The great little rail-replacement buses of Wales! #gàidhlig

Tha mi a’ feuchainn ri dhol air gach rathad-iarainn ann an Alba, A’ Chuimrigh agus Èirinn. 

Tha mi air a’ mhòr-chuid de na rathaidean-iarainn a dhèanamh ann an ceann a tuath na Cuimrigh agus bha mi air mo dhòigh an t-seachdain sa chaidh oir bha mi gu bhith a’ dol air turas dhan Chuimrigh agus bha cothrom gu bhith agam a dhol air loidhne nach do rinn mi riamh roimhe – Loinne Srath Chonwy – Rheilffordd Dyffryn Conwy.

Bha mi gu bhith a’ dol eadar Ceann-rèile Llandudno agus Blaenau Ffestiniog air an trèana air an t-slighe gu cùrsa cànanan ceilteach sa Chuimrigh ann am Bala. Bha mi an uair sin a’ dol a dh’fhaighinn lioft bho Bhlaenau Ffestiniog – mecca nan trèanaichean – gu Bala bho mo charaid gaisgeil ioma-chànanach Rory Francis.

Ach mar a thachair cùisean, rinn Stoirm Ciara sgrìos air loidhne Conwy seachdain no dhà roimhe sin agus tha trèanaichean gu Blaenau Ffestiniog gu bhith dheth fad mìosan. Mar sin, an àite a bhith a’ dol air trèana, bha agam ri bus-ionaid rèile fhaighinn.

Chan urrainn dhomh gearain cus ge-tà. Fhuair mi an trèana bho Ghlaschu gu Ceann-rèile Llandudno gun duilgheadas sam bith agus ged a tha mi air a bhith air an loidhne sin turas no dhà roimhe, tha e daonnan sgoinneil a bhith a’ dol air loidhne Costa a Tuath na Cuimrigh.

Chaidh mi tro Chaer/Chester agus a-steach dhan Chuimrigh agus chunnaic mi Prestatyn agus Rhyl far a bheil na carabhanan cho lìonmhor is gun cuirinn an geall gum faicear bhon Ghealaich iad!

Bha mi air trèana Clas 175 no “Cymrustar” mar a th’ agam orra – trèana nach fhaighear ach anns a’ Chuimrigh agus a ruitheas a mhòr-chuid de sheirbheisean eadar-chatharach san dùthaich.

Mar a bhiodh tu an dùil, bha mi ag èisteachd ri ceòl às an àite – the Alarm – à Prestatyn bho thùs. Nas fheàrr na sin, tha Mike Peters fhathast a’ fuireach san àite.

Fhuair mi cothrom coinneachadh ri Mike Peters bhon Alarm ann an 2012 air mullach Beinn Neibhis!

Ma tha thu glàiste a-steach mar thoradh air a’ chorònabhìoras is feumach air beagan ceòil, mholainn gun èist thu ri rud sam bith bhon Alarm!

Thàinig mi far na trèana ann an Cyffordd Llandudno (Llandudno Junction), baile beag beagan a deas air Llandudno fhèin (‘Blackpool na Cuimrigh’!)

Clas 175 ‘Cymrustar’ ann an Stèisean Cheann-rèile Llandudno

Bha dà fhichead mionaid agam ri cur seachad sa bhaile agus bha mi air mo dhòigh glan gun robh cafaidh snog agus bùth leabhraichean dìreach taobh a-muigh an stèisein. Fhuair  mi deagh srùbag agus leugh mi mo leabhar mus deach mi a dh’fhaighinn a’ bhus.

Tha taigh-òsta air a bheil Taigh-òsta an Stèisean mu choinneamh an stèisein agus fhuair mi a-mach fhad ’s a bha mi a’ feitheimh ris a’ bhus gur e ‘an Killer’ an t-ainm a th’ aig muinntir an àite air. A rèir Wiki, fhuair e am far-ainm seo a chionn ’s gum biodh dràibhearan nan trèanaichean ag òl gu trom ann mus rachadh iad a dh’obair. Chan eil mi cinnteach an robh sin riamh fìor ach tha mi an dùil is an dòchas nach eil e fìor an-diugh!

Ged is e briseadh dùil a bh’ ann nach robh an trèana a ruith, bha an turas ann air a’ bhus dìreach àlainn. Bha baile Betws y Coed gu sònraichte snog. Tha taigh-tasgaidh nan rathaidean-iarainn ann agus meanbh rathad-iarainn cuideachd agus bu toil leam a dhol ann uair eile. Shaoil mi gun robh e caran coltach ri Grasmere ann an Sgìre nan Loch ann an Sasainn le toglaichean àlainn agus pàirce bhrèagha. Bha am baile gu math trang le luchd-coiseachd is luchd-turais.

Goirid às dèidh sinn, ruig mi mo cheann uidhe – Blaenau Ffestiniog. Bha mi duilich nach robh Rathad-iarainn a’ Ffestiniog a’ ruith air an latha sin a bharrachd air an rathad-iarainn àbhaisteach ach bha mi toilichte fhaicinn gu bheil trèana bheag snog ann an teis meadhan an rathaid!

Choinnich mi ri Rory agus chaidh sinn airson beagan bìdh agus bha sinn air ar cuairteachadh le Cuimris sa h-uile àite mar as còir.

