Chan eil cus chothrom agam a dhol air trèanaichean an-dràsta!
Cha robh mi air trèana sam bith am-bliadhna fhathast agus cha robh mi air trèana ach mu 5 tursan bhon Mhàirt 2020 uile gu lèir.
Ach tha mi air a bhith a’ dol air feadh an t-saoghail tro leabhraichean is bhidiothan agus tha an glasadh-sìos air leisgeil a thoirt dhomh beagan rannsachaidh a dhèanamh air rudan gu math faisg orm agus gus tòrr leabhraichean a cheannach air rudan a tha an dà chuid air an stairsneach agam fhèin agus gu math fad air falbh bhuam!
Seo na leabhraichean is cairtean-puist a tha mi air cheannach bho chionn ghoirid:

A chionn ’s nach urrainn dhomh Ghlaschu a Deas fhàgail an-dràsta, tha mi air a bhith a’ coimhead air na tha air fhàgail de slighean-trama, slighean bus-tràilidh agus seann rathaidean-iarainn air na cuairtean làitheil agam.
Tha mi ag obair air puist mu na leanas an-dràsta. Ma tha beachd sam bith agaibh leig fios – a bheil rud sam bith eile a bu toil leibh fhaicinn?
- Rathaidean-iarainn ann an Ibrox agus Baile a’ Ghobhainn
- Tramaichean-smùid Bhaile Ghobhainn
- Trama-eich ainmeil ann am Fionntamhnach (Fintona) ann an Contae Tír Eoghain, Èirinn (agus rathaidean-iarainn neo-àbhaisteach ann an Èirinn!)
- Tramaichean anns a’ Chòrn
- Siostaman trama beaga ann an Alba (tha fios againn uile gun robh siostaman mòra ann an Glaschu, D.È, Dùn Dè is Obar Dheathain ach bha iad ann an grunn bhailtean eile cuideachd!)
- Rathaidean-iarainn an Eilean Sgitheanaich
Agus na dìochuimhnich gu bheil cunntas Instagram agam far am bi mi a’ coimhead air trèanaichean, tramaichean is tràilidhean!
Alasdair