Slighe-trama Innis Tùir, Siorrachd Pheairt #gàidhlig

Thug sinn sùil air slighe-trama gu math neo-àbhaisteach ann an Èirinn – meur-loidhne ann am Fionntamhnach (Fintona) ann an Contae Tír Eoghain.

Bha an stèisean mu mhìle air falbh bhon bhaile fhèin agus mar sin, thog iad meur-loidhne eadar an stèisean agus meadhan a’ bhaile. Ach leis gur e baile beag a bh’ ann is gun robh an loidhne gu math goirid, chleachd iad trama eich air an loidhne seach trèana.

Nuair a bha mi a’ dèanamh beagan rannsachadh air Fionntamhnach, fhuair mi a-mach gun robh loidhne den aon sheòrsa againn ann an Alba uair.

Trama Innis Tùir, Siorrachd Pheairt, Dealbh bho Wikimedia Commons

B’ e seo slighe-trama Innis Tùir (Beurla: Inchture) ann an Siorrachd Pheairt ann an Cars Ghòbhraidh. Bha stèisean Innis Tùir air an loidhne eadar Peairt is Dùn Dè mu mhìle gu leth a deas air a’ bhaile agus mar sin, chaidh meur-loidhne a thogail gu meadhan a’ bhaile fhèin. Dh’fhosgail an loidhne ann an 1849 agus b’ e an Inchture Express no an Railway Car am far-ainm a bh’ aig muinntir a’ bhaile air an trama eich.

Coltach ri Fionntamhnach, bhiodh an trama eich a’ ruith do luchd-siubhail ach bhiodh loco àbhaisteach a’ dol ann gus bathair a thogail bho fhactaraidh bhricichean is thaidhlichean a’ bhaile.

Dhùin an loidhne bheag seo ann an 1916 agus chaidh na rèilichean a thogail airson a chleachdadh sa Chogadh Mhòr. Chaidh stèisean Innis Tùir a dhùnadh ann an 1956.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn dùinte, Rathaidean-iarainn neo-àbhaisteach, tramaichean, tramaichean-eich agus a thagadh , , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s