Sùil air ais air trainspotting sna 80an #gàidhlig

Tha 34 latha ann bho bha mi air trèana mu dheireadh agus bidh greis ann fhathast mus bi cothrom agam a dhol air turas rèile a-rithist.

Tha mi air leasan inntinneach ionnsachadh san àm sin – is iongantach an obair a nì duine ma tha e stuicte san taigh fad mìos. Tha mi air na faidhlichean agam uile a sgioblachadh, tha mi air na h-uinneagan a ghlanadh, tha mi air na faidhlichean coimpiutair agam a sgrioblachadh, tha mi air iomairt Gàidhlig no dhà a dhèanamh agus tha mi fiù ’s air toiseachadh air an lobht a sgioblachadh.

Clas 120, Glaschu Mheadhain c1986

Nuair a bha mi san lobht, lorg mi bogsa de na dealbhan trèana a thog mi sna 1980an nuair a bha mi san sgoil. Tha mi a-nis air a’ chuid as fheàrr aca a sgannadh a-steach dhan choimpiutair agus a chur suas air Flickr.

Bha mi beò-glaicte le trèanaichean eadar mu 1985 agus 1987/88. An uair sin, fhuair mi ZX Spectrum agus ghabh mi ùidh na bu mhotha ann an geamaichean coimpiutair agus ceòl agus chan ann airson 10 bliadhna eile a thog mi ùidh ann an rathaidean-iarainn a-rithist.

Clas 104, Stèisean Sràid na Banrighinn (bliadhnaichean mus robh sgeul air soidhnichean dà chànanach ann)

Air ais ann an 1985, bha mi ann an clas 7 sa bhun-sgoil agus clas 1 san àrd-sgoil ann an Stepps, faisg air Glaschu. Cha mhòr gach deireadh seachdain, bhithinn a’ dol dhan bhaile Disathairne no Didòmhnaich le mo charaid Cailean air a’ bhus gus trainspotting a dhèanamh.

Bhiomaid a’ tòiseachadh ann an Stèisean Sràid na Banrighinn – High Level is Low Level, agus an uair sin a’ dol gu Central – High Level is Low Level. Rachamaid air an t-Subway gach turas cuideachd – mar as trice airson dà chuairt den t-siostam air fad!

Nuair a bha airgead gu leòr againn, gheibheamaid burgair bho Casey Jones Burgers ann an Stèisean a’ Mheadhain agus is dòcha lethbhreac den iris Modern Railways cuideachd.

casey jones

Casey Jones Burgers – BR a’ feuchainn ri bhith coltach ri McDonalds!

Bha camara beag 110 size agam a thug m’ athair dhomh agus bhithinn a’ togail dealbhan de na trèanaichean leis. Bha e caran coltach ris a’ chamara san t-sanas spaideil (?!) seo ach bha e na bu shine agus cha robh flash air! Bha na dealbhan a thog e math ach beag biodach!!

a7e7ab92ba4893b574abbd2953f05b3a--instamatic-camera-vintage-cameras

Airson mo cho-latha-breith ann an 1986, fhuair mo phàrantan camara-disc dhomh! Eil cuimhne agaibh orra? Bha e na bu spaideile AGUS bha flash air!

337e5a649232441f69e7e6317ade8128

Camara-disc! 

Bhiomaid a’ dol bho Stèisean a’ Mheadhain gu Stèisean Sràid na Banrighinn uair is uair air an aon latha, uaireanan air a’ bhus shònraichte a bha a’ cosg dìreach 10sg! ‘S e bus double-decker ‘Corpy’ àbhaisteach a bh’ ann leis a’ mhullach air a gheàrradh dheth!

85213706-GG838

Am bus sònraichte eadar an dà stèisean. Cheannaich mi an dealbh seo bho: https://www.philt.org.uk/

Bha na rathaidean-iarainn rud beag eadar-dhealaichte sna 80an. Ann an Alba san latha an-diugh, tha sinn cleachdte ri trèanaichean gu math ùr is glan agus tha tòrr a bharrachd trèanaichean dealanach ann. Ann am meadhan nan ceithir ficheadan, bha a mhòr-chuid de na trèanaichean bho na 1950an. Bha tòrr charactar aca ach gu tric, bha iad gu math salach agus bha na stèisesanan loma làn smuid diosail agus bhiodh ceann goirt agad às dèidh cus tìde ann!

A bharrachd air seo, bha tòrr de na trèanaichean air an tarraing le locothan. San latha an-diugh, tha cha mhòr a h-uile trèana ann an Alba na Iom-aonad no multiple unit – càraichean-rèile.

Loco clas 27 ann an Sràid na Banrighinn (GLQ)

Agus bha Glaschu na àite inntinneach airson iom-aonadan ann am meadhan nan ochdadan. Bha gainnead thrèanaichean ann an Alba – gu sònraichte air loidhne Inbhir Air – agus chaidh tòrr dhìofar sheòrsaichean aonad a chur a dh’Alba mun àm seo. Bha trainspotting car coltach ri safari rèile – cha robh fhios agad dè a chitheadh tu is cuine.

Clas 107, Glaschu Mheadhain (GLC)

‘S e àm inntinneach a bha seo airson rathaidean-iarainn. Bliadhna no dhà às dèidh seo, thàining tòrr mòr thrèanaichean ùra a-steach. Tòrr chàraichean-rèile ùra – na Sprinters agus Supersprinters a bha spaideil agus ùr-nodha agus mean air mhean, chaidh an cur an àite nan seann aonadan agus nan locothan. Mar sin, chunnaic mi cùisean dìreach mus robh mòr atharrachadh ann.

Clas 156 ‘Supersprinter’ – ginealach ùr nan aonadan rèile

‘S e deagh àm a bha seo airson a bhith beò agus a bhith a’ leantainn rathaidean-iarainn ann an Alba!

Alasdair

Air an Sony Walkman agam aig an àm: Big Country, the Alarm

 

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, Uncategorized agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s