Turas dhan Aln Valley Railway, Northubria #gàidhlig #gaelic

Air ais san Iuchair, bha an teaghlach air làithean saora ann an Seahouses ann an Northumberland agus fhad ’s a bha sinn ann, chleachd mi an cothrom a dhol air loidhne glèidhte meadhanach ùr a tha air a bhith air an liosta agam fad beagan bhliadhnaichean a-nis.

A’ chiad rud a chì thu aig Rathad-iarainn Aln Valley

Is e sin an Aln Valley Railway a tha ag amas air an rathad-iarainn ath-fhosgladh eadar Alnmouth, aig a bheil stèisean air Prìomh Loidhne a’ Chosta an Ear, agus baile margaidh Alnwick (‘Annick’), baile a tha gu math mòr-chòrdte do luchd-turais le caisteal is garaidhean is eile.

Airson a dhol ann, bha agam ri bus fhaighinn. Tha stèisean rèile meadhanach faisg air Seahouses aig Chathill, ach chan eil ach dà thrèana ann gach latha – trèana tràth sa mhatainn agus trèana caran anmoch feasgar is mar sin, chan eil cus feum air.

Mar sin, fhuair mi am bus, an X18 a tha a’ ruith eadar Bearaig agus an Caiseal Nuadh. Is e sgìre àlainn a th’ ann agus mar sin, bha mi air mo dhòigh ghlan gur e bus dà-ùrlar a bh’ ann oir fhuair mi fìor dheagh sheallaidhean den àite bho shuas an staidhre – a’ mhuir, achaidhean, callaidean, flùraichean fiadhaich is eile. Chaidh am bus air tòrr rathaidean beaga agus chaidh e gu tòrr mòr bailtean beaga breatha. Bha e sgoinneil dhomh mar neach-turais a bha airson an t-àite fhaicinn, ach thug e uair a thìde an taca ri leth uair a thìde sa chàr – rud nach eil cho freagarrach do mhuinntir an àite. Mar a tha fìor an Alba, tha feum air siostam còmhdhail tòrr nas fheàrr ann an sgìrean dùthchail.

Aig deireadh an turais, bha e caran doirbh an rathad-iarainn a lorg.

B’ àbhaist dhan rathad-iarainn a bhith a’ ruith a-steach gu stèisean mòr àlainn ann am meadhan a’ bhaile gus an do dhùin an loidhne ann an an 1968. Gu mì-fhortanach, chaidh obair leudachaidh mòr a dhèanamh air rathad an A1 bhon uair sin agus bhiodh e uamhasach fhèin doirbh is cosgail a dhol a-steach gu meadhan a’ bhaile a-rithist.

Mar sin, tha an loidhne a’ tìoseachadh ann an stèisean ùr air a bheil “Alnwick Lionheart” ann an ionad gnìomhachais air iomall a’ bhaile.  Tha e doirbh a lorg agus chan eil an turas ann air chois uamhasach snog – ach ma shoirbhicheas leis an loidhne, dh’fhaodte gun tèid seirbheis bus no mini-bus a chur air dòigh dhan loidhne gus am bi e nas fhasa faighinn ann.

Ach nuair a lorgas tu an stèisean, tha e dìreach àlainn agus tha e doirbh creidsinn gur e stèisean gu tur ùr a th’ ann. Tha dà àrd-ùrlar, seada einnsein, cafè agus taigh-tasgaidh beag ann cho math ri bogsa-siognail mòr ùr.

Bha mi air mo dhòigh glan oir ’s e latha diosail a bh’ ann. Agus chan e dìreach trèana dìosail sam bith a bh’ ann ach Pacer!

Pacer ann an Alnwick Lionheart

Mur eil fhios agad dè th’ ann am Pacer, tha e furasta am mìneachadh: bus air chassis trèana! Chaidh an dèanamh le BR a’ cleachdadh busaichean Leyland National air cuibhlichean rèile anns na 80an gus airgeadh a chaomhnadh.

Bha iad saor a dhèanamh is saor a ruith aig àm nuair a bha BR cho falamh ri sporan an Sgìtheanaich agus bha BR comasach air tòrr loidhnichean beaga a chumail a’ dol mar thoradh orra. Ach, cha robh an luchd-siubhail measail orra. Sa chiad dol a-mach, cha robh ach ceithir cuibhle orra an àite ochd (ann an dà bhògaidh) agus mar sin, cha robh iad math air lùban san trac agus rinn iad fuaim uabhasach. Agus a bharrachd air seo, bha seataichean bus ann agus cha robh iad ro chomhartail is bha droch suspension ann. ’S e Nodding Donkeys a bh’ aig daoine orra mar thoradh air seo.

Chaidh an toirt à seirbheis eadar 2019 agus 2021 leis an trèna mu dheireadh a’ ruith air an lìonra nàiseanta san Ògmhios 2021 agus chaidh grunn aca a ghlèidheadh. Bha e caran neònach a bhith a’ ruith air trèana ghlèidhichte a bha dìreach air tighinn à seirbheis bho chionn beagan làithean. Agus dhomhsa, ’s e trèanaichean ùra a th’ annta fhathast oir tha deagh chuimhne agam nuair a chaidh an toirt a-steach sna 1980an.

Ach leis gur e trèana meadhanach ùr a bh’ innte, bha e a’ sealltainn mar a bhiodh cùisean nan robh seirbheisean trèana cunbhalach a’ ruith air an loidhne airson còmhdhail phoblach a-rithist.

Tha an loidhne mu mhìle gu leth a dh’fhaid aig an àm seo agus thathar a’ togail stèisean aig Drochaid Greenrigg a tha mu letheach slighe eadar Alnwick agus Alnmouth.

Bogsa siognail Alnwick

Tha an stèisean cha mhòr deiseil agus nuair a dh’fhosglas e, bidh e comasach coiseachd gu Alnmouth.  Tha mi a’ dèanamh fiughair ris an latha sin!

Tha an loidhne a’ dol tro achaidhean is coilltean a tha gu math àrd agus pìos air falbh bho na rathaidean agus mar sin, ged a tha i goirid, tha i brèagha.

Tha mi air a bhith air iomadh loidhne ghlèidhchte thar nam bliadhnaichean, agus tha na saor-thoilich daonnan laghach ach bha na saor-thoilich seo gu sònraichte laghach air an loidhne seo.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an England, rathaidean-iarainn, Rathaidean-iarainn glèidhte, Sasainn, Uncategorized agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s