Turas air an Tam O’ Shanter Express #gàidhlig

Nuair a thòisich mi am bloga seo bho choinn fhada air an t-saoghal, b’ e an t-amas a bh’ agam a dhol air gach rathad-iarainn ann an Alba – beag is mòr.

Nis, tha e meadhanach furasta a dhol air gach rathad-iarainn mòr (ma tha an tìde agad) ach chan eil e idir cho furasta a dhol air gach rathad-iarainn beag. Bidh meanbh-rathaidean-iarainn (miniature railways) a’ tighinn is a’ falbh meadhanach tric agus tha e gu math doirbh fios fhaighinn mu na làithean is uairean fosglaidh aca cuideachd.

Bha mi air beagan meanbh-rathaidean-iarainn nach eil ann tuilleadh, mar eisimpleir Kerr’s Miniature Railway ann an Obar Bhrothaig agus Rathad-iarainn Mhuile ach tha gu leòr ann a tha gu math ùr cuideachd.

Dh’fhosgail trì loidhnichean ùra sa bhliadhna no dhà mu dheireadh. Air a’ Ghàidhealtachd, tha loidhne ùr ann am Baile nan Granndach ann an seann Stèisean Bhaile nan Granndach an Ear. Cha robh cothrom agam a dhol air fhathast, ach tha e air an liosta!

Seo bhidio a lorg mi den loidhne ge-tà:

Ann an Siorrachd Lannraig, tha loidhne ùr ann an Clyde Valley Family Park ann an Crossford. ’S e pàirc do theaghlaichean a tha seo le go-carts is àiteachan cluich is beathaichean is eile. Mus do dh’fhosgail a’ phàirc seo ann an 2019 no mar sin, b’ àbhaist dhan Valley International Park a bhith ann – làrach le bùitean beaga agus soft play is eile aig an robh rathad-iarainn. Dhùin a’ phàirc – agus an loidhne – mu 10 bliadhna air ais. Bha an loidhne ann an cruth “dumb bell” – loidhne dhìreach agus lùb tionndaidh aig gach ceann. Anns a’ phàirc ùr, chaidh cuid de làrach na loidhne a chumail ach a-nis ’s e cearcall a th’ ann. Rud eile a tha inntinneach, ‘s e gur e trèana bataraidh a th’ ann seach trèana diosail.

Mar a bha:

Mar a tha:

Agus ann an Siorrachd Air, dh’fhosgail loidhne bheag ùr anns an Heads of Ayr farm Park is mar sin, chaidh mi ann leis na nighnean agam gus sùil a thoirt oirre.

’S e pàirc do theaghlaichean a th’ ann le dreallagan is trampoilinichean agus bàtaichean is beathaichean gu leòr bho chaoraich is gobhairean gu emu-than agus càmhalan. Tha an rathad-iarainn ann an cruth lùb le stèisean mòr, drochaid agus bogsa-siognail. Coltach ri loidhne Clyde Valley Family Park, tha an loco dealanach seach diosail.

‘S e an Tam O’Shanter express an t-ainm a th’ air an trèana agus ged nach fhacas Auld Nick no Meg no duine sam bith eile bhon dàn, ’s e turas snog a bh’ ann!

An Tam O’ Shanter Express
Drochaid Ghleann Fhionghain na Galldachd?

Agus tha mi dìreach air ionnsachadh gu bheil loidhne ùr gu bhith a’ fosgladh ann an Ayton sna Crìochan ann an ùine nach bi fada cuideachd. Tha sin a’ dol air an liosta cuideachd.

Is math gu bheil an uiread de loidhnichean beaga ùra ann.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s