Tha latha nan dìosailean seachad – rathaidean-iarainn sna 2020an #gàidhlig #cleachdi

Chunnaic sinn tòrr mòr adhartais le lìonra rèile na h-Alba sna 2010an ach dè thachras anns na 2020an?

Seo beachd no dhà bhuam.

Loidhnichean ùra

Thèid an loidhne gu Inbhir Lìobhann, a dhùin ann an 1969, ath-fhosgladh agus thèid tramaichean Dhùn Èideann a leudachadh gu Lìte is Newhaven mar as còir. Chaidh seo uile aontachadh mar-thà.

Leven sign

Tha doirbh a bhith cinnteach de na loidhnichean eile a thèid fhosgladh/ath-fhosgladh ach tha tòrr iomairtean ath-fhosglaidh làidir ann agus tha mi cinnteach gun tèid tòrr rannsachaidhean-comais (feasibility studies) a dhèanamh air diofar loidhnichean.

Tha mi gu bhith a’ sgrìobhadh post eile mu bhith ag ath-thionndadh gearraidhean Beeching ann an ùine nach bi fada ach seo mo bheachdan air na pròiseactan a thèid air adhart:

Còrd Amain (the Almond Chord) – loidhne ghoirid (c1.5m) faisg air Dùn Èideann. Chruthaicheadh seo ceangal dìreach eadar Glaschu is Port-adhair Dhùn Èideann (tro stèisean Slighe Dhùn Èideann). Bhiodh e a’ ciallachadh gum biodh slighe a-steach a Dhùn Èideann ann a tha a’ seachnadh Tunail Winchburgh a tha dùinte ro thric mar thoradh air trioblaidean siognalaidh agus tuiltean.

Almond chord

Tha Còrd Amain ann an dearg

Almhaigh-Dùn Phàrlain (no pàirt dheth). Chaidh loidhne Sruighlea-Almhaigh-Ceann Chàrdainn-Dùn Phàrlain ath-fhosgladh ann an 2008 – do luchd-siubhail eadar Sruighlea is Almhaigh agus do thrèanaichean bathair air an t-slighe air fad. Chaidh an loidhne ath-fhosgladh gus nach biodh aig trèanaichean guail do stèisean cumhachd Lann na h-Annaid (Longannet) ri dhol thairis air Drochaid an Fhoirthe tuilleadh. Gu mì-fhortanach dhan loidhne – ach gu fortanach dhan àrainneachd – chaidh Stèisean Cumhachd Lann na h-Annaid a dhùnadh ann an 2016 agus mar sin, chan eilear a’ cleachdadh na loidhne eadar Almhaigh agus Dùn Phàrlain gu cunbhalach a-nis. Tha planaichean ann aig ìre gu math adhartach gus factaraidh a thogail air làrach an stèisein chumhachd a bhios a’ togail thrèanaichean ùra. Tha an riaghaltas a-nis a’ beachdachadh air seirbheisean luchd-siubhail a leudachadh, agus an loidhne a dhealanachadh gu faisg air an fhactaraidh ùr. Nan tachradh sin, dh’fhaodadh stèiseanan ùra a bhith ann an Clach Mhanainn agus ann an Ceann Chàrdainn.

Deltic ann an Sruighlea leis a’ chiad trèana à Almhaighm 2008

A bharrachd air seo, tha iomairt ann cuideachd gus an loidhne fhosgladh fad na slighe gu Dùn Phàrlain. Lìonadh seo beàrn chudromach anns an lìonra nàiseanta – eadar Glaschu/an costa an Iar agus Fìobh. Aig an àm seo, tha e a cheart cho furasta a dhol dhan Ghealaich air an trèana ’s a tha e a dhol dhan Rìoghachd bho Ghlaschu.

Seo dà phròiseact eile a dh’fhaodadh a dhol air adhart – chan eil mi buileach cinnteach gun tèid iad air adhart ach chanainn gu bheil teansa 50/50 aca.

Ceangail rèile gu port-adhair Ghlaschu. Tha an saga seo air a bhith a’ dol fad cha mhòr 15 bliadhna ach tha mi a-nis meadhanach dòchasach gun tachair e mu dheireadh thall. Leugh am post-bloga a sgrìobh mi mu dheidhinn bho chionn goirid.

Leudachadh air loidhne nan Crìochan. Tha loidhne nan Crìochan air a bhith uamhasach fhèin soirbheachail – tòrr nas soirbheachaile na bhathar an dùil. Ach tha tòrr sgìrean anns na crìochan a tha fhathast fada air falbh bhon lìonra rèile agus chanainn gu bheil teansa ann gun tèid an loidhne ath fhosgladh gu Maol Ros, Cille Bhoiseil agus Hawick. Tha Hawick air a bhith a’ fulang gu dona mar thoradh air crìonadh san eaconomaidh agus tha droch cheanglaichean còmhdhail aige. Tha an còrr den rathad-iarainn air a bhith cho fìor shoirbheachail is gu bheil mi a’ smaoineachadh gu bheil deagh argamaid ann air a shon – ged a bhiodh e cosgail. Bidh feum air obair mhòr air an loidhne gu Gala co-dhiù – thog an riaghaltas i le speac gu math ìosal le tòrr trac singilte agus gun lùban seachnaidh gu leòr agus mar sin, tha trioblaid air a bhith ann le cunbhalachd is astar nan trèanaichean agus chan eil rùm ann gus barrachd thrèanaichean a ruith. Dh’fhaodadh an riaghaltas an dà phròiseact a chur ri chèile mar aon phròiseact mòr gus an loidhne a leasachadh aig tuath agus a leudachadh gu deas aig an aon àm.

