Trèanaichean Mickey Mouse – Oh boy! #gàidhlig

Rinn mi rud gu math far-bhrannd air ais san Iùchar. Chaidh sinn air làithean saora gu Paris agus fhad ’s a bha sinn ann, chuir sinn latha seachad ann an Disneyland Paris.

Bha a’ chlann ag iarraidh a dhol ann agus ged a bha mi riamh a’ smaoineachadh gun robh Disney a’ riochdachadh iompaireachd chultarach Aimeirigeanach den t-seòrsa as miosa, dh’aontaich mi a dhol ann co-dhiù.

mickey mouse

Nuair a bha mi a’ leughadh mun àite às dèidh dhomh na tiocaidean a chur air dòigh,  fhuair mi a-mach gun robh rathad-iarainn ann – an Disneyland Railroad – agus às dèidh dhomh faighinn a-mach mu dheidhinn sin, cha b’ e ruith ach leum a dhol ann.

1024px-Disneyland_Railroad_G_Washington

Disneyland Railroad, Paris, By Shadowgate – Disneyland Paris, CC BY 2.0, https://commons.wikimedia.org/w/index.php?curid=62732522

Gu mì-fhortanach, ge-tà, chan fhaca mi trèana sam bith air an latha agam ann an Disneyland ach a-mhàin am Metro agus an RER (trèanaichean suburban Pharis) oir thathar a’ sgeadachadh is ag ùrachadh Rathad-iarainn Disneyland aig an àm seo agus mar sin, cha robh na trèanaichean a’ ruith!

Bhon uair sin, ge-tà, tha mi air tòrr mòr rannsachaidh a dhèanamh air rathaidean-iarainn Disney, an dà chuid ann am Paris agus ann am pàircean Disney eile.

Bha pìosan agam an seo roimhe mu dhaoine a thog rathaidean-iarainn no loidhnichean bus-tràilidh sna gàraidhean aca fhèin – rud a dhèanainn fhèin nam biodh gàradh nas motha agus sgilean teignigeach sam bith agam! (The Dumbreck and Bellahouston Junction Railway is dòcha?)

Chunnaic sinn rathad-iarainn ann an gàradh ann an Saughtree sna Crìochan agus ann an Raoghaird air a’ Ghàidhealtachd san latha an-diugh mar eisimpleir agus loidhne bus-tràilidh airson tràilidh beag ann an Surrey anns na 60an.

‘S ann mar seo a thòisich an Disneyland Railroad cuideachd a rèir coltais. Bha Walt Disney beò-ghlaichte le trèanaichean nuair a bha e na bhalach òg oir bha uncail aige a bha ag obair air na rathaidean-iarainn. Nuair a dh’fhàs e soirbheachail, thog Walt fhèin meanbh-rathad-iarainn anns a’ ghàrradh aige ann an LA – an Carolwood Pacific Railway – agus bhiodh e fosgailte dhan t-sluagh uaireannan. Bha caraid is co-obraiche aige, Ward Kimball, a bha a cheart cho dèidheil air trèanaichean agus a thog rathad-iarainn làn-sgèile anns a’ ghàrradh aigesan.

800px-Walt_Disney's_Carolwood_Barn_-_CPRR_Logo

‘S e an rud as inntinniche gun tàinig Disneyland gu bith mar thoradh air ùidh Disney ann an trèanaichean. Bha an rathad-iarainn beag aige cho mòr-chòrdte is gun robh e airson pàirce bheag a chur air dòigh do chloinn le trèanaichean agus carousel agus rud no dhà eile air talamh faisg air na stiudiothan aige.

Chaidh e air turasan rannsachaidh gu diofar rathaidean-iarainn beaga is taighean-tasgaidh is pàircichean agus chunnaic e bàta-smùid ‘paddlesteamer’ agus bha e ag iarraidh pàirc nas motha le barrachd ghoireasan agus ’s ann aig an àm sin a thòisich e air beachdachadh air Disneyland mar as aithne dhuinn an-diugh e a stèidheachadh.

Bha mi an dùil gur e dìreach trèanaichean diosal le coltas nan trèanaichean smùid a bhiodh ann aig an Disneyland Railroad, ach chan e. ‘S e locothan smùid cearta a th’ annta, le einnseanan mar a chitheadh tu ann an Ameireagaidh aig deireadh an 19mh linn.

Molly Brown

Am Molly Brown, Disneyland Paris

Bha Disney cho dèidheil air an rathad-iarainn ann an Disneyland is gun do chùm e sealbh pearsanta air. Bha a’ phàirce leis a’ chompanaidh ach bha an rathad-iarainn agus am bàta-smuid leis fhèin agus  biodh e fhèin a’ draibheadh na trèana gu tric.

Cò shaoladh gu bheil rudeigin cho mòr ri Disneyland againn mar thoradh air rathad-iarainn cho beag?

Agus feumaidh mi aideachadh gun do chòrd Disneyland Paris rium glan – trèanaichean ann no às!

Feumaidh an taisbeanadh-shleamhnagan seo JavaScript.

Alasdair

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an busaichean-tràilidh, caol-ghèidse, rathaidean-iarainn, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s