E pluribus unum – trì loidhnichean ann am ‘Bearaig na Cuimrigh’ #gàidhlig

Chaidh mi a dh’fhaicinn trì loidhnichean eadar-dhealaichte ann an Shropshire, Sasainn, faisg air a’ chrìch leis a’ Chuimrigh bho chionn goirid.

B’ iad sin Cambrian Heritage Railway Oswestry, Cambrian Heritage Railway Llynclys agus Tanat Valley Railway, Nantmawr.

Bha na trì loidhnichean seo uair mar phàirt de chompanaidh rèile a’ Chambrian agus bha lìonra mhòr aca, a’ mhòr-chuid anns a’ Chuimrigh, mar a shaoileadh tu bhon ainm!

B’ e Oswestry (no Croesoswallt, mar a th’ air a’ bhaile anns a’ Chuimris) cridhe an t-siostaim agus bha prìomh Oifis Rathad-iarainn a’ Chambrian ann an togalach mòr an stèisein.

rathaidean-iarainn a' chambrian

Aig an àm seo, tha trì rathaidean-iarainn glèidhte faisg air a’ chèile ach ’s e am plana a th’ aca gun tèid na loidhnichean uile a cheangal ri chèile a-rithist latha de na làithean.

Tha iad ag amas air an rathad-iarainn a leudachadh gu tuath gu Gobowen airson ceangal ris a’ phrìomh loidhne mar dhòigh chòmhdhail do choimiutairean agus gu deas airson luchd-turais agus daoine aig a bheil ùidh ann an rathaidean-iarainn.

Thòisich an latha agam ann an Oswestry/Croesoswallt le cupa cofaidh agus fry-up ann an cafè faisg air an stèisean. Cha robh an trèana gu bhith a’ ruith gu 11m is mar sin, bha cothrom agam am baile fhaicinn agus abair gur e àite snog a th’ ann.

img_0132

Cofaidh: connadh a’ ghoireachais!

‘S e baile margaidh a th’ ann a tha gu math faisg air a’ chrìch agus bha Cuimris ga bruidhinn san sgìre seo uair mar a tha follaiseach bho na h-ainmean-àite. Bha am baile uair sa Chuimrigh agus tha e a-nis ann an Sasainn agus dh’fhaodadh tu a ràdh gur e Bearaig na Cuimrigh a th’ ann!

Tha margaidh sràide ann agus toglaichean às na meadhan-aoisean agus eaglais àlainn – Eaglais Naomh Oswald. Rugadh am bàrd-cogaidh Wilfred Owen sa bhaile seo cuideachd agus tha ìomhaigh dheth anns a’ phàirc.

 

 

Chaidh mi dhan rathad-iarainn airson turas air an trèana an uair sin. Chan eil an loidhne ach mu mhile a dh’fhaid aig an àm seo ach tha iad ag obair air leudachadh agus air stèisean ùr an-dràsta a bhios ri taobh a’ chanàil agus ri taobh taigh-grùide.

Cambrian Heritage Railway, Oswestry

‘S e loidhne bheag snog a tha seo agus tha an togalach uamhasach spaideil le deagh chafaidh agus bùth math le leabhraichean seann is ùr. Cheannaich mi rud no dhà, a’ gabhail a-steach cairt-phuist gu math saidhgeadailig!

Tha taigh-tasgaidh sgoinneil ann cuideachd anns a bheil a h-uile rud co-cheangailte ris a’ Chambrian. Am measg nan rudan a chòrd rium ann, bha an sanas seo airson toitean – a tha math dhut a rèir coltais!

img_0183

Cuideachd, bha connspaid ann mu na mapaichean aimsir air an TBh fad bhliadhnaichean leis gun robh Alba ro bheag. Feumaidh nach e rud ùr a tha seo ge-tà oir lorg mi mapa aig an Great Western Railway far an robh a’ Chuimrigh, a’ Chòrn agus Iar-dheas Sasainn uile fada ro mhòr!

An uair sin, bha an t-àm ann dràibheadh gu Llynclys – deagh ainm Chuimris eile – beagan a deas air a’ bhaile airson a dhol air an dàrna loidhne aig Cambrian Heritage Railways.

Ri leantainn…

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Chuimrigh, England, rathaidean-iarainn, Rathaidean-iarainn glèidhte, Sasainn, Trains, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s