Mundane ann an Lunnainn! Turas gu Acton Depot #gàidhlig

Nuair a bha mi nam bhalach òg, bha leabhar sònraichte agam. Chan e Lord of the Rings no Pride and Prejudice a bh’ ann no fiù ’s the Making of the Crofting Community!

Nuair a bha mi mu 12 bliadhna a dh’aois, b’ e leabhar air an robh British Electric Trains in Camera le John Glover a b’ fheàrr leam.*

Tha an leabhar, a chaidh fhoillseachadh ann an 1982, a’ tòiseachadh leis na faclan:

The electric multiple-unit or emu is perhaps the most mundane of all railway rolling stock.”

John Glover, British Electric Trains in Camera

Cha mhòr nach eil sin cho math ri: “It was the best of times, it was the worst of times!

Ach bha an t-ùghdar a’ dèanamh puing chudromach – tha a’ mhòr-chuid de na tursan trèana san RA air trèanaichean dealanach a tha nan ioma-aonadan (multiple units), ’s e sin ri ràdh càraichean-rèile, no aonadan-rèile: caraistean le einnseanan.

Nuair a smaoineachas daoine, fiù’s daoine a tha beò-ghlacte le rathaidean-iarainn, bidh iad a’ smaoineachadh air locothan mòra cumhachdach, dìosail no smùid, a’ tarraing trèanaichean, leithid Deltic no am Flying Scotsman. Cha bhi iad a’ smaoineachadh air trèanaichean beaga dealanach air loidhne Canàl Phàislig no trèanaichean tiùb Lunnainn.

Deltic ann an Inbhir Theòrsa
Class 55 Deltic ann an Inbhir Theòrsa air turas rèile

Mar sin, tha an t-ùghdar ceart. Do chuid, chan eil aonadan dealanach uamhasach inntinneach ach air an làimh eile, tha iad fìor fìor chudromach. Agus b’ e amas an ùghdair rud beag a bharrachd sanasachd a thoirt do na h-eich obrach seo agus sealltainn cho cudromach sa bha iad.

Tha an leabhar a’ coimhead air gach seòrsa aonad-rèile dealanach – an lìonra nàiseanta, Metro Tyne and Wear, London Underground agus Subway Ghlaschu.

Chaidh an leabhar a sgrìobhadh aig àm nuair a bha tòrr ag atharrachadh. Bha tòrr trèanaichean bho na 1940an no fiù ’s nas sine fhathast a’ ruith ach bha ginealach ùr de thrèanaichean ùra a’ tighinn a-steach. Agus thug e seachad deagh bhlas de gach pàirt den lìonra rèile.

Tha tòrr loidhnichean neo-àbhaisteach ann, leithid trèanaichean tiùb ann an Eilean Wight agus an Tyne and Wear Metro.

Leugh mi an leabhar uair is uair agus nuair a ghabh mi ùidh ann an rathaidean-iarainn a-rithist nam inbheach, chuir mi romham na trèanaichean a b’ fheàrr leam bhon leabhar fhaicinn san fheòil, mar gum biodh.

Chaidh mi gu Eilean Wight ann an 2013 gus na seann trèanaichean tiùb fhaicinn a bha a’ ruith nan seirbheisean rèile ann.

Agus chaidh mi gu Museum of Electric Railway (nach maireann) ann an Coventry ann an 2017 gus cuid de na trèanaichean eile a bh’ fheàrr leam bhon leabhar fhaicinn.

Ach ged a chunnaic mi tòrr de na trèanaichean inntinneach, tha rud no dhà agam ri fhaicinn fhathast!

Ann an 2021, tha mi a’ dol air turas gus trèana eile bhon leabhar fhaicinn – trèana bho Loidhne Waterloo and City ann an Lunnainn. Bha dealbhan san leabhar de na trèanaichean beaga a bha air an loidhne eadar 1940 agus 1994. Tha mi air post bloga a sgrìobhadh mun loidhne ghoirid inntinnich fo-thalamh seo a bha le BR ach a chaidh a thoirt do London Underground ann an 1994.

na duilleagan ann am British Electric Trains in Camera mun Waterloo and City

Chaidh tè de na trèanaichean beaga a ghlèidheadh agus a sgeadachadh ann an London Transport Museum Depot ann an Acton agus tha latha fosgailte gu bhith aca aig deireadh a’ Chèitein agus tha mi air tiocaidean fhaighinn agus air àite a chur air dòigh air a’ chadalaiche – An Caledonian Sleeper.

Tha Tasglann an Taigh-tasgaidh fìor mhòr le trèanaichean, tramaichean, busaichean-tràilidh is tòrr a bharrachd agus tha e air a bhith air an liosta-bhucaid rèile agam fad iomadh bliadhna.

Tha mi cinnteach nach bi an turas agam mundane!

Class 484 (trèana Waterloo and City Line) ann an Acton Depot. Bho Wikipedia Commons,

Alasdair

(*Bha mi gu math dèidheil air leabhraichean horror sgriosail le James Herbert is Stephen King ach ‘s e sgeulachd eile a tha sin!)

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s