I’ve been to Hastings and I’ve been to Brighton, I’ve been to Eastbourne too – So what! Eachdraidh an Seaton Tramway #gàidhlig

Air ais anns na 1940an, bha fear ann an Lunnainn air an robh Claude Lane. Bha factoraidh charbadan dealanach aige a bhiodh a’ dèanamh milk floats.

Bha e uamhasach dèidheil air tramaichean agus bhris e a chridhe mar a bhathar a’ dùnadh siostam thramaichean Lunnainn mean air mhean.

Ach bha aisling aig Claude: bha e airson slighe-trama a thogail dha fhèin.

Taigh-tasgaidh nan Tramaichean, Crich, 27/4/12
Trama Lunnainn – chaidh siostam tramaichean Lunnainn a dhunadh ann an 1952

Thoisich e le loidhne bheag taobh a-staigh an fhactaraidh aige ann am Barnet, Lunnainn. Cha robh rùm gu leòr ann airson tramaichean àbhaisteach is mar sin, thog e tramaichean beaga le gèidse 15″.

An uair sin, cheannaich e trac a b’ urrainn dha gluasad gu diofar fhèisean agus làithean fèille gus tursan trama goirid a thoirt do chloinn. Bha seo gu math soirbheachail ach cha robh sin math gu leòr do Chlaude: bha e airson loidhne mhaireannach a thogail.

Dh’fhosgail e slighe-trama ghoirid ri taobh na mara ann an Hastings ann an 1951 – bha meanbh-rathad iarainn ann uair a bha air dùnadh agus chaidh na tramaichean nan àite. Bha na tràmaichean seo na bu mhòtha – gèidse 2′. Cha do mhair an loidhne seo ro fhada, ge-tà oir cha robh a’ chomhairle ro thaiceil.

An uair sin, ghluais e an slighe-trama gu Rhyl sa Chuimrigh far an robh e stèidhichte ann am fèill-spòrs fad beagan bhliadhnaichean.

Tramaichean air slighe-trama Eastbourne

An uair sin, chaidh e gu Eastbourne far an do thog e loidhne mu mhìle a dh’fhaide ri taobh na tràighe. Thog e diofar thramaichean le coltas tramaichean ainmeil bho slighean tramaichean mòra – Boat car Blackpool mar-eisimpleir.

Bha loidhne Eastbourne gu math soirbheachail ach ann am meadhan nan 1960an, dh’fhàs e follaiseach gum biodh obair leasachaidh a’ tachairt faisg air an slighe-trama le rathaidean ùra agus gun cuireadh seo bacadh air an loidhne tràma. Nuair a tòisich cùisean a’ dol ceàrr ann an Eastbourne, cho-dhùin e gun robh e ag iarraidh loidhne trama a thogal a bhiodh leis fhèin an àite a bhith air lios bhon chomhairle.

Bha grunn rathaidean-iarainn fhathast a’ dùnadh ann am meadhan nan 1960an mar phàirt de gheàrraidhean Beeching (Tuiteam gun Èirigh air is Leac air a’ Bheul!) agus chuir Claude roimhe fear de na loidhnichean ath-fhosgladh do luchd-turais mar slighe trama.

Slighe-trama Eastbourne,

Thagh e an loidhne gu Seaton air costa ear-thuath Devon. Bha an loidhne a’ ceangal Seaton air a’ chosta le Colyford agus Colyton, a’ ruith tron Axe Valley.

‘S e baile snog do luchd-turais a bh’ ann agus bha i a’ ruith tro theàrmainn nàdar àlainn cuideachd is mar sin, bha Claude den bheachd gum biodh an loidhne gu math freagarrach do luchd-turais. Bha e ag iarraidh tramaichean nas motha a chleachdadh is thagh e gèidse 2’9″ gus am b’ urrainn barrachd dhaoine a dhol orra.

Dhùin an rathad-iarainn ann an 1966 agus dh’fhosgail an t-slighe trama anns an Lùnastal 1970. Chaochail Claude gu h-obann ann an 1971 gu mì-fhortanach, ach chaidh an obair a chrìochnachadh le daoine eile.

Tha an loidhne a-nis 3 mìle a dh’fhaide agus bidh mu 80,000 duine a’ dol air na tramaichean a h-uile bliadhna. Bhiodh Claude uamhasach toilichte le seo, chanainn!

Chan e a-mhàin gu bheil an loidhne tarraingeach, tha na tramaichean air an loidhne uamhasach snog cuideachd. Tha trama stèidhichte air tramaichean Ghlaschu agus trama stèidhichte air trama Lunnainn mar eisimpleir agus tòrr a bharrachd eile.

Feumaidh mi a dhol ann latha dè na làithean nuair a bhios apocalypse nan zombie (suidheachadh a’ chorònabhìoras!) rud beag nas fheàrr!

Seaton and District Tramway - 23/04/07.
Seo trama ann an stoidhle Ghlaschu – dìreach mu 450 mìle air falbh bho Ghlaschu! Dealbh le John Zebedee.

Alasdair

Air m’ipod: Metallica Garage Inc (Às dèidh bhliadhnaichean de cheòl fìor dhona, rinn iad clàr de chovers metailt is punc ann an 1998, a’ gabhail a-steach So What! leis an Anti Nowhere League).

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , , , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s