Bho Eurotunnel gu Gaeltunnel – eil feum air tunail eadar Alba is Èirinn? #gàidhlig

Tha am Prìomhaire Boris Johnson a’ moladh gun tèid ceangal rèile a thogail eadar Alba is Èirinn agus tha Network Rail a’ dèanamh sgrùdadh comais air. Ach a bheil feum air seo? Agus an gabh e dèanamh co-dhiù?

Tha fios aig daoine a bhios a’ leughadh a’ bhloga seo gu bheil mi daonnan airson pròiseactan rèile mòra fhaicinn agus gu bheil mi gu mòr airson ceanglaichean nas treasa fhaicinn eadar Alba agus Èirinn – tuath is deas.

Ach an e seo an t-seòrsa pròiseact rèile a tha a dhìth ann an Alba is Èirinn?

An t-Sròn Reamhar, 01/06/12
Seo Stèisean na Sròine Reamhair – stèisean beag le aon trac air loidne gu math slaodach

Bhiodh an tunail a’ ceangal na Sròin Reamhar ann an Alba agus Latharna (Larne) ann an Èirinn. ’S e pròiseact air leth mòr a bhiodh ann an seo agus tha dà dhiofar dhòigh anns an gabhadh e dhèanamh.

  • Ceangal rèile ceart. Bhiodh an tunail co-cheangailte ri lìonraidhean rèile Bhreatainn is Èireann.
  • Shuttle rèile do charbadan rathaid. Bhiodh daoine is an carbadan a’ dol air an trèana airson a dhol tron tunail ach bhiodh an còrr den turas aca air rathaidean.

Tha roghainn (1) tòrr nas fheàrr a thaobh na h-àrainneachd agus a’ brosnachadh atharrachadh modh (modal shift). Le roghainn (2), cha bhiodh e idir math dhan àrainneachd is cha bhiodh e a’ brosnachadh atharrachadh modh idir – is dòcha an caochladh. Bhiodh e ag adhbharachadh barrachd trafaig agus bhiodh feum air obair leasachaidh mòr air rathaidean ann an iar-dheas na h-Alba.  

Dè na dùbhlain a bhiodh ann airson tunail a thogail?

  • Cosgaisean. Bhiodh an tunail air leth fhèin cosgail agus tha ceist mhòr ann am biodh seo cosg-èifeachdach ann an suidheachadh sam bith. Mar eisimpleir, chosg Tunail a’ Chaolais £16 billean not ann an airgead an latha an-diugh. Agus bhiodh tòrr chosgaisean a bharrachd ann airson bun-structar eile a bhiodh a dhìth nam biodh e ceangailte ris an lìonra rèile no gus na rathaidean a leasachadh mur an robh e ceangailte ris an lìonra rèile.
  • Gèidse. Tha gèidse eadar-dhealaichte aig rathaidean-iarainn Bhreatainn (4’8½”) agus rathaidean-iarainn na h-Èireann (5’3”). Mar sin, cha ghabhadh trèanaichean a ruith eadar siostam rèile Bhreatainn is siostam rèile na h-Èireann. Bhiodh feum air stèisean iomlaid airson luchd-siubhail ann an Latharna agus air gàradh bathair gus gluasad eadar na diofar ghèidseachan. Cha bhiodh seo idir goireasach, chailleadh e tide agus chuireadh e ri cosgaisean nan companaidhean bathair.
  • Latharna. Thathar a’ moladh gum biodh an tunail eadar Alba is Latharna. Is dòcha nach dèanadh seo diofar a thaobh bathair, ach cha biodh seo idir goireasach do luchd-siubhail. Bhiodh ceangal ri Beal Feirste fada na b’ fheàrr.  
  • Bun-structar rèile na h-Alba. Aig an àm seo, chan eil an ceangal rèile eadar meadhan na h-Alba agus iar-dheas na h-Alba idir math. Bhiodh tòrr obair ath-nuadhachaidh a dhìth air loidhne na Sròin Reamhair – dùblachadh, dealanachadh agus astar nas luaithe. Nas cudromaiche, chan eil rathad-iarainn sam bith ann eadar iar is ear. Chaidh “Rathad a’ Phuirt” – rathad-iarainn Dhùn Phris – an t-Sròn Reamhar a dhùnadh sna 1960an agus mar sin, chan eil ceangal rèile idir ann eadar an t-Sròn Reamhar agus Sasainn. Bhiodh aig an Riaghaltas ri Rathad a’ Phuirt ath-fhosgladh – agus chan ann dìreach mar loidhne àbhaisteach ach mar rathad-iarainn dùbailte, dealanach a bhiodh freagarrach airson trèanaichean aig co-dhiù 100 mìle san uair. Chuireadh seo uile na billeanan ris na cosgaisean.
  • Bun-structar rathaid na h-Alba. Nan robh tunail rèile ann a bhiodh na shuttle airson carbadan rathaid, an àite a bhith ceangailte ris an lìonra rèile nàiseanta, bhiodh tòrr mòr obair leasachaidh a dhìth air an A77 (Inbhir Àir-an t-Sròn Reamhar) agus an A74 (An t-Sròn Reamhar-Greatna). Bhiodh tòrr a bharrachd làraidhean is càraichean a’ dol eadar Èirinn, Alba agus gu sònraichte, ceann a tuath Shasainn. Cha b’ urrainn do na rathaidean a th’ againn an-dràsta dèiligeadh ri seo. Bhiodh obair ath-nuadhachaidh mòr a dhìth gus na rathaidean seo a thoirt dhan ìre a bhiodh a dhìth agus chosgadh seo na billeanan. Chuireadh seo gu mòr ri eimiseanan carboin agus ri cleachdadh chàraichean.
  • Tìde. Fiù’s nan gabhadh an tunail a thogail, ceangailte ris an lìonra rèile, bhiodh an turas gu math fada agus is dòcha nach biodh gluasad modh ann eadar plèana is trèana. Bhiodh a’ mhòr-chuid de na daoine a bhiodh ga chleachdadh a’ tighinn à meadhan na h-Alba. Aig an àm seo, tha turas eadar Glaschu is an t-Sròn Reamhar a’  toirt còrr is dà uair gu leth. Tha turas bho Latharna gu Beal Feirste a’ toirt uair a thìde. Mar sin, tha e coltach gun toireadh turas bho Ghlaschu gu Beal Feirste mu 4 uairean a thìde. Bheireadh e na b’ fhaide buileach do dh’àiteachan leithid Bhaile Átha Cliath no Doire oir tha na seirbheisean rèile eadar-chathrach taobh a-staigh na h-Èireann gu math slaodach. Bhithinn toilichte gu leòr le sin, ach airson cuid eile, bhiodh sin ro fhada agus ghabhadh iad am plèana an àite turas cho fada. Cha tarraingeadh seo daoine ach a-mhàin nam biodh na prìsean fìor fìor ìosal agus/no nan cuireadh an riaghaltas bacaidhean air seirbheisean adhair eadar Alba is Èirinn (rud a bhiodh math!)

