Chaidh Seanadh Gnàth-shìde na h-Alba a chur air dòigh tro Achd Atharrachadh na Gnàth-thìde (Targaidean airson Sgaoilidhean a Lùghdachadh) (Alba) 2019. ‘S e a th’ ann ach seanadh de shaoranaich a bhios a’ cnuasachadh air gnothaichean mun àrainneachd agus a’ toirt mholaidhean do Phàrlamaid na h-Alba.
Tha co-chomhairle a’ dol air adhart an-dràsta, a’ sìreadh bheachdan a thèid a thoirt dhan t-Seanadh.
Tha a’ cho-chomhairle a’ tighinn gu crìch 26/10/20.
Tha còmhdhail na pàirt chudromach de bhith a’ lùghdachadh sgaoilidhean càrboin. Air an adhbhar seo, tha mi air beachd a chur air ais dhan cho-chomhairle a thaobh rathaidean-iarainn.
Seo e:
Prògram de dh’fhosglaidhean/ath-fhosglaidhean reile
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ dèanamh tòrr an-dràsta gus rathaidean-iarainn a dhì-charbonachadh ach tha an t-àm ann a bhith a’ cur ri sin le prògram leantainneach (’rolling programme’) de rathaidean-iarainn ùra is ath-fhosgailte.
Bu chòir na loidhnichean a leanas a bhith air a’ phrògram, mar eisimpleir:
– Slighe a’ Waverley bho Bhruach Thuaidh- Carlisle
– Obar Dheathain- Eilean (Ellon) – Ceann Phàdraig / Baile nam Frisealach
– Crois-rèile Ghlaschu
– Almhagh-Dùn Phàrlain
– An Eaglais Bhreac – Inbhir Ghrainnse
– Ceangal rèile gu Port Adhair Ghlaschu
– Siostam thramaichean do Ghlaschu
Why the contribution is important
– Tha prògram leantainneach de rathaidean-iarainn ùra/ath-fhosgailte cudromach gus còmhdhail phoblach a bhrosnachadh agus gus sgaoilidhean carboin a lùghdachadh.
– Tha e cudromach gum bi lìonra rèile ann a tha a’ ceangail na dùthcha ri chèile agus a’ brosnachadh gluasad bho chàraichean gu còmhdhail phoblach.
– Tha rannsachadh air sealltainn gu bheil rathaidean-iarainn nas èifeachdaiche gus gluasad a bhrosnachadh bho chàraichean gu còmhdhail phoblach na busaichean.
– Tha àiteachan ann an Alba far nach eil deagh cheanglaichean ann le còmhdhail phoblach – m.e Ear-thuath na h-Alba agus Glaschu/taobh an iar na h-Alba – Fìobh, na Crìochan gu Carlisle agus cha ghabh na beàrnan seo a lìonadh ach le rèile.
Aig an àm seo, tha iomairtean gus rathaidean-iarainn ath-fhosgladh a’ toirt bhliadhnaichean mòra is obair ro-mhòr. Tha aig coimhearsnachdan, buidhnean iomairt is Comhairlean ri iomairtean fada duilich a dhèanamh mus bi adhartas sam bith ann. An àite seo, bu chòir prògram a bhith ann aig an ìre nàiseanta far am bi an Riaghaltas a’ gabhail an uallaich os làimh airson a bhith a’ brosnachadh is a’ planadh rathaidean-iarainn ùra agus bu chòir prògram leantainneach (’rolling programme’) a bhith ann.
Tha an riaghaltas ag amas air mu 125 mìle a de rathaidean-iarainn a dhealanachadh gach bliadhna. Bu chòir targaid a bhith ann airson mìltean de rathaidean-iarainn a thèid fhosgladh gach bliadhna, can 10 mìle gach bliadhna.
Ma tha thu ag aontachadh ris a’ mholadh, bhiodh e glan nam b’ urrainn dhut a dhol dhan cheangail seo, clàradh air an làraich agus bhòtadh air seo no beachd no dhà fhàgail.
Tha tòrr mholaidhean eile ann air a h-uile cuspair co-cheangailte ris a’ ghnàth-shìde – na bi leisg do chuid bheachdan a chur a-steach – sa Ghàidhlig!
Alasdair
Alasdair a Chàraid – tha na seo a’ còrdaidh rium an-còmhnaidh. Nach robh cuimhne agad air an loidhne ‘Why the contribution is important’ a chuir Gàidhlig air Beurla?
'S toilLiked by 1 duine