tha mi a’ creidsinn gum feum mi cadal ann– no aig a’ chàr as ìsle, gum faigh mi srùbag ann!*

A dh’ aindeoin seo, ge-tà, bha mi a’ faireachdainn aig a cheann thall gun robh mi air tadhal air a’ Bhatacan agus chuir mi a-steach i dhan aplacaid Been a bhios a’ clàradh nan dùthchannan air an do thadhail thu.

img_1879

Seo na dùthcannan uile anns an robh mi gu ruige seo – 24% de dhùthchannan na Roinn Eòrpa agus 5% de duthchannan uile an t-saoghail a rèir Been

Leis a sinn, rinn sinn air an Eadailt a-rithist agus lorg sinn taigh-bìdh math faisg air làimh air prìs reusanta agus le deagh bhiadh. Nis, bha mi a-mach air na stereotypes mun Ròimh agus mun Eadailt agus tha dà eile dhiubh a tha gu math fìor nam bheachdsa.

Sa chiad dol a-mach, tha an cofaidh sgoinneil. Dh’òl mi an uiread de chofaidh air a’ chaid latha agam san dùthaich is gun robh mo làmhan air chrith! Cofaidh teth, cofaidh fuar, expressos is cappuccinos gu leòr agus seòrsaichean cofaidh gu leòr nach fhaca mi riamh roimhe ann an Alba – agus uile air leth saor.

Cuideachd, tha am biadh math fhèin cuideachd. Tha e furasta gu leòr pizza math fhaighinn taobh a-muigh na h-Eadailt ach tha am pasta ann an taighean-bìdh an seo sgriosail mar as trice – chan fhaigh thu ach glè bheag dheth,  tha e air a bhruich cus agus bidh e gu math daor – ged a tha pasta cho saor ’s a ghabhas. Gach turas a tha mi air a bhith san Eadailt, tha am pasta air a bhith sgoinneil – gu leòr ann, gun a bhith air a bhruich gu bàs agus air prìs reusanta.

Às dèidh biadh, rinn sinn air an taigh-òsta agus dh’fhàg mi Jenny an sin le deagh leabhar agus botal fìona agus chaidh mi fhèin a-mach a-rithist airson adventure mòr – busaichean-tràilidh na Ròimhe!

Mur eil fhios agad dè th’ ann am bus-tràilidh, ’s e a th’ annta ach carabad a tha letheach slighe eadar trama agus bus. Tha iad a’ ruith air uèirichean san aon dòigh sa bhios trama ach aig an aon am, tha iad a’ ruith air taidhrichean seach air rèilichean.

Bha siostam busaichean-tràilidh mòr san Ròimh uair agus bha e 137 km a dh’fhaid ann an 1957 ach chaidh a dhùnadh mean air mhean leis an loidhne mu dheireadh a’ falbh ann an 1972.

Gu fòrtanach, thill am bus-tràilidhean no am filobus – gu sràidean na Ròimhe ann an 2005. Chan eil ach aon loidhne bus-tràilidh anns an Ròimh aig an ìre seo, an àir. 90 eadar Termini, prìomh stèisean bus na cathrach agus Largo Labia a tha 12 mìle a dh’fhaid.

‘S e an rud annasach mu na tràilidhean seo nach eil iad ann an uèirichean ann am meadhan na seann cathrach. Mar sin, nuair a tha a’ tighinn faisg air Termini, bidh iad a’ ruith air bataraidh seach air na uèirichean.

Dà bhus-tràlidh Ròmanach ann an Roma Termini

‘S e busaichean-tràilidh mòra a th’ annta – bendy-buses mar a chanadh tu sa Bheurla.

‘S e ‘bendy-buses’ a th’ anns na tràilidhean seo

Rinn mi air Termini air a’ bhus agus cha b’ e ruith ach leum dhomh a dhol air an tràilidh. Nuair a thòisich e, chuir e iongnadh orm cho sàmhach sa bha e agus cuideachd, cho luath ’s a bha e air luathachadh (acceleration) – is beag an t-iongnadh gur e an ’silent death’ am far-ainm a bh’ orra ann an Glaschu!

Chaidh sinn gu sàmhach luath tro shràidean a’ Bhaile Shiorraidh le fuaim socair nam motairean dealaineach a’ dèanamh crònan socair.

Aig deireadh na loidhne, thàinig mi far an tràilidh gus dealbh no dhà a thogail agus bha an dràibhear a’ coimhead orm mar gun robh mi às mo chiall! Nach eil fhios aige, mar dràibhear bus-tràilidh dè cho cool ’s a tha iad?!

Aig deireadh na loidhe

Nis, tha cuid a’ faighneachd am mair na tràilidhean san àm ri teachd. Le bataraidhean a’ sìor fhàs nas saoire, nach biodh e nas fhasa busaichean-dealaineach a bhith ann a ruitheas air bataraidhean seach air uèirichean os cionn (overhead wires)?

Chanainn ge-tà gum bi àite ann do na tràilidhean gu bràth oir ged a dh’fhàsas bataraidhean nas saoire is ged a nì iad astar nas fhaide is nas fhaide gach bliadhna, tha iad gu math trom, gu math cosgail agus chan eil bataraidhean iad idir cho uaine ri bhith a’ ruith air uèirichean.

Chan eil latha nam busaichean-tràilidh seachad agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri aiseirigh nam tràilidh ann an Alba latha de na làithean – modh-còmhdhail a tha uaine, luath agus nach bidh a’ truilleadh an adhair.

Bus-tràilidh glèidhte à Glaschu

Alasdair

*An e dìreach mi fhèin a tha a’ faireachdainn mar seo, no an e rud cumanta a th’ ann??

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an busaichean-tràilidh, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s