Air na h-adhbharan seo uile, chan eil mi a’ smaoineachadh gum biodh e practaigeach tunail rèile a thogail eadar Alba is Èirinn. Bhiodh na cosgaisean fìor àrd chun na h-ìre is nach bhiodh e cosg-èifeachdach idir. Nan robh e na thunail a bhiodh dìreach na shuttle rèile nach robh ceangailte ris an lìonra, dhèanadh e cron mòr air an àrainneachd cuideachd.

Clas 3000, Stèisean Mòr-shràid Bhictoria, 29/12/19
Trèana ann an Stèisean Mòr-shràid Bhictoria, Beal Feirste

Chanainn gum biodh e na b’ fheàrr cuid den airgead a chosg air leasachaidhean rèile eile ann an Alba is Èirinn. Bu chòir Rathad a’ Phuirt ath-fhosgladh air adhbharan eaconomach, sòisealta is àrainneachd, tunail ann no às, agus bu chòir ceangail rèile a dhèanamh gu Càrn Rìoghain, port nam bàtaichean-aithisg gu Èirinn.

Agus ann an Èirinn, tha na trèanaichean eadar BÁC agus Beal Feirste cianail slaodach agus tha feum air trèanaichean ùra agus leasachaidhean air an loidhne gus am bi an turas nas luaithe. Tha feum air leasachadh mòr air an loidhne eadar BF agus Doire cuideachd gus am bi na seirbheisean rèile nas trice is nas luaithe. Tha feum air obair dealanachaidh ann an Èirinn cuideachd – chan eil trèanaichean dealanach idir ann ach a-mhàin trèanaichean suburbach DART ann an sgìre Bhaile Átha Cliath. Tha feum air ath-fhosglaidhean rèile cuideachd, gu sònraichte ann an Èirinn a Tuath – mar eisimpleir, loidhnichean gu Dún Geanainn is Ard Mhacha agus loidhne Lios na gCearrbhach– Aontroim.

Agus bu chòir obair leasachaidh a dhèanamh gus bàtaichean-aiseig nas uaine a chruthachadh, is dòcha a’ cleachdadh cumhachd an dealain no hydrogen san uaine fhada.

Is dòcha gum biodh an t-airgead a’ tighinn bho spòran Riaghaltas na RA is na h-Èireann is nach gabadh an t-airgead a chosg ann an Alba no Èirinn a Tuath co-dhiù, ach ma tha Riaghaltas na RA airson airgead mòr a chosg air rathaidean-iarainn, tha tòrr pròiseactan ann an Sasainn – a’ gabhail a-steach ath-thogail taobh slige a’ Waverley bho Carlisle chun na crìch le Alba – a bhiodh fada na b’ fheàrr!

San dealacadh, feumaidh mi ràdh cuideachd nach eil a’ smaoineachadh gu bheil an Riaghaltas an da-rìribh mun phròiseact seo sa chiad dol a-mach, chanainn nach eil ann ach cleas sanasachd.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s