Air an darna latha againn sa Chòrn, dh’fheuch sinn meur-loidhne eile – a’ mheur-loidhne as fhaide a deas air an lìonra – Meur Loidhne St Ives.
An tòiseach, ge-tà, rinn sinn air mecca luchd-turais na Cùirne – Pen an Wlas no Lands End mar as aithne do luchd na Beurla e.
An àite a bhith a’ dol air a’ bhus àbhaisteach, chaidh sinn an air an Lands End Coaster, bus dà-ùrlar le mullach fosgailte eadar Penzance agus St Ives.

Bha e dìreach alainn – bha faileadh nam flùraichean is nan craobhan pailm a bha air feadh an àite cubhraidh agus bha na seallaidhean cho àlainn le tràighean is achaidhean is eile. Chuir e iongnadh orm cho eadar-dhealaichte sa bha na lusan is flùraichean sa Chòrn bhon fheadhainn an Alba agus bha mi air mo dhòigh glan gun robh feur fhada is flùraichean fiadhaich ri taobh an rathaid seach “slash and burn” le strimmers mar a nithear ann an Alba.
(Na Manics a’ cluich Slash and Burn anns na làithean nuair a bha iad nan rocairean, mus do thòisich iad air ceòl indie dòrainneach a dhèanamh!)
Airson duine sam bhith nach robh sa Chòrn, tha na rathaidean lùbach, cas agus tha cus trafaig orra. Bha sinn ann ro làithean sgoile Shasainn agus aig àm Covid, ach a dh’aindeoin sin uile, bha na rathaidean trang gu leòr agus bha againn ri stad gu tric is minig gus trafaig eile a’ leigeil seachad, a’ gabhail a-steach làraidhean-biona DÀ-CHÀNANACH! Dè cho cool ’s a tha sin!
Thàinig sinn far a’ bhus ann am Porthcurnow agus chaidh sinn dhan tràigh fìor àlainn an sin agus choisich sinn suas an cnoc chun a’ Mhinack Theatre. Leum Wilson suas na creagan mar ghobhair agus theab mise bàsachadh – ged a tha mi 10 bliadhna nas òige!
Chunnaic sinn pìos grafitti inntinneach taobh a-muigh an àite:
Tha an aon duilgheadas aig muinntir na Cùirne a thaobh prìsean ro-àrd airson taighean ’s a tha ann an Gàidhealtachd na h-Alba agus ann an Dùn Èideann – rud a tha a’ dèanamh sgrìos air coimhearsnachdan san fharsaingeachd agus, gu sònraichte, air coimhearsnadan Gàidlhig seann is ùr is a’ cur bacadh air fàs.
Às dèidh dhuinn cofaidh fhaighinn ann am Porthcurno, ghlac sinn am bus a-rithist gu Land’s End fhèin. Tha an t-àite gu math mì-chliùiteach airson a bhith gu math tacky agus mar sin, bha mi a’ dèanamh fiughair ri fhaicinn cò ris a bhiodh e coltach.
Leis an fhