Tramaichean, tràilidhean agus astar-sòisealta! #gaidhlig

Chan urrainn dhomh a dhol air turas trèana no trama sam bith an-dràsta mar thoradh air a’ Chorònabhìoras, ach tha mi a’ cur deagh fheum air a’ chuairt coise agam gach latha.

Chaidh mi fhèin agus an tè bheag air turas gu Pàirc Bhaile Hùistean an-diugh agus fhad ’s a bha sinn ann, rinn mi beagan obair detective airson beagan de sheann lìonra tramaichean is tràilidhean Ghlaschu a lorg.

Ma tha thu eòlach air Pàirc Bhaile Hùistean no Mosspark Boulevard idir, is dòcha gun do mhothaich thu gu bheil am Boulevard gu math leathann. ’S e as adhbhar do sin gun robh slighe-trama ann uair. An àite a bhith a’ ruith air an rathad fhèin, bha slighe fa leth aca eadar an rathad agus a’ phàirc.

IMG_2403

Eubha a’ sealltainn far an robh an t-slighe trama.

Ged a dh’fhalbh na tramaichean bho chionn cha mhòr 60 bliadhna, chithear far an robh iad fhathast agus tha pìos bheag bhiodach de thrac ann aig a’ cheann-rathad le Draibh Bhaile Hùistean.

IMG_2400

Na tha air fhàgail de slighe trama Phàirc na Mòna

An uair sinn, choisich sinn sìos Dràibh Bhaile Hùistean gu Sràid Dhiùra far an robh terminus bus-tràilidh àireamh 106.

 Làrach terminus bus-tràilidh Bhaile Hùistean

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an busaichean-tràilidh, Uncategorized agus a thagadh , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s