Mucan os cionn Lunnainn! Stèisean ùr Battersea Power Station

Chan ann tric a thig na prìomh rudan anns a bheil ùidh agam còmhla.

Tha loidhne tiub agus stèisean ùr gu bhith a’ fosgladh ann an Lunnainn aig deireadh na mìos seo – leudachadh air an Northern Line gu Battersea Power Station.

Tha mi daonnan toilichte nuair a dh’fhosglas rathaidean-iarainn ùra ach tha ceangal sònraichte aig seo ri ceòl roc.

Fiù’s mur eil thu air Animals le Pink Floyd (1977) a chluinntinn, tha mi cinnteach gum faca tu an còmhdach – fear de na dealbhan còmhdaich LP as suaicheanta riamh!

San dealbh, chithear muc plastaig os cionn stèisean cumhachd Battersea. ‘S e muc a bh’ ann a chionn ’s gun robh an clàr stèidhichte air an leabhar Animal Farm le George Orwell, (a tha a-nis ri fhaighinn sa Ghàidhlig – taing Aonghas Phàdraig Caimbeul!)

Leis an fhìrinn innse, chan e clàr sona a th’ ann idir – tha an cuspair gu math dorcha, tha an ceòl gu math gruamach agus aig an àm, is gann gun robh Roger Waters agus David Gilmour, prìomh sgrìobhadairean òrain a’ chòmhlain fiù’s a’ bruidhinn ri chèile. Ach aig an aon àm, tha an ceòl cho math is gu bheil e daonnan a’ toirt togail dhomh, gu h-àraid an t-òran Dogs – air a bheil fear de na solothan giotàir as fheàrr riamh.

Dhùin an stèisean cumhachd ann an 1983 ach thathar a-nis a’ togail flataichean is oifisean san togalach agus tha feum air deagh sheirbheis còmhdhail dhan sgìre.

Nis, tha an dà chuid an clàr agus an stèisean cumhachd fhèin cho suaicheanta is gu bheil mi an dùil is an dòchas gum bi muc ainmeil Pink Floyd a’ nochdadh san stèisean ann an dòigh air choireigin! Mural le mucan ann is dòcha?

Chì mi nuair a thèid mi ann!

Tha mi gu bhith a’ dol gu Lunnainn air an ath mhìos agus thèid mi air an loidhne ùr fhad ’s a bhios mi ann is sgrìobhaidh mi mu dheidhinn an seo.

Agus fhad’s a bhios mi ann, tha mi an dùil fear de na tursan rèile as ainmeile am measg nan trainspotters a dhèanamh. Seo an Kennington Loop – turas goirid is toirmisgte ach gu math mòr-chòrdte do dh’aficionados Underground Lunnainn! Tha i cho ainmeil is gu bheil lèine-t fiù’s ann airson innse dhan t-saoghal gun do rinn thu e!

Dè th’ anns an lùib?

Bidh a’ mhòr chuid de na trèanaichean air meur-loidhne Charing Cross an Northern Line a’ crìochachadh ann an Kennington. Bidh na daoine a fàgail na trèana agus bidh an trèana an uair sin a’ tionndadh air lùb Kennington agus a’ dol gu tuath a-rithist bho stèisean Kennington. Chan eil e ceadaichte do luchd-siubhail a dhol timcheall air an lùib – ach bidh gu leòr dhaoine ga dhèanamh co-dhiù,

Feuchaidh mi ri a dhèanamh (ged a bhios an t-eagal orm gun tèid mo shadail dheth leis an dràibhear!) agus ma bhios mi soirbheachail, ceannaichidh mi an lèine-t!

Alasdair

Air m’ fòn làimh: Pink Floyd, Animals (1978), 8/10; Big Audio Dynamite, Live in Glasgow 2011 (bootleg – bha mi ann!) 9.5/10 – còmhlan cho Lunnainneach sa ghabhas!

A’ leughadh an-dràsta: Lonely Planet guide to Aboriginal Australia and the Torres Strait Islands (2001)

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to Mucan os cionn Lunnainn! Stèisean ùr Battersea Power Station

  1. Thuirt Davine:

    Bha mi riamh nam neach-leantainn Bhattersea Power Station, agus mar sin gu math measail air còmhdach an LP cuideachd. Taing airson an fhiosrachaidh ùr seo, agus gur math a thèid leat leis an lùib! A’ dèanamh fiughar ri leughadh barrachd mun dà chuid, an stèisean ùr agus an lùb. Bi air d’ fhaiceall!

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s