Tha mi, agus bha mi riamh uamhasach deidheil air a’ Chòrn – Kernow. Bha ùidh aig m’ athair anns a’ Chòrnais agus tha mi air a bhith a’ leantainn iomairt a’ chànain agus iomairt na dùthcha gus fèin-riaghladh fhaighinn fad mo bheatha.
Cha robh mi ann ach aon turas roimhe – ann an 1998 no mar sin. Dhraibh mi eadar Dùn Èideann agus Lyskerrys (Liskeard) sa Mhini agam agus thug e bho 8m gu 11f. Abair turas!
An turas seo, cha tug cùisean cho fada – chaidh mi ann air a’ phleana eadar Glaschu agus Tewnblustri (Newquay). Mar sin, cha tug an turas ach mu uair a thìde.
Còmhla rium, bha mo dheagh charaid Wilson MacLeòid agus sinn air misean gus dùthaich Cheilteach eile fhaicinn, coinneachadh ri luchd na Còrnais, na rudan turasachd àbhaisteach a dhèanamh agus a dhol air beagan thrèanaichean cuideachd.
’S e a’ chiad rud a chì thu nuair a thig thu far a’ phlèana soidhne dà-chànanach.
Agus tha soidhnichean dà-chànanach air feadh an àite. Barrachd na chitheadh tu ann an Alba, fiù’s air a’ Ghàidhealtachd!
Chaidh sinn air a’ bhus an uair sin eadar Port-adhair na Cùirne agus Tewnblustri fhèin air a’ bhus – bus dà-ùrlar spaideil le suaicheantas dà-chànanach.
Tha an rathad eadar am port-adhair agus am baile gu math lùbach cas is chan ann idir coltach ris an rathad eadar Port-adhair Ghlaschu is Glaschu mar eisimpleir. Tha seallaidhean sgoinneil rim faighinn den mhuir is de na tràighean.
Nuair a ràinig sinn Tewnblustri fhèin, chaidh sinn a dh’fhaicinn nan tràighean ainmeil agus bha na ceudan de luchd-surfaidh ann.
An uair sin, chaidh sinn gu taigh-òsta a’ Ghreat Western gus pinnt no dhà den leann Chòrnach Korev a ghabhail sa ghàradh leanna sa ghrèin. Fhad ’s a bha sinn ann, ghabh sinn deoch-chuimhneachain do ar deagh charaid an t-Àrd-ollamh Coinneach MacFhionghuin a bhàsaich goirid ro làimh agus a bha uamhasach deidheil air a’ Chùirn agus air a’ Chòrnais. Bhruidhinn sinn mu na sgeulachdan aige agus mu na beachdan aige air Còrnais is Gàidhlig agus air na rudan sgoinneil uile a rinn e rè a bheatha fhada. Clach air a’ chàrn!
An uair sin, bha an t-àm ann an trèana a ghlacadh gu Pensans/Penzance far an robh sinn gu bhith a’ fuireach. Tha an loidhne bho Tewnblustri gu Porth/Par – the Atlantic Coast Line – gu math brèagha le tòrr sheallaidhean anabarrach Còrnach ann. Bha sinn air Sprinter ach ann am Porth aig a’ cheann-rèile, ghlac sinn HST – no Intercity 125 airson a’ chòrr den t-slighe.
Bha e cho math stèisean Pensans fhaicinn oir tha soidhne mòr Còrnais ann a tha a’ cur fàilte ort dhan bhaile!
Agus a bharrachd air sin, tha na soidhnichean stèisean dà-chànanach sa Chòrnais agus sa Bheurla. Ann an Alba, tha ainmean nan stèiseanan dà-chànanach, ach tha na soidhnichean eile sa Bheurla a-mhàin. Tha an caochladh fìor ann am Pensans – tha na soidhnichean eile dà-chànanach ach tha ainmean nan stèiseanan sa Bheurla a-mhàin.
Ann an Alba, tha an t-àm ann airson iomairt gus barrachd dà-chànanais fhaighinn air an lìonra rèile agus ScotRail gu bhith a’ tighinn fo smachd na stàite ann an Alba.
Ri leantainn….
Alasdair
Moran taing Alasdair! Fior inntinneach dha direach! 😀
'S toilLiked by 1 duine
Is math na soidhnichean Còrnais ‘fhaicinn!
'S toilLiked by 1 duine