Co-chomhairle chudromach mu chòmhdail phoblach #gàidhlig

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ sireadh bheachdan air còmhdhail phoblach an-asgaidh do dh’òigridh fo aois 19 aig an àm seo.

Tha a’ cho-chomhaile fosgailte gu 7 Dubhlachd.

Seann bhusaichean taobh a-muigh Pàirce na Banrigh, Glaschu

Chithear am pàipear co-chomhairle an seo agus faodar beachdan a chur a-steach air a’ cheisteachan air-loidhne.

Tha mi air mo chuid bheachdan a chur a-steach mar-thà – anns a’ Ghàidhlig mar a bhiodhte an dùil. Thuirt mi gur e fìor dheagh rud a bhiodh ann a thaobh co-ionannachd shòisealta agus a thaobh na h-àrainneachd.

Thuirt mi cuideachd, ge-tà, gum bu chòir tramaichean, an Subway agus seirbheisean rèile ionadail a bhith an-asgaidh do dhaoine fo aois 19 cuideachd gus cothrom na fèinne a thoirt do gach modh còmhdhail. Tha seo fìor gu sònraichte ann an àiteachan far a bheil ceanglaichean rèile nas fheàrr na na seirbheisean bus.

Ma tha thu airson am pàipear co-chomhairle a leughadh sa Ghàidhlig, tha Còmhdhail Alba fìor mhath a thaobh a bhith ag eadar-theangachadh sgrìobhainnean dhan Ghàidhlig.

Chuir iad Gàidhlig air pàipear ro-innleachd nan rathaidean-iarainn bho chionn goirid nuair a rinn mi iarrtas. Ma tha sibh airson am pàipear seo fhaicinn sa Ghàidhlig, cuir fios thuca air info@transport.gov.uk.

Agus ma tha sibh a’ gabhail pàirt sa cho-chomhairle, ge b’ e dè am beachd a chuireas sibh a-steach, cuir a-steach do chuid bheachdan sa Ghàidhlig!

Ma tha thu a’ fuireach ann an Glaschu, tha a’ chomhairle a’ dèanamh co-chomhairle mu chòmhdhail cuideachd. Bidh e a’ tighinn gu crich air 30/10 ach ma tha thu luath, tha cothrom ann do bheachdan a chur a-steach fhathast!

Chuir mi mo bheachdan fhèin a-steach: mhol mi siostam meatro, Cross-rèile Ghlaschu agus seirbheis bus ann an làmhan a’ phobaill.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s