Às dèidh dhomh a dhol dhan chiad loidhne aig a’ Chambrian Heritage Railway ann an Croesoswallt/Oswestry, rinn mi gu deas gus an dàrna pàirt den loidhne fhaicinn.
Tha dà phàirt den loidhne fosgailte aig an àm seo agus tha iad ag amas air ceangal ri chèile ann an ùine nach bi ro fhada. Tha iad ag amas air an dà chuid a cheangal ris an Tanat Valley Light Railway cuideachd. Anns an dealbh gu h-ìosal chithear na planaichean airson fàs agus leudachadh an dà chuid aig a’ Chambrian agus an Tanat Valley Light Railway.
Tha an dàrna loidhne seo stèidhichte ann an Llynclys, baile beag ann an Sasainn le ainm Cuimris. Cha robh fhios agam idir ciamar a chanadh tu e – bha fhios agam gur e /ˈɬɨːnklɨːs/ a bhiodh ann sa Chuimris, ach cha robh fhios agam dè a bhiodh ann sa Bheurla. Mar sin, dh’fhaighnich mi ri fear a bha ag obair sa bhùth an sin agus thuirt e
“Uill, chanainnse /ˈɬɨːnklɨːs/ ach bha mi a’ fuireach anns a’ Chuimrigh fad iomadh bliadhna. Chanadh muinntir an àite /ˈlʌŋklɪs/”.
Mar sin, bha fios agam mu dheireadh thall!
Aig an ìre seo, tha an loidhne nas lugha na mìle a dh’fhaide. Tha e a’ tòiseachadh aig Stèisean Lynclys a Deas a tha dìreach beagan slatan deas air an stèisean thùsail a tha fhathast na thaigh prìobhaideach. Tha an rathad-iarainn ag iarraidh an loidhne a leudachadh tro ghàrradh an taighe latha de na làithean airson a dhol gu tuath airson ceangail a dhèanamh ri loidhne Chroesoswallt.
Tha stèisean Llynclys a Deas dìreach àlainn – blas den t-saoghal mar a bha e ron Mhorair Beeching (Tuiteam gun Èirigh air agus Leac air a’ Bheul) agus ghabh mi srùbag anns a’ ghrèin fhad’s a bha mi a’ feitheamh ris an trèana.
Clì: Stèisean Llynclys a Deas, Deas: Seann Stèisean Llynclys
Chaidh sinn air turas snog le loco dìosail agus coidse le compartments mar a chitheadh tu ann an Harry Potter. A bharrachd air an seann stuth, chunnaic mi grunn seann aonadan dìosail den t-seòrsa a b’ àbhaist a bhith a’ ruith air Loidhne Cànal Phàislig – clas 101. Bha e fìor mhath am faicinn a-rithist agus tha e math gu bheilear a’ glèidheadh trèanaichean nach eil buileach cho romansach ri Mallard no am Flying Scotsman.

Bho Chanàl Phàislig gu Shropshire!
Letheach slighe tron t-slighe, chunnaic sinn dithis a’ coiseachd air an loidhne leis a’ chù aca agus bha aig an dràibhear ri trod riutha is an cur far an trac!
Às dèidh sin, bha an t-àm ann a dhol dhan treas loidhne den latha, an Tanat Valley Light Railway (TVLR). Bha mi gu mòr airson an loidhne seo fhaicinn oir chan eil i fosgailte uamhasach tric agus chan eil mòran fiosrachaidh ri fhaighinn mu dheidhinn air-loidhne nas motha.
Bha loidhne a’ Chambrian ann an Croesoswallt/Oswestry uair na loidhne mhòr chudromach le seirbheisean do luchd-siubhail a bharrachd air bathar. Cha robh sin idir fìor a thaobh meur-loidhne Chuairidh Nantmawr far a bheil an TVLR suidhichte. ‘S e loidhne bathair bheag a bh’ innte agus cha robh seirbheisean riamh ann do luchd-siubhail.
Tha e a-mach air an dùthaich agus gu math doirbh a lorg. Tha e dìreach mìle no dha air falbh bhon bhon chrìch leis a’ Chuimrigh, agus gu dearbh, chaidh mi dhan Chuimrigh fhad ’s a bha mi ga lorg. Chaill mi an siognal air a’ fòn làimh agam gu math gu math faisg air an àite agus chaidh mi an taobh ceàrr. Às dèidh dhomh tionndadh mun cuairt is tighinn air ais a Shasainn, lorg mi an rathad a-steach agus bha mi dìreach gu bhith a’ tionndadh a-steach dhan cheann-rathad as fhaisg air an rathad-iarainn nuair a rinn 4 Gearmailtich air motor-bhaidhsagalan ‘undertaking’ orm is chaill mi an rathad! Leis cho tana sa bha an rathad-aona shligheach seo, cha b’ urrainn dhomh tionndadh is bha agam ri dhol ann rathad eile air rathad lùbach, tana cas le feur a’ fàs sa mheadhan agus bha an t-eagal mòr orm gun tigeadh car an taobh eile – gu h-àraid a chionn ’s gun robh rudegin ceàrr air na h-indicators air a’ chàr a bh’ agam air mhal….
Rud a bha inntinneach, ’s e gun robh na h-ainmean-àite uile sa Chuimris – chan ann a-mhàin le ainmean le tùs Cuimris, ach a bha fhathast sgrìobhte ann an litricheadh na Cuimris: Nantmawr, Llandblodwel, Porth-y-waen is eile. Chunnaic mi crois-rathaid faisg air Nantmawr far an robh a h-uile ainm sa Chuimris ged a bha gach àite ann an Sasainn!
Tha an rathad-iarainn ri taobh na h-aibhne Tanat agus às dèidh dhut a dhol suas rathad fada ann an sgìre fìor dhùthchail, ’s e a’ chiad rud a chì thu ach trèana mhòr dealanach den t-seòrsa a bhiodh a ruith eadar Lunnainn agus Clacton uair! B’ àbhaist dhi a bhith ann an Taigh-tasgaidh nan Trèanaichean Dealanach ann an Coventry gus an do dhùin e an-uiridh.
Tha trèana Clacton a-nis na chafè agus bùth agus cheannaich mi leabhar no dhà mu thrèanaichean.
Chan eil an loidhne ro fhada – dìreach 1/3 de mhìle aig an ìre seo ach tha mìle aca uile gu lèir agus tha iad ag obair air a’ chòrr den loidhne an-dràsta gus am bi e freagarrach airson trèanaichean a ruith- tha craobhan a’ fàs tron trac is bi feum aca air speal is tòrr mòr luibh-phuinnsean mus tèid an loidhne dad nas fhaide.
Bha cothrom agam a dhol air turas goirid ann an shunter beag.
Tha e follaiseach bhon bhidio dìreach cho feumach ’s a tha an loidhne air deagh chliob!
An uair sin, chaidh mi dhan ‘aona-rèile’ (monorail) – is dòcha an rathad-iarainn as neònaich ann an Sasainn. Tha cruinneachadh ann de sheann trèanaichean aona-rèile den t-seòrsa a bhodh ga chleachdadh air obraichean rathaid, ionadan uisge is eile far an robh feum aca air rathad-iarainn ach far an robh iad feumach air trac a ghabhadh a ghluasad.
Tha iad air cearcall a thogail den aona-rèile seo agus fhuair mi cothrom trèana a dhràibheadh. Tha iad a’ sgeachadhadh’monoloco’ an t-aon loco aona-rèile smuid san t-saoghal an-dràsta.

Monoloco – an t-aon einnsean smùid aona-rèile san t-saoghal
Bubblecar rèile agus tòrr mòr charbadan aona-rèile
‘S e àite neònach ach math a th’ anns an Tanat Valley Light Railway agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri dhol air ais – is dòcha air trèana fad na slighe bho Chroesoswallt!
Abair latha – trì rathaidean-iarainn, 3 tursan dhan Chuimrigh agus 3 tursan gu Sasainn.
Ri leantainn..
Alasdair
An t-aona-rèile sin! Chan fhaca mi a leithid riamh-roimhe 🙂
'S toil'S toil
Tha e fìor neònach, nach eil!
'S toilLiked by 1 duine