Rèilichean gu port-adhair Ghlaschu mu dheireadh thall? #gàidhlig

Tha e coltach gum bi e comasach a dhol gu Port-adhair Ghlaschu air rathad-iarainn mu dheireadh thall ann am 2025.

-LW

Busaichean a’ Phuirt-adhair – dh’fhaodte gum faigh iad an cuid P45s ann an ùine nach bi ro fhada!  

Tha Ceannardan Comhairle Ghlaschu agus Comhairle Rinn Friù air aontachadh air pasgan maoineachadh gus slighe-trama a thogail eadar Stèisean Sràid MhicIlleMhòire ann am Pàislig agus Port-adhair Ghlaschu. Feumaidh na làn chomhairlean bhòtadh air seo fhathast, ach tha mi an dùil is an dòchas gun aontaich iad.

Ma thèid an loidhne a thogail, bhiodh daoine a’ dol gu Pàislig air an trèana agus an uair sin, a’ dol air trama bhon stèisean dhan Phort-adhair.

A bharrachd air an sgeama bheag seo, thathar gu bhith a’ dèanamh sgrùdadh comais (feasibility study) air slighe-trama nas motha a thogail bhon phort-adhair air adhart gu Rinn Friù (am baile as motha ann an Alba aig nach eil ceangal rèile), ionad seopadaireachd Braehead, ‘Rionnag a’ Bhàis’ (Osbadal  a’ Chinn a Deas) agus a-steach gu meadhan Ghlaschu taobh Bhaile Ghobhainn.

’S e slighe-trama gu math goirid a bhios ann dhan phort-adhair – nas lugha na dà mhìle. Bhiodh an loidhne air fad gu Glaschu air a bheilear a’ beachdachadh mu 12 mìle uile gu lèir.

San ùine fhada,  chanainn gum feumar an loidhne air fad a thogail airson a bhith ciallach gu h-eacanomaigeach.  Tha tòrr chosgaisean ruith ann airson siostam thramaichean a tha a cheart cho àrd airson siostam beag  biodach ’s a bhiodh iad airson siostam nas motha. Feumaidh depot, goireasan càraidh is glanaidh, luchd-obrach agus tòrr a bharrachd a bhith ann mar eisimpleir.  A bharrachd air seo, ged a tha ceanglaichean bus, rèile no tasgaidh gu puirt-adhair daonnan gu math daor dhan luchd-siubhail, chan urrainnear cus iarraidh airson turas trama cho goirid – gu h-àraidh ma bhios agad ri tiocaid trèana  a cheannach cuideachd no tiocaid a cheannach a bhios a’ gabhail a-steach an dà-chuid trèana is trama.

Tha seo a’ togail cheistean inntinneach mun sgeama.

Ma tha e coltach gum bi slighe-trama a’ phuirt-adhair na loidhne ghoirid air leth agus nach tèid i dad nas fhaide, ghabhadh teicneòlas nas sìmplidh is nas saoire a chleachdadh na teicneòlas. Tha sgeama ann an Coventry an-dràsta mar eisimpleir gus slighe-trama a chur air dòigh a’ cleachdadh teicneòlas Very Light Rail. Bhiodh seo gu math saor. Le VLR, tha na tramaichean agus an trac nas aotruime agus tha iad a’ ruith air bataraidhean seach air uèirichean mar eisimpleir.

0_Screenshot-2019-09-06-at-095823

Dealbh de na tramaichean a dh’fhaodadh a bhith aig Coventry a dh’aithghearr

Ma tha ìre dè chinnt ann gun tèid an loidhne a leudachadh gu Glaschu, ge-tà, bhiodh e na b’ fheàrr a togail a’ cleachdadh teicneòlas àbhaisteach nan tramaichean.

Tha e cudromach gum bi cinnt ann air na ceistean seo mus tèid an sgeama air adhart. Bhiodh e daor is doirbh an loidhne a leudachadh ma thèid teicneòlas “Rèile Fìor Aotrom” a chleachdadh oir cha bhiodh e freagarrach airson slighe-trama mhòr fhada gu Glaschu agus dh’fheumadh iad cha mhòr tòiseachadh as ùr le trac ùr, tramaichean ùr, uèirichean ùra agus tòrr mòr obrach gus pìoban agus càballan a ghluasad. Air an làimh eile, mas e is gun rachadh an loidhne a thogail mar shlighe-trama àbhaisteach agus nach rachadh a leudachadh, bhiodh e gu math cosgail a ruith agus is dòcha gun cailleadh i tòrr mòr airgid.

Ged a tha na ceistean seo fhathast ann, tha mi gu math dòchasach gun tèid loidhne-trama air choireigin a thogail dhan Phort-adhair agus tha mi air mo dhòigh glan leis an naidheachd.

Cha robh mi daonnan cho cinnteach gun ruigeadh rèilichean am port-adhair, ge-tà, oir seo an treas sgeama.

An toiseach, bha GARL ann – Glasgow Airport Rail Link.  Chaidh bile tro Phàrlamaid na h-Alba ann an 2006 gus an loidhne seo a thogail ach chuir Riaghaltas na h-Alba às dhan phròiseact ann an 2009 mar thoradh air cor na h-eaconamaidh. ’S e rathad-iarainn àbhaisteach a bhiodh ann an seo le trèanaichean a’ ruith bho Stèisean a’ Mheadhain ann an Glaschu dhan Phort-adhair air meur-loidhne ùr bho Phàislig.

An uair sin, bha moladh ann gum biodh trèan-tramaichean ann. ’S e a th’ ann an trèan-trama ach carbad rèile a tha a’ comasach air ruith an dà chuid air rathaidean-iarainn agus air slighean-trama. An àite a bhith a’ togail rathad-iarainn ùr eadar Pàislig agus am port-adhair, bhiodh slighe-trama ùr ann na àite. Bhiodh an trèan-trama a’ dol air an rathad-iarainn àbhaisteach eadar Glaschu agus Pàislig agus an uair sin a’ dol air an loidhne trama dhan Phort-adhair. Cha deach seo aontachadh aig a’ cheann thall, ge-tà. Bha e na bu chosgaile na bhathar an toiseach, tha an teicneòlas fhathast caran ùr ann am Breatainn agus tha trioblaidean air a bhith aig an sgeama pìleat airson trèan-tramaichean ann an Sheffield. A rèir coltais, bhiodh e a’ ciallachadh cuideachd nach gabhadh an uiread de thrèanaichean àbhaisteach a ruith eadar Glaschu is Pàislig tuilleadh.

Cha bhi an loidhne ghoirid a thathar a’ moladh an-dràsta cho math ri GARL no ris an trèana-trama, ach mas e is gun tèid an loidhne air fad eadar Pàislig, am Port-adhair, Rinn Friù agus Glaschu air adhart, bidh e fada nas fheàrr.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an tramaichean, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s