Chunnaic mi an soidhne seo sa chafaidh a tha a’ brosnacahdh dhaoine gus an cuid Cuimris a chleachdadh. Bhiodh e math rudeigin mar sin a bhith againn ann an Gàidhealtachd na h-Alba.

An uair sin, fhuair mi cothrom rudeigin fìor inntinneach a dhèanamh – chaidh mi air baidheasgal dealain! Tha baidseagalan dealain aig Ruairidh agus a bhean a tha nam baidhseagalan àbhaisteach ach le taic bho bhataraidhean gus am bi e nas fhasa rothaireachd a dhèanamh ann an àiteachan beanntach leithid Bleanau Ffestiniog! Chòrd e rium glan – tha seo gu math freagarrach airson tursan ro fhada airson coiseachd ach ro ghoirid airson càr.

An uair sin, chaidh sinn air ais gu taigh Rory a tha loma-làn leabhraichean inninneach ann an Cuimris, Gàidhlig, Gaeilge, Còrnais, Breatnais, Beurla is eile! Tha e a cheart do dona rium fhèin agus tha mi a’ smaoineachadh eadar mi fhèin is e fhèin agus na daoine eile ris an do choinnich sinn rè na deireadh seachdain gur dòcha gum bu chòir dhuinn meur de Bibliophiles Anonymous a stèidheachadh airson daoine aig a bheil cus leabhraichean ann an cus diofar chànan!

Rinn sinn air Bala agus air an t-slighe stad sinn ann am Frongoch. Tha ùidh mhòr agam ann an eachdraidh na h-Èireann agus chaidh prìosanaich bho Ar-a-mach na Caisge ann an 1916 a chur gu campa prìosain an sin – còrr is 1,800 dhiubh a’ gabhail a-steach Michael Collins. Bha e uamhasach fhèin inntinneach an t-àite fhaicinn.

View this post on Instagram

Frongoch

A post shared by Alasdair MacCaluim 🚃 🚎 🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿 (@alasdairmaccaluim) on

Tha pannal fiosrachaidh agus plac ann agus tha a h-uile rud ann an Cuimris, Gaeilge agus Beurla mar as còir. Nam faiceadh luchd-leughaidh an Daily Mail (‘caraid nan Gàidheal’) e, tha mi cinnteach gun spreadhadh na h-eanchainnean beaga aca!

Chaidh sinn an uair sin gu Cànanan Ceilteach sa Chuimrigh. Bidh mi a’ dol ann gach bliadhna agus tha e a’ còrdadh rium a bhith air mo chuairteachadh le Cuimris, Gaeilge agus Breatnais. Bha mi gu bhith ag ionnsachadh na Còrnais ach bha an neach-teagaisg againn tinn agus mar sin, rinn mi an cùrsa Gaeilge le mo charaid Peadar Ó Muircheartaigh. 

Bha fìor dheagh chursa againn agus aig deireadh a’ chùrsa chaidh mi gu Borth le mo charaid Rhisiart Hinks aig a bheil Cuimris, Breatnais, Gaeilge agus Gàidhlig (chan e is gu bheil farmad orm….) agus dh’fhuirich mi san taigh aige oir bha mi gu bhith a’ dol dhachaigh air an trèana an ath latha bho Bhorth.

An ath latha, dhùisg mi tràth agus rinn sinn air stèisean Bhorth. Fhad’s a bha mi air an àrd-ùrlar a’ feitheimh ris an trèana, nochd teachdaireachd air an sgrìn gun robh an trèana dheth is gum biodh bus-ionaid-rèile ann!

Cha robh sgeul air a’ bhus agus bha aig Rhisiart bochd ri mo dhràibheadh gu Machynlleth aig peilear a’ bheatha – agus is math gun d’rinn e sin oir cha do nochd bus idir aig a’ cheann thall agus dh’fhàg an trèana air an uair. Gu fòrtanach, bha mi air bòrd….

Fhuair mi an trèana tro mheadhan na Cuimrigh gu Chester/Caer far an robh lethuair a thìde ri feitheamh. Fhuair mi cofaidh ann an Costa ann an Caer agus bha faireachdainn caran bittersweet orm. Nuair a chaidh mi dhan Chuimrigh, bha an corònabhìoras a’ faireachdainn gu math fada air falbh – ged a bha fios againn gun robh e a’ tighinn, cha deach iarraidh air daoine fuirich a-staigh no siubhal a sheachnadh agus mar sin air adhart aig an ìre sin. Air an t-slighe air ais, ge-tà, bha na naidheachdan air atharrachadh gu mòr agus ann an Stèisean Chaer, bha muinntir an stèisein trang a’ glanadh nan dorsan agus nan innealan tiocaid gu tric.

Bha an trèana agam gu tuath gu math falamh agus bha comhairle an riaghaltais air atharrrachadh gu mòr eadar an Dihaoine agus an Diluain. Mar sin, ged a bha mi a’ dol dhachaigh air Cymrustar às dèidh deireadh sheachdainn fìor mhath le mo chàirdean, bha mì-chinnt is eagal san adhair agus faireachdainn gun robh a h-uile rud air atharrachadh.

 

 

 

Alasdair

p.s – Mur eil sibh eòlach air ceòl an Alarm, tòisich le seo:

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Chuimrigh, Gàidhlig, rathaidean-iarainn, Uncategorized agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to The great little rail-replacement buses of Wales! #gàidhlig

  1. Pingback: The great little rail-replacement buses of Wales! #gàidhlig — Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean | Mon site officiel / My official website

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s