Am baile gun ainm – turas gu Rathad-iarainn Dhùn Phàdraig #gaidhlig

Thèid mi air turas rèile sònraichte gu àite eadar-dhealaichte gach bliadhna eadar an Nollaig agus a’ Bhliadhna Ùr.

Rathad-iarainn Dhùn Phàdraig agus Contae an Dùin

Anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh tha mi air a dhol gu Meatro a’ Chaisteil Nuaidh, Loidhne Costa Cumbria (Carlisle-Barrow in Furness) agus air tramaichean Sheffield.

Am-bliadhna, chaidh mi gu Èirinn a Tuath agus Iarnród Dhún Phádraig agus Contae an Dúin. Tha mi air a bhith air a h-uile rathad-iarainn aig Northern Ireland Railways agus bha mi a-nis airson an aon rathad-iarainn gèidse-coitcheann glèidhte ann an Èirinn fhaicinn.

Thoisich an latha agam le tagsaidh aig 4:10m gus bus 4:45m bho Ghlaschu gu Port Adhair Dhùn Èideann a ghlacadh. Fhuair mi plèana 7:55m gu Beál Feirste Eadar-nàiseanta an uair sin.

Tha fios agad sa bhad far a bheil thu nuair a landaigeas tu anns a’ phort-adhair oir tha inneal-reic Taytos ann ‘The Taste of Nothern Ireland’!

Rud eile a tha inntinneach mun phort adhair, ’s e gu bheil tòrr shanasan ann airson ‘The Walled City’. A rèir coltais, tha a’ chonnspaid mu dè an t-ainm Beurla a bu chòir a bhith air Doire Chaluim Chille air fàs cho dona is nach eil iad fiù’s deònach ainm sam bith a chur air a’ bhaile!

Ghlac mi am bus gu Stèisean Bus Europa/Stèisean Rèile Mòr-shràid Bhictoria ann am meadhan a’ bhaile. Seo an dachaigh spioradail agam oir chan eil mòran rudan sa bheatha seo air a bheil mi cho dèidheil ri Northern Ireland Railways – an rathad-iarainn beag as fheàrr san t-saoghal!

Dà chlas 3000, Stèisean Mòr-shràid Bhictoria

Ghlac mi am bus an uair sin gu Dún Pádraig. Nam bithinn air a dhol ann ro 1950, b’ urrainn dhomh a bhith air an trèana fhaighinn fad nas slighe. Cha robh adhbhar agam a bhith a’ gearan, ge-tà oir tha an rathad àlainn le bailtean beaga agus achaidhean uaine agus beanntan rim faicinn.

Bha an trafaig cho gann sna saor-làithean is gun robh am bus againn ann an Dún Pádraig 20 mionaid air thoiseach. A chionn ’s gun robh mi tràth, chaidh mi a dh’fhaicinn Cathair-eaglais an Dúin a tha air cnoc os cionn a’ bhaile.

Tha Naomh Pádraig air a thìodhlacadh ann an cladh na h-eaglaise. Thathar ag ràdh gu bheil Calum Chille agus Naomh Brìghde, naoimh nàiseanta na h-Èireann uile air an tìodhlacadh san aon uaigh.

’S e baile àlainn a th’ ann le tòrr obraichean ealain, ionad mu Phàdraig agus taigh-tasgaidh an Dúin. Bu toil leam a dhol ann a-rithist gus barrachd fhaicinn de Dhún Phádraig.

An uair sin, bha an t-àm ann a dhol dhan stèisean agus cò a chunnaic mi an sin ach an YouTubaiche NIR Trainman a bhios a’ foillseachadh tòrr mòr bhiodiothan  mu rathaidean-iarainn na h-Èirinn. Bha e fìor mhath coinneachadh ris.

Bha latha diesel sònraichte ann le diofar sheòrsaichean locothan a ruith, cuid aca as a’ cheann a Tuath agus cuid eile às a’ Phoblachd.

Nuair a bha mi òg, bha mi a’ smaoineachadh gun robh coltas exotic is fiù ’s tropaigeach air trèanaichean na h-Èireann! Aig àm nuair a bha na trèanaichean ann am Breatainn uile air an dèanamh ann Breatainn leis an aon seòrsa coltas orra, thàinig a’ mhòr-chuid de na locothan Èireannach à Amerieagaidh no à Èirinn fhèin agus bha coltas agus dathan gu math eadar-dhealaichte orra.

Bha cothrom agam a dhol air cuid aca ann an Dún Pádraig.

NIR 80 Class Thumper

‘S e rathad-iarainn meadhanach ùr a th’ ann an loidhne Dhún Phádraig. Dhùin an loidhne thùsail bho Bhéal Feirste ann an 1950 agus nuair a thòisich an iomairt ath-fhosglaidh ann an 1985, cha robh rud sam bith air fhàgail – togalaichean, trac no rud sam bith eile. Ruith trèanaichean an toiseach ann an 1989 agus tha an rathad-iarainn air leudachadh bhon uair sin, le planaichean ann gus a leudachadh gu Baile Uí Dhúgáin (Ballydugan) ann an ùine nach bi ro fhada.

A Class

Bha e fìor mhath gun robh na soidhnichean ann an coidsichean Iarnród Éireann dà-chànanach.

Chithear Gaeilge gu leòr ann an Dùn Phàdraig!

Às dèidh turas air an trèana agus turas gu bùth is taigh-tasgaidh an rathaid-iarainn, bha an t-àm ann a dhol air ais a Bhéal Feirste.

Stèisean Sydenham

Bha tìde agam a dhol gu Stèisean Mòr-shràid Bhictoria agus dealbh no dhà fhaighinn mus d’rinn mi air an trèana airson Sydenham, an stèisean airson Port-adhair Cathair Bhéal Feirste  – Port-adhair George Best (no Port-adhairt Gary Moore mar a bu chòir a bhith air a chionn ’s gun d’rugadh an gaisgeach giotàir ann an Ard Mhic Nasca no Holywood faisg air làimh!)

29542710_2033213766896689_1280931464503688614_n

An dòchas gum bi deagh bhliadhna ùr agaibh uile a bhios loma-làn trèanaichean agus ceòl roc!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Eirinn, Gàidhlig, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 Responses to Am baile gun ainm – turas gu Rathad-iarainn Dhùn Phàdraig #gaidhlig

  1. Thuirt Marconatrix:

    Gu math inntinneach, tapadh leibh … agus bliadhna mhath ùr dhaibh 🙂

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s