Bu toil leam gum rachadh an loidhne ath-fhosgladh fad na slighe gu Carlisle cuideachd ach ’s e pròiseact mòr is air leth cosgail a tha a’ gabhail a-steach dà dhiofar riaghaltas agus mar sin, ma thachras seo idir, chanainn nach tachradh e gu co-dhiù nan 2030s.

Stèiseanan ùra

Tha aonta ann mar-thà gun tèid trì stèiseanan ùra fhosgladh.

  • Ceann Tòrr (Kintore), Schd Obar Dheathain (air loidhne Inbhir Nis – Obar Dheathain)
  • Dealgan-Ros airson Port-adhair Inbhir Nis (Dalcross), Roinn na Gàidhealtachd
  • Linton an Ear, Lodainn an Iar (air prìomh loidhne a’ chosta an ear)
  • Reston, na Crìochan (air prìomh loidhne a’ chosta an ear)

Dealanachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba air targaid a shuidheachadh gus rathaidean-iarainn Albannach a dhì-charbonachadh ro 2035 tro dhealanachadh, trèanaichean bataraidh-dealanach agus trèanaichean haidridean.

Chanainn gun tòisich obair gus an còrr de na loidhnichean suburbach ann am mòr-sgìre Ghlaschu a dhealanachadh sna 2020an. Chan eil ach trì loidhnichean air fhàgail nach eil dealanach fhathast– Loidhne Chnoc Màiri (Glaschu- Cnoc Màiri – Fearann Anna) – 6m, Glaschu – Cille Bhrìghde an Ear – 11m, agus Glaschu gu Barrhead – 7m (agus is dòcha air adhart gu Cill Mheàrnaig – 16m a bharrachd). Agus mur a tachair seo, tha a h-uile coltas ann gun tèid trèanaichean bataraidh-dealanach a chleachdadh airson nan slighean sin.

Le uèirean suas ann am mòr-sgìre Ghlaschu agus na loidhnichean uile eadar Glaschu is Dùn Èideann, bhithinn an dùil gun rachadh cearcall Fìobha a dhealanachadh. Tha mu 75% de na tursan trèana ann an Alba air trèanaichean dealanach mar-thà agus nan rachadh na loidhnichean seo uile a dhealanachadh, chanainn gun rachadh am figear sin am meud gu mòr.

Tha an riaghaltas air a bhith a’ coimhead air trèanaichean bataraidh-dealanach airson slighean far nach biodh iarrtas gu leòr ann airson dealanachadh àbhaisteach. Seo trèana dealanach air deuchainn ann an Rathad-iarainn Bo’ness is Cheann an Fhàil an-uiridh.

Clas 230 ‘D-train’ – trèanaidh bataraidh dealanach, Stèisean Manuel, Rathad-iarainn Bo’ness is Cheann Fhàil

Bhiodh trèanaichean haidridean freagarrach airson loidhnichean fada anns nach eil iarrtas gu leòr airson dealanachadh leithid loidhnichean na Gàidhealtachd agus loidhne an na Sròin Reamhair.

Bhithinn an dòchas gum biodh an riaghaltas co-dhiù a’ beachdachadh air Glaschu/Dùn Èideann-Dùn Deagh is Obar Dheathain a dhealanachadh cuideachd ach ’s e pròiseact mòr a bhiodh ann an seo agus dh’fhaodte gur e trèanaichean haidridean  a thèid a chleachdadh ma thig an teicneòlas air adhart sna beagan bhliadhnaichean a tha romhainn.

Trèanaichean ùra

Fhuair ScotRail tòrr mòr trèanaichean ùra sna 2010an agus mar sin, chan eil mi an dùil gum faic sinn an uiread de thrèanaichean ùra airson greiseag fhathast. Ma thèid barrachd loidhnichean a dhealanachadh ge-tà, dh’fhaodte gum faic sinn trèanaichean dealanach ùra ro 2030.

Tha mi an dùil ge-tà, gum faic sinn trèanaichean bataraidh-dealanach ùra agus gur dòcha gum faic sinn trèanaichean haidridean cuideachd.

Chan eil mi an dùil gum faic sinn trèanaichean dìosail ùra. Aig a’ chàr as ìsle, bidh hybrids ann ach chanainn nach bi e fada gus nach bi trèanaichean dìosail idir againn air an lìonra nàiseanta. Ruith na trèanaichean smùid mu dheireadh air an lìonra nàiseanta ann an Alba ann an 1967 (1968 ann an Sasainn). Chan eil mi a’ smaoineachadh gun cuir sinn cùl ris na dìosailean ann an 2027 ach tha fìor dheagh sheans ann gum bi iad air falbh ro 2037.

Alasdair

 

 

 

 

 

 

 

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s