Oh the humanity! Trèana haidridein do dh’Alba #gaidhlig

Rinneadh deuchainnean air trèanaichean bataraidh-dealanach ann an Alba ann an 2018 mar phàirt de phlana Riaghaltas na h-Alba gus rathaidean-iarainn na h-Alba a dhì-charbonachadh.

Clas 230 no D-train – trèana battaraidh dealanach, Bo’ness, 2018

Chaidh ainmeachadh an t-seachdain seo gu bheil deuchainn de theicneòlas haidridein gu bhith againn cuideachd mar phàirt den targaid gus lionra-rèile gun charbon a bhith againn ro 2035.

Thèid uidheamachd haidridein a chur a-steach do sheann thrèanaichean Clas 314 a thàinig à seirbheis an-uiridh.

Clas 314, An Dùn Breac, 2019

Tha trèanaichean bataraidh dealanach gu math freagarrach airson tursan goirid far nach deach loidhnichean a dhealanachadh le uèirean  fhathast – no far nach eil coltas ann gun tèid an dealanachadh gu bràth. Tha iad saor a thogail agus a ruith. Nì iad mu 40 mìle eadar charge is mar sin, bhiodh iad freagarrach airson loidhnichean leithid Glaschu gu Cnoc Màiri, Glaschu gu Cill Mheàrnaig no Glaschu – Cille Bhrìde an Ear (a thèid a dhealachadh latha de na làithean) no Inbhir Ùige-Inbhir Theòrsa (nach tèid a dhealanachadh mar thoradh air cho beag de sheirbheisean a th’ ann).

Tha trèanaichean haidridein nas daoire ach nì iad astaran tòrr nas fhaide air tanca làn. Ghabhadh an cleachdadh airson nan loidhinichean fada uile far nach eil cumhachd an dealain ann, m.e Loidhne na Gàidhealtachd an Iar agus Loidhne na Gàidhealtachd a Tuath agus Loidhne a’ Chaoil agus cuideachd seirbheisean eadar-chatharach bho Ghlaschu/Dùn Èideann gu Inbhir Nis is Obar Dheathain agus Obar Dheathain gu Inbhir Nis.

Feumar tòrr dealain gus haidridean a dhèanamh ach le tuathanasan gaoithe, gabhaidh a dhèanamh ann an dòigh gu math uaine. Gu tric, bithear a’ cruthachadh barrachd dealain na tha a dhìth air an an lìonra agus gabhaidh an dealan seo a chleachdadh gus haidridean a dhèanamh.

Tha e gu math brosnachail gu bheil adhartas ga dhèanamh cho luath air lìonra rèile na h-Alba aig an àm seo.

Alasdair

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an treanaichean, Uncategorized agus a thagadh , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to Oh the humanity! Trèana haidridein do dh’Alba #gaidhlig

  1. Thuirt drronmccoy:

    Sgoinneil! Gu math inntineach!

    Liked by 1 duine

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s