“Not very long ago, in the top left-hand corner of Wales, there was a railway. It wasn’t a very long railway or a very important railway, but it was called The Merioneth and Llantisilly Rail Traction Company Limited, and it was all there was.
“And in a shed, in a siding at the end of the railway, lives the Locomotive of the Merioneth and Llantisilly Rail Traction Company Limited, which was a long name for a little engine so his friends just called him Ivor.”
Nuair a bha mi òg, bha mi gu math deidheil air a’ phrògram TBh Ivor the Engine mu einnsean beag anns a’ Chuimrigh.
Nuair a smaoinicheas sinn air rathaidean-iarainn na Cuimrigh, mar as trice, bidh sinn a’ smaoineachadh air an “top left hand corner” far a bheil am Ffestiniog, Welsh Highland, an Talyllyn, an Corris agus tòrr a bharrachd.
Ach cha bu chòir dhuinn dìochuimhneachadh gu bheil gu leòr loidhnichean sgoinneil anns an “top right-hand corner” cuideachd!

Top left-hand corner – Tramffordd y Gogarth, Llandudno
Tha mi a’ dol air safari rèile anns a’ Chuimrigh air an ath mhìos gus cuid de na loidhnichean fheuchainn. Bidh mi stèidhichte ann an Wrecsam far am bi mi a’ fuireach còmhla ri mo charaid Clint Heacock a bhios a’ dèanamh a’ phodcast Mindshift agus bidh sinn a’ dol gu trì no ceithir diofar loidhnichean – cuid anns a’ Chuimrigh fhèin agus cuid ann an Shropshire ann an sgìrean far an robh a’ Chuimris ga bruidhinn bho chionn beagan is ceud bliadhna agus far a bheil an cruth-tìre loma-làn ainmean-àite Cuimris fhathast.

Top right-hand corner! Wrecsam
Bidh mi a’ tòiseachadh air Rathad-iarainn Llangollen, loidhne gèidse-choitcheann gu math mòr is fada a bha uair na phàirt den loidhne eadar Rhiwabon (Ruabon) agus Abermaw (Barmouth) a dhùin ann an 1965. Tha e ainmeil an dà chuid airson trèanaichean smùid agus diosail.
An uair sinn, bidh mi a’ coinneachadh ris an t-sàr neach-iomairt cànain Stephen Rŵl airson deochag.
An ath latha bidh mi a’ dol gu Croesoswallt (Oswestry) ann an Sasainn airson a dhol dhan Chambrian Heritage Railway. Tha dà dhiofar loidhna aca – tè ann an Oswestry agus tè eile ann an Llynclys beagan a deas air sin. Tha iad an dùil an dà loidhne a cheangail ri chèile latha de na làithean.
An uair sin, bidh sinn a’ dol gu deas gu àite eile ann an Sasainn le ainm Cuimris – Nant Mawr far am faic sinn an Tanat Valley Railway an iar-dheas air Oswestry.
Agus an ath latha ma bhios tìde gu leòr againn, thèid sinn gu Reilffordd Ysgafn Y Trallwng a Llanfair (Welshpool and Llanfair light railway), loidhne chaol-ghèidse air leth cute!
Bidh mi ag aithris air an t-safari rèile air fad an seo air trèanaichean, tramaichean agus tràilidhean – same anorak time, same anorak channel!
Alasdair