Thoir mo bheannachdan dhan t-Sràid Leathann! Turas gu Lunnainn 2 #gàidhlig

Nuair a bha mi nam bhalach, bha leabhar agam air an robh British Electric Trains in Camera. Bha e làn dealbhan de thrèanaichean dealanach air feadh na RA, a’ gabhail a-steach BR, London Underground, Subway Ghlaschu agus an Tyne and Wear Metro.

Bha mi beò ghlaicte leis an leabhar agus leis na dealbhan ann.

Nam inbheach, tha mi air a bhith a’ feuchainn ris na trèanaichean a b’ fheàrr leam bhon leabhar fhaicinn san fheòil, mar gum biodh, agus mar thoradh air sin, chaidh mi gu Lunnainn bho chionn goirid.

Chaidh mi ann gus latha fosgailte London Transport Museum Acton Depot fhaicinn gus cuid de na trèanaichean bhon leabhar fhaicinn.

Ach bha àite eile bhon leabhar a bha mi airson fhaicinn – Stèisean Broad Street.

Nuair a chanas mi ‘faicinn’, bu chòir dhomh a ràdh nach eil Stèisean Broad Street ann tuilleadh.  Chaidh a leigeil ann an 1986, ach chaidh mi a dh’fhaicinn far an robh e agus gus faicinn na bha air fhàgail dheth.

Bha Broad Street ri taobh Stèisean Liverpool Street agus tha ionad Broadgate a-nis na aite.

https://en.wikipedia.org/wiki/Broad_Street_railway_station_(England)#/media/File:Broad_Street_station_exterior_geograph-3270123-by-Ben-Brooksbank.jpg
Stèisean Broad Street, Lunnainn 1983. Wiki commons, le Ben Brooksbank

Tha gu leòr termini air fhàgail: Blackfriars, Cannon Street, Charing Cross, Euston, Fenchurch Street, Liverpool Street, London Bridge, King’s Cross, Paddington, Victoria, Waterloo, Marylebone, Moorgate and St Pancras, ach bha rudeigin sònraichte mu Bhroad Street, rudeigin gu math “atmospheric”.

Bha dealbh den stèisean san leabhar agam le le teacsa mar “The long term future of the decrepit Broad Street Station is unknown” le dealbh de thrèanaichean Class 501.

Bha an dealbh caran coltach ris an dealbh seo:

Stèisean Broad Street c1983

Dhùin Broad Street fhèin agus stèisean Dalston Junction dìreach beagan a tuath air cuideachd. ann an 1986

Ach ged a bha BR a’ smaoineachadh nach robh feum air an stèisean tuilleadh, bha iad ceàrr. Ged a chaidh Broad Street fhèin a leigeal, chaidh an loidhne ath-fhosgladh gu beagan a tuath air agus chaidh a’ mhòr-chuid den drochaid a-staigh dhan stèisean ath-fhosgladh mar phàirt den London Overground ann am pròiseact sònraichte gus Loidhne Lunnainn a Tuath agus Loidhne Lunnainn an Ear a cheangail ri chèile mar phàirt de chearcall timcheall air a’ bhaile. Mar sin, an àite a bhith a’ stad aig terminus mar a bhoidh iad roimhe, tha an loidhne a’ dol seachad air làrach Broad Street, a’ dol tro stèisean ùr aig Shoreditch High Street agus an uair sin a’ dol air Loidhne Lunnainn an Ear, a bha na pàirt den London Underground gu 2007.

Mapa den Overground, 2012

Seo mapa rèile den sgìre a’ sealltainn far an robh Broad Street agus dè tha air tachairt leis na loidhnichean bhon uair sin:

Chaidh Dalston Junction ath-fhosgladh cho math ri stèiseanan ann an Haggerston, Hoxton agus Shoreditch High Street anns na 2010an. A-nis, tha na figearan mar a leanas: Dalston Junction: 6 millean cleachdaichde sa bhliadhna, Haggerston 3.5m, Hoxton 3.2m, Shoreditch High Street, 9 m.

Ach ged nach eil Broad Street ann tuilleadh, tha cuimhneachadh gu math inntinneach air fhàgail.

Air an drochaid a b’ àbhaist a bhith a’ dol a-staigh dhan stèisean, tha dà thrèana tiùb ann (London Underground 1983 stock) a tha a-nis nan stiùdiothan mar phàirt den ionad Village Underground.

Agus ma tha thu airson coimhead air Broad Street air film, rinn Paul McCartney film (film caran lapach, feumar a ràdh) far an robh an stèisean ann – Give my Regards to Broad Street (1984).

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s