Aiseirigh Eileanach – Loidhne Eilean Wight #gàidhlig

Tha mi uamhasach measail air Sasainn. Is fìor thoil leam bailtean mòra mar Lunnainn agus Bristol agus sgìrean dùthchail mar na crìochan leis a’ Chuimrigh. Tha Siorrachd Eabhraig – “an t-Siorrachd as motha agus as fheàrr ann an Sasainn” sgoinneil agus tha “Sgìre nan Loch” gu sònraichte math cuideachd.

Trèana aig Ryde Pier Head (RYP)

Agus a bharrachd air na h-àiteachan, tha na ficheadan de rathaidean-iarainn inntinneach ann le barrachd rathaidean-iarainn glèidhte ann an Sasainn na ann an àite sam bith eile san t-saoghal, saoilidh mi. Agus abair ceòl – seo an dùthaich a chruthaich meatailt throm, prog agus punc!

Mar neach-iomairt cànain cuideachd, tha e a’ còrdadh rium a bhith a’ dol gu àite far nach eilear a’ bruidhinn mion-chànan. Eu-coltach ris a’ Chuimrigh, Èirinn no a’ Chòrn mar eisimpleir, chan eil e a’ cur dragh sam bith orm nach eil na soidhnichean dà chànanach agus chan eil agam ri dragh a ghabhail mu cor na Gàidhlig, na Gaeilge no na Cuimris 7c fhad’s a bhios mi ann.

Chan eil ach aon rud mòr nach toil leam mu Shasainn – sin nach eil eileanan gu leòr ann! Tha beagan dhiubh an siud ‘s an seo ach chan eil e idir coltach ri Alba no Èirinn far an t-uamhas ann. Bha mi air beagan de na h-eileanan – na h-Eileanan Farne ar eisimpleir agus tha mi airson a dhol gu Lundy cuideachd latha de na làithean.

‘S e an t-eilean as motha ann an Sasainn Eilean Wight agus abair gur e eilean sònraichte a th’ ann oir tha rathad-iarainn ann a tha mar phàirt den lìonra nàiseanta (The Island Line: Ryde Pier Head-Shanklin) agus cuideachd, rathad-iarainn glèidhte (The Isle of Wight Steam Railway).

Tha Loidhne an Eilein fìor shònraichte oir tha e air a ruith le seann trèanaichean tiub bho Underground Lunnainn a chaidh a thogail air ais ann an 1938. Tha iad air a bhith a’ ruith air an eilean bho 1989 agus roimhe sin, bha trèanaichean tiub air an eilean a chaidh a thogail ann an 1923!

Seo mar a bha trèanaichean 1923 air Eilean Wight (Seo eisimpleir eile den chlas air a ghlèidheadh ann an Epping)

Chaidh mi ann gus am faicinn ann an 2013 agus tha e caran surreal a bhith a’ faicinn seann trèanaichean tiub air cidhe os cionn na mara seach fo shràidean Lunnainn agus gu dearbha, bidh daoine aig a bheil ùidh ann an trèanaichean a’ tighinn às gach ceàrn gus am faicinn.

Mi fhèin air taistealachd rèile dhan eilean, 2013

Tha trèanaichean tiub a’ ruith air an eilean a chionn ’s gu bheil ‘gèidse luchdachaidh’ (loading gauge) gu math beag ann is nach gabh trèanaichean àbhaisteach a chur ann, gu seachd sònraichte mar thoradh air tunail ann an Ryde a tha gu math ìosal. Ann an 1967, chaidh an còrr den lìonra rèile air an eilean a dhùnadh agus chaidh loidhne Ryde-Shanklin, an loidhne as trainge san eilean, a dhealanachadh agus a sgeadachadh.

A’ tighinn a-mach à Tunail Ryde

Ged a tha na trèanaichean snog agus mòr-chòrdte, tha iad gu math seann agus gu math doirbh a chumail a’ dol. Chan eil iad cunbhalach gu leòr agus tha an loidhne a’ call luchd-siubhail mar thoradh air seo. Tha an rathad-iarainn uile ann an droch stàit leis a’ chidhe ann an Ryde cha mhòr a’ tuiteam às a’ chèile agus tha an trac gu math cugallach cuideachd. Fad bhliadhnaichean, tha feum air a bhith air ùrachadh mòr air a’ bhun-structar agus air na trèanaichean agus bha cunnart ann gun rachadh an loidhne a dhùnadh air fad.

Bha an riaghaltas a’ beachdachadh air an loidhne a thoirt a-mach às an lìonra nàiseanta gus am biodh i air a ruith leis a’ choimhearsnachd, is dòcha mar slighe-trama seach mar rathad-iarainn àbhaisteach. Cha robh muinntir an àite idir ag aontachadh ge-tà oir bha iad a’ smaoineachadh gur e leisgeul a bha seo gus cuidhteas fhaighinn de loidhnichean nach robh a’ dèanamh prothaid agus nach biodh an loidhne seasmhach agus gur dòcha nach biodh e fada gus an rachadh a dùnadh. Bha daoine eile a’ faicinn cunnartan airson loidhnichean eile nach eil a’ dèanamh prothaid.

Fhuair sinn deagh naidheachd bho chionn goirid gu bheil Loidhne an Eilein gu bhith air a sgeadachadh le bun-structar ùr agus le trèanaichean ùra.

Uill, nuair a chanas mi trèanaichean ùra, tha mi a’ ciallachadh trèanaichean a chaidh a thogail ann an 1980! Tha iad gu bhith a’ cleachdadh ‘D-trains’ – seann trèanaichean D-stock bho Underground Lunnainn a tha gan ath-thogail. Seo post-bloga a sgrìobh mi mu dheidhinn nan D-train. Feumar a ràdh, ge-tà gur e trèanaichean ùr a th’ annta gu ìre mhòr gun mòran air fhàgail bhon aonad thùsail ach an t-slige.

Class-484001-Island-Line-1024x675

A’ tighinn a dh’aithghearr – trèana eileanach ùr! Clas 484

Nuair a bhathar a’ bruidhinn air na D-trains a chleachdadh an toiseach, bhathar a’ beachdachadh air trèanaichean bataraidh a chleachdadh agus a bhith a’ cur às dhan dealanachadh (electrification) air an loidhne ach aig a’ cheann thall, dh’aontaich iad an treas rèile a chumail agus is math sin oir tha siostam treas rèile nas uaine na trèanaichean bataraidh ged a tha an dà chuid nas fheàrr na dìosal.

Thathar an dùil gun tèid na trèanaichean ùra dhan eilean ann an 2020. Tha mi an dòchas gum bi fèis rèile ann leis na trèanaichean ùra, na seann trèanaichean agus na trèanaichean smùid mus tèid na seann thrèanaichean a thoirt air falbh.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an London Underground, rathaidean-iarainn, Rathaidean-iarainn neo-àbhaisteach, Sasainn, treanaichean, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s