Cuir Gàidhlig oirre! Co-chomhairle air Zonecard Shrath Chluaidh #gàidhlig

Tha Com-pàirteachas Còmhdhail Shrath Chluaidh (Strathclyde Partnership for Transport – SPT) air co-chomhairle a thoiseachadh air an Zonecard.

Ma tha thu a’ fuireach anns an sgìre aig SPT*, tha cothrom ann do bheachdan a chur a-steach.

Tha an Zonecard na chairt-siubhail airson trèana, bus agus subway agus tha e fhathast ann an cruth pàipear a-mhàin ged is e 2019 a th’ ann!

Tha mi air moladh gum bu chòir Gàidhlig nochdadh air an Zonecard bho seo a-mach. Tha seo na shàr-chothrom gus Gàidhlig a chur ann an àiteachan far am faic na milltean mòra i gach latha.

Tha mi cuideachd air moladh gum bu chòir dhan Zonecard a bhith na chairt-thapaidh, gum bu chòir dhi a bhith nas coltaiche ris an Oyster/contactless ann an Lunnainn (le pay-as-you-go agus capaichean làitheal/seachdaineil air cosgaisean) agus gum bu chòir dhi a bhith nas sùbailte gus am bi i freagarrach airson daoine a tha ag obair pàirt-ùine no a bhios a’ siubhal gu diofar àiteachan taobh a-staigh na sgìre.

Cha toir an ceisteachan ach dha no trì mionaidean a lìonadh – dèan e agus cuir Gàidhlig air an Zonecard!

Alasdair

*Glaschu, Schd Lannraig, Schd Dhùn Bhreatainn, Schd Rinn Friù, Schd Àir, Earra-Ghàidheil is Bhòid

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Gàidhlig, Iomairtean, Uncategorized agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s