Tha e a’ dol gar marbhadh uile – dè cho cool ’s a tha sin! Turas dhan Ròimh V #gàidhlig

Air an latha mu dheireadh againn san Ròimh, chaidh sinn dhan dà àite as ainmeile do luchd-turais – an Staidhre Spainnteach agus Fuaran Trevi.

Chaidh sinn ann air a’ mheatro – uill, dh’fheuch sinn co-dhiù – cha robh na trèanaichean a’ stad aig an stèisean a bha sinn ag iarraidh, no gu dearbha, aig an stèisean às a dhèidh nas motha mar thoradh air obair-chàiridh.

Cha robh e gu dìofar, ge-tà, oir ’s e latha àlainn a bh’ ann agus choisich sinn tro na sràidean, a’ coimhead air na bùithtean agus cafaidhean.

Stad sinn ann an cafè beag snog ri taobh an rathad le deagh chlàr-bìdh veggie ach fhad ’s a bha sinn a’ feitheimh gus òrdugh a chur a-steach, chaidh an cidsean na smal is mar sin, bha againn ri teicheadh agus àite-ithe nas sàbhailte a lorg!

Chòrd an Ròimh ruinn gu mòr ach bha an t-àm ann a dhol dhachaigh. Choisich sinn air ais gu Stèisean Termini agus chaidh sinn air bòrd an Leonardo Express airson a’ phuirt-adhair – an t-seòrsa seirbheis rèile a bhiodh againn gu Port-adhair Ghlaschu nam biodh poileasaidh còmhdhail ciallach againn ann Alba.

Bha sinn sgìth ach cha bhiodh e fada gus am biodh sin dhachaigh.

…. no am biodh?

Nuair a ràinig sinn am port-adhair, thuirt iad gun robh dàil air an itealan againn gu Amsterdam. Cha robh sinn ro dhraghail an tòiseach oir bha còrr is 1.5 uair a thìde gu bhith againn ann an Amsterdam mus falbhadh am plèana againn gu Glaschu.

Aig a’ cheann-thall – às dèidh norrag agus cus cofaidh, bha am plèana uair a thìde air dheireadh agus thuirt an luchd-obrach gur dòcha gum faigheamaid an ceangal againn ach nach robh e idir cinnteach.

Faisg air deireadh an turais, dh’innse iad dhuinn gun robh sinn a’ dol a chall am flight againn – cho math ri daoine a’ dèanamh air Innis Tìle, Sri Lanka, Beijing is eile agus gum biodh againn ri fuireach ann an Amsterdam air an oidhche sin.

Sin as adhbhar gun robh sinn a’ ceannachd undies ùr ann am port-adhair Schiphol aig 10f!

Na gabh dragh, thuirt muinntir KLM – gheibh sibh taigh-òsta agus biadh saor is an-asgaidh.

Chaidh sinn a-mach gus feitheamh ris a’ bhus dhan taigh-òsta – còmhla ri còrr is 100 duine eile. Nuair a thàinig am bus, cha robh cus dragh oirnn – mur a faigh sinn am fear seo, gheibh sinn an ath fhear, smaoinich sinn. Ach chan ann mar sin a bha daoine eile a’ smaoineachadh! Bha iad a’ sìor phutadh a-steach agus a’ bualadh air daoine eile is ag èibheachd is a’ trod.

Bha mi a’ smaoineachadh gun tòiseachadh sabaid mhòr coltach ri rudeigin a chitheadh tu sa Bheano agus gum biodh daoine ag èibheachd ‘fight fight fight’ mar a dhèanadh daoine sa bhun-sgoil. Cha do thachair sin aig a’ cheann-thall ach bha am bus coltach ri clown car nuair a bha e deiseil agus ’s e mòr-ionantas nach deach duine sam bith a phronnadh gu bàs!

resourcegraphics_ball-of-violence_6010

 

A dh’aindeoin seo uile, ràinig sinn an taigh-òsta beò agus abair thusa gun robh e brèagha! Bha e cho math is gu do cheannaich mi mi cairt-phuist mar chuimneachan.

“Siri – show me an example of brutalist 1960s architecture!”

Rud eile a bha inntinneach mun taigh-òsta seo, ’s e gun robh e coltach ris an taigh-òsta ann an Dr Who far an robh gach seòmar coltach ri Seòmar 101 agus far an robh Minotaur a’ feuchainn ris a h-uile duine a mharbhadh.

Tha cuid de na loidhnichean Dr Who as fheàrr leam sa phrògram sin:

10625122_10152714883353610_6000925098638036619_n

Agus:

10702072_10152714910248610_2960140276426460059_n

Dhomsa, bhiodh Seòmar 101 mar seo: bhiodh ceòl Phil Collins a’ cluich fad an t-siubhail, cha bhiodh dad air an TBh ach an t-sreath Anne of Green Gables bho na 1980an, bhiodh daoine a’ bruidhinn rium mu bhall-coise agus cha bhiodh cofaidh ceart ann.

Gu fortanach, cha do thachair gin de na rudan sin. Bha an taigh-bìdh air dùnadh agus mar sin, bha againn ri criosps fhaighinn sa bhàr. Cha robh e saor – 20 Euro airson 1 G&T agus 1 leann ach bha sinn feumach is airidh air a leithid. Bha sin daor gu leòr ach bha e tòrr na b’ fheàrr na bhith air ar marbhadh le Minotaur – no le daoine craicte air a’ bhus ud!

Abair turas – bha mi an dùil a dhol gu dà dhùthaich – an Eadailt agus a’ Bhatacan ach fhuair sinn cothrom a dhol do na Tìrean Ìosail cuideachd – feumaidh sinn a dhol air ais latha de na làithean gus na trèanaichean is tramaichean Dùidseach fhaicinn!

Alasdair

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn thall thairis, Uncategorized agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s