Saor mu dheireadh thall – turas gu Lunnainn 1 #gàidhlig

Tron Ghlasadh-sìos, tha mi air a bhith a’ dèanamh fiughair ri faighinn a-mach às an taigh, agus a-mach à Glaschu agus a dhol air safari-rèile no dhà a-rithist!

Thòisich mi am bloga seo bho choinn 10 bliadhna (wow!) agus aig an toiseach, bha mi airson a dhol air gach rathad-iarainn ann an Alba agus sgrìobhadh mu dheidhinn sin. Tha mi air sin a dhèanamh a-nis agus tha mi air a h-uile rathad-iarainn ann an Èirinn a Tuath a dhèanamh cuideachd.

Bhiodh e math a dhol air gach rathad-iarainn ann an Sasainn a bharrachd ach tha an uiread dhiubh ann is nach eil mi a’ smaoineachadh gum bi tìde no airgead gu leòr agam fiù ’s ma bhios mi beò gus am bi mi 100!

Mar sin, tha mi a-nis a’ feuchainn ri dhol air gach rathad-iarainn sa Chuimrigh agus gach meatro ann am Breatainn is Èirinn (siostaman trama agus fo-thalamh). Cumaidh mi orm a dhol gu rathaidean-iarainn inntinneach ann an Sasainn cuideachd, ge-tà!

Co-dhiù, chuir mi romhan gun robh mi airson a dhol a Lunnain airson a dhol air barrachd loidhnichean meatro agus gus taigh-tasgaidh sònraichte fhaicinn,.

‘S ann air an adhbhar seo a rinn mi air stèisean a’ Mheadhain aig 10f airson a dhol air a’ Chaledonian Sleeper. Tha mi air a bhith air a’ chadalaiche iomadh turas roimhe, ach seo a’ chiad turas a bha mi ann air na trèanaichean ùra.

Bha na seann trèanaichean 40 bliadhna a dh’aois no mar sin, agus cha robh na goireasan cho math ’s a bhiodh daoine an dùil ris san latha an-diugh. Fhuair mi cathair an àite leabaidh a chionn ‘s gu bheil sinn nas saoire. Chosg e £68 – tòrr nas daoire na bha e nuair a bha an cadalaiche le ScotRail – ach tòrr nas saoire na tiocaid trèana agus taigh-òsta ann an Lunnainn.

Cò ris a tha an trèana ùr coltach?

Tha i gu math spaideil! Tha na seataichean tòrr nas fheàrr, le rùm gu leòr airson do chasan. Tha socaidean ann gus coimpiutairean agus fònaichean a phlugadh a-steach agus tha solas leughaidh ann.  Agus eu-coltach ris na seann trèanaichean, tha wifi ann. Gu mì-fhortanach, ge-tà, cha do dh’obraich an wifi ro mhath – bha mi a’ feuchainn ri post-d a sgrìobhadh agus gus am Faclair Beag a chleachdadh ach bha e cho slaodach is gun do sgur mi a bhith ag obair.

Tha an clàr-bìdh math agus chan eil na prìsean ro àrd. Air na trèanaichean ùra, putaidh tu putan os cionn na cathrach agad gus innse dhan luchd-obrach gu bheil thu airson biadh no deoch òrdachadh.

Rud eile a bha math, ‘s e gun robh an trèana gu math luath! Ràinig sinn Lunnainn leth-uair a thìde air thoiseach air a’ chlàr-ama. ‘S e duilgheadas a th’ aig a’ chadalaiche gum bi tòrr thrèanaichean bathair a’ ruith tron oidhche is gum bi obair-chàraidh a’ tachairt an uair sin cuideachd. Bidh an trèana gu math tric uair a thìde air dheireadh, rud nach eil idir math airson daoine a tha a’ dol gu Lunainn no Alba airson coinneamhan sa mhadainn.

An uair sin, chaidh mi dhan taigh-òsta gus mo bhaga a chur a-steach agus thòisich mi air latha fada de spòrs air cuibhlean meatailt!            

An tòiseach, chaidh mi gu Ceàrnag Trafalgar. Tha mi air tòiseachadh air “peantadh le àireamhan” a dhèanamh. Nuair a tha mi a’ faireachdainn caran stressta, chan eil rud sam bith cho math ri bith ag obair air dealbh snog. B’ e dealbh de Whitehall a’ coimhead bho Trafalgar Square a bh’ anns a’ chiad dealbh agam. Chaidh mi ann gus dealbh-camara a thogail den t-sealladh an da-rìribh.

Bha mi ann ro 7m agus bha a’ Chearnag samhach falamh agus bha e uamhasach math a bhith ann leum fhèin leis na leòmhannan mòra!  Cha robh na rathaidean cho samhach, ge-tà agus thug e grèis dealbh fhaighinn den t-sealladh a bha mi ag iarraidh. Bha agam ri a thogail ann an “eilean trafaig” agus fiù’s leis a sin, cha b’ urrainn dhomh buileach an aon sealladh fhaighinn – saoilidh mi gun robh  an dealbh tùsail a’ coimhead bho mheadhan an rathaid agus cha robh mi airson a bhith air mo leigeal le bus airson dealbh a thogail!

Ghaibh mi bracaist ann an cafè le sealladh den Cheàrnag agus an uair sin chaidh mi air an tiùb gu Lambeth a Tuath oir tha depot aig Loidhne a’ Bhakerloo an sin agus bha mi airson dealbhan a thogail.

Nis, bha mi den bheachd gum biodh e furasta dealbh fhaighinn oir chunnaic mi gu leòr dealbhan air loidhne. Thug mi sùil air Google Streetview mus deach mi ann agus bha a h-uile rud a’ coimhead OK. Nuair a chaidh mi ann, ge-tà, bha am balla tòrr na bu mhotha na bha e a’ coimhead air a’ choimpiutair. Feumaidh gun robh àradh no bogsa aig na daoine a thog na dealbhan!

Bhithinn air feuchainn ri a shreap ach bha seo ann an Àrd-shràid Lambeth agus bha tòrr dhaoine ann fiù ‘s aig 8 sa mhadainn! Chuir mi an camara os mo chionn is thog mi dealbh no dhà – agus bha iad math gu leòr – ach a-mhàin nach robh na trèanaichean ann! Feumaidh gun robh iad uile trang anns na tunailean!

K

Bha sin OK, ge-tà oir cha deach mi ann airson sin co-dhiù – bha mi ann airson a dhol dhan Acton Depot. Seo an tasglann aig Taigh-tasgaidh Còmhdhail Lunnainn far am bi iad a’ cumail nan rudan nach eil iad a’ sealltainn san taigh-tasgaidh fhèin ann an Covent Garden.

Am measg nan rudan a th’ ann, tha trèanaichean, tramaichean, tràlaidhean is busaichean cho math ri ealain, soidhnichean, uidheamachd is barrachd. Tha e duinte dhan phobal mar as trice ach fosglaidh e dhà no trì tursan gach bliadhna.

Agus tha àiteachan mar seo a’ fàs nas cudromaiche oir tha tòrr de na taighean-tasgaidh air fàs caran “dumbed down” nam beachd – Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne ann an Glaschu agus Taigh-tasgaidh Còmhdhail Lunnainn nam measg – le barrachd cuideam air eachdraidh-shòisealta seach air còmhdhail fhèin agus le nas lugha de bhusaichean is tramaichean 7c rim faicinn na bha roimhe.

Mar sin, ma tha thu airson coimhead air tramaichean an àite a bhith ag ionnsachadh mar a bhiodh daoine ann an Glaschu a’ dannsadh aig deireadh na seachdain, seo an seòrsa àite dhut!

Tha meanbh rathad-iarainn aig an Depot air a bheil an London Transport Miniature Railway. Mar a bhiodh tu an dùil, tha na trèanaichean uile dealanach agus tha an loidhne gu math fada agus tha siognalan dealanach ann gus an urrainn barrachd air aon trèana a ruith aig an aon àm.

London Transport Miniature Railway, Acton Depot

An uair sin, chaidh mi a-steach dhan Depot fhèin.

Chaidh mi ann gu sònraichte gus trèana ghlèidhte bhon Waterloo & City Line fhaicinn agus b’ e sin a’ chiad rud a chunnaic mi nuair a chaidh mi tron doras. Chunnaic mi a’ chiad bus-tràilidh ann an Lunnainn – an Diddler, bus-tràilidh nas ùire agus grunn thramaichean.

Trama, agus dà bhus-tràilidh, London Transport Museum Acton Depot

Bhruidhinn tè de na curators rium – “oh, it’s you again! I’m glad you’ve come along to see us once more!”. Cha robh mi ann riamh roimhe is mar sin, feumaidh gu bheil doppleganger agam!

A bharrachd air na tràmaichean is tràilidhean, bha gu leòr trèanaichean tiùb ann cuideachd. Tha mi gu math deidheil air Eilean Wight agus bha dà sheòrsa trèana aca a bha uair a’ ruith seirbheisean rèile san eilean: 1923 stock (no Standard stock) agus 1938 stock.

Aig bàrr: dearg – 1923 stock; geal – Waterloo & City stock; aluminium: R-stock

Aig bonn – 1938 stock.

Tha na trèanaichean agus an taigh-tasgaidh seo air a bhith air mo liosta-bhucaid cho fada is gun robh mi air mo dhòigh glan.

Às dèidh sùil air a h-uile rud, bha an t-àm ann airson srùbag…. agus beagan thrèanaichean.

Bha mi an dùil a dhol air gach pàirt den lìonra aig London Underground nach do rinn mi roimhe aig an deireadh sheachdain, ach gu mi-fhòrtanach, bha tòrr loidhnichean dùinte agus mar sin, rinn mi air càr-càbaill Lunnainn.

Càr-càbail Lunnainn

Agus an uair sin, rinn mi air meadhan a’ bhaile air an DLR gus coimhead air na tha air fhàgail de Stèisean Broad street.

(Ri leantainn)

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to Saor mu dheireadh thall – turas gu Lunnainn 1 #gàidhlig

  1. Thuirt drronmccoy:

    Pòst math! Tha a’ bhlog agad air a bhith a” còrdaidh rium. Deich bliadhna… mo chreach! Meal do naidheachd!

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s