Tha deichead ùr air tòiseachadh agus tha seo a’ toirt dhomh deagh leisgeul sùil a thoirt air ais air na thachair sna rathaidean-iarainn ann an Alba sna 2010an.
Fosglaidhean
Ann an 2010, chaidh an loidhne eadar Bathgate agus an Àrd Ruigh ath-fhosgladh. Chaidh 13 mìle ùr de thrac a chur sìos uile gu lèir. Sgur seirbheisean do luchd-siubhail eadar an dà bhaile anns na 1950an agus chaidh an trac a thoirt air falbh ann an 1982. Chaidh ath-fhosgladh mar loidhne dhealanach dhùbailte.

Làrach Stèisean Caldercruix, 2008, goirid mus do thoisich obair gus a ath-thogail
Ann an 2015, chaidh Loidhne nan Crìochan ath-fhosgladh eadar Dùn Èideann agus Bruach Thuaidh beagan a deas air Galasheils. Sin còrr is 30 mìle de thrac ùr. Bha an loidhne seo air dùnadh ann an 1969 agus dh’fhàg e na crìochan air fad gun stèisean rèile sam bith. Tha an iomairt a leantainn gus an rathad-iarainn a leudachadh gu Maol Ros, Hawick is Carlisle.

Mo theaghlach a’ dèanamh air trèana do na Crìochan airson a’ chiad turais 2015
Dh’ainmich Riaghaltas na h-Alba ann an 2019 gun rachadh Rathad-iarainn Inbhir Lìobhann ath-fhosgladh eadar Ceann-rèile Thornton agus Inbhir Lìobhann. Thathar ag amas air an loidhne seo, a tha 5 mìle a dh’fhaide, fhosgladh ann an 2024.
Agus bha adhartas ann le rèile aotrom cuideachd le tramaichean Dhùn Èideann a’ tòiseachadh – mu dheireadh thall – ann an 2014 eadar Port-adhair Dhùn Èideann agus Plàs York. Shoirbhich gu mòr leis na tramaichean agus chaidh aontachadh an siostam a leudachadh gu Lìte is Newhaven ann an 2019.
Stèiseanan ùra
A bharrachd air na loidhnichean ùra agus na stèiseanan ùra orra, chaidh stèiseanan fhosgladh no ath-fhosgladh air grunn loidhnichean a bha fosgailte mar-thà. B’ iad:
- Drochaid Sguideil, Roinn na Gàidhealtachd, 2013
- Slighe Dhùn Èideann (Edinburgh Gateway), Dùn Èideann, 2016
- Robroyston, Glaschu, 2019.
Dealanachadh
Is dòcha gur e an t-atharrachadh as motha a bh’ ann sna 2020an gun deach tòrr de na rathaidean-iarainn a dhealanachadh (electrified).

Comar nan Allt mus deach an loidhne a dhealanachadh
Sna 2010an, chaidh na loidhichean a leanas a dhealanachadh:
- Glaschu – Canàl Phàislig
- Glaschu – Whifflet
- Glaschu – Comar nan Allt – Dùn Èideann
- Tobar na Màthar – Comar nan Allt
- Glaschu – Bràigh na h-Eaglais Brice – Dùn Èideann
- Glaschu – Shotts – Dùn Èideann
- Inbhir Grèinnse – An Eaglais Bhreac (airson bathair)
- Glaschu/Dùn Èideann – Sruighlea – Dùn Bhlàthain/Almhaigh
A-nis, tha 25% den lìonra rèile air a dhealanchadh agus tha Coimisean Bunstructar na h-Alba a’ meas gu bheil 75% de na tursan rèile ann an Alba a-nis air trèanaichean dealanach.
Bha na 2010an gu math soirbheachail airson rathaidean-iarainn ann an Alba agus chaidh àireamh nan tursan rèile le luchd-siubhail suas 3!% eadar 2010 agus 2019.
Anns an ath phost, bheir mi sùil air adhart ris na 2020an.
Alasdair