Horse Latitudes – Trama-eich ainmeil Chontae Thír Eoghain #gàidhlig

Bho chionn fhada san t-saoghal, bha rathad-iarainn beag ann an Co. Thír Eoghain ann an Èirinn. ‘S e rathad-iarainn gu math neo-àbhaisteach a bh’ ann. B’ e seo meur-loidhne Fhionntamhnach (Beurla: Fintona) eadar stèisean Fintona Junction agus Fintona.

Bha Fintona Junction air an rathad-iarainn eadar an Ómaigh (Omagh) agus Inis Ceithleann (Enniskillen) ach bha an stèisean mu mhìle air falbh bhon bhaile fhèin. A chionn ’s gur e baile margaidh cudromach a bh’ ann, chaidh meur-loidhne ghoirid a thogail gu meadhan a’ bhaile.

Mapa leis na rathaidean-iarainn faisg air Fionntamhnach

Bhiodh an loidhne a’ giùlan an dà chuid bathar agus luchd-siubhail.

Bhiodh locothan smùid àbhaisteach a’ tarraing nan trèanaichean bathair air a’ mheur-loidhne gu Fionntamhnach ach airson luchd-siubhail, b’ e trama a bh’ ann seach trèana: trama-eich.

‘S e Dick an t-ainm a bh’ air an each. A rèir coltais, b’ e seo an t-ainm a bha air gach each a bhiodh a’ tarraing an trama eadar 1856 is 1957! Bha an Dick mu dheireadh ann fad nan 13 bliadhna mu dheireadh den loidhne.

Bhiodh daoine a’ dol air an trama eadar Fintona Junction agus Fintona fhèin. Bhiodh bathar beag a’ dol air an trama cuideachd agus uaireannan bhiodh cairt ann eadar an trama agus an t-each. Bhiodh iseanan agus feòil agus fiù ’s filmean airson taigh-dhealbh a’ bhaile a’ dol dhan bhaile air an trama.

Bhiodh gual agus stoc agus rudan mòra eile a’ tighinn a-steach dhan bhaile air trèana-smùid. Bha an t-eagal air Dick ro locothan smùid is mar sin, bha seada sònraichte ann dha ri taobh an stèisein gus nach gabhadh e dragh agus cha tigeadh e a-mach gus an trama a tharraing gus an robh an trèana smuid air falbh!

Bha muinntir a’ bhaile uabhasach moteil à Dick agus an trama. Gu mì-fhortanach, ge-tà, chaidh an loidhne air fad eadar an Ómaigh agus Inis Ceithleann a dhùnadh ann an 1957 le Riaghaltas Èireann a Tuath – riaghaltas nach robh idir taiceil do rathaidean-iarainn – agus leis a sin, dhùin meur-loidhne Fintona cuideachd.

Nuair a chaidh an loidhne a dhùnadh, chaidh an trama a ghlèidheadh. Tha e ann an Taigh-tasgaidh Còmhdhail Uladh ann an Cúl Trá a-nis còmhla ri gu leòr thrèanaichean, thramaichean is thràilidhean eile. Mholainn an taigh-tasgaidh gu mòr airson duine sam bith aig a bheil ùidh ann an rathaidean-iarainn na h-Èireann – an dà chuid ann an Èirinn a Tuath agus sa Phoblachd.

Trama Fhionntamhnach, Taigh-tasgaidh Còmhdhail Uladh, Cúl Trá

Chaidh an trama a ghlèidheadh ach dè mu dheidhinn Dick, each an trama?

Bha muinntir a’ bhaile gu math dèidheil air Dick còir agus chuir iad iomairt air dòigh gus airgead gu leòr a thogail gus an cuireadh e seachad a chòrr de a bheata gu sàbhailte sona. Shoirbhich leotha agus nuair a dhùin a loidhne, chaidh Dick a dh’fhuireach ann an tuathanas faisg air làimh agus an uair sin, chaidh e a dh’fhuireach air tuathanas eile ann an Contae an Dúin.

Ach ged a dh’fhalbh an trama, cha do dhiochuimhnich muinntir an àite riamh e agus ma thèid thu gu Fhionntamhnach, seo an soidhne a chuireas fàilte thrì-chànanach ort dhan bhaile!

Tha Dick is a thrama fhathast ri fhaicinn air soidhne a’ bhaile. Dealbh bho Wikimedia commons: https://commons.wikimedia.org/wiki/File:Approach_to_Fintona_-geograph.org.uk-_55644.jpg

Chan eil mòran meur-loidhnichean cho goirid is cho neo-àbhaisteach air fhàgail. Is dòcha gur e an aon loidhne a tha coltaiche rithe san Roinn Eòrpa Meur-loidhne Stourbridge anns na West Midlands ann an Sasainn. Chan eil an loidhne eadar Stourbridge agus Stourbridge Junction ach 0.8 mìle a dh’fhaid. An àite a bhith air a ruith le trèanaichean mòra a tha cosgail, tha trèana bheag ann a tha car coltach ri minibus agus a tha a’ cleachdadh flywheel airson a bhith uaine. Nam biodh meur-loidhne Fintona fhathast ann, is dòcha gum biodh trèana bheag mar seo ann san latha an-diugh seach each!

Parry People Mover air meur-loidhne Stourbridge. Bho: https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/9/9e/Parry_People_Mover_-_2006-03-12.jpg

Ma tha thu ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mun loidhne inntinneach seo, mholainn The Fintona Horse Tram: The Story of a Unique Irish Branch Line le Norman Johnston (West Tyrone Historical Society, 1992).

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Eirinn, rathaidean-iarainn dùinte, Rathaidean-iarainn neo-àbhaisteach, tramaichean, tramaichean-eich, Uncategorized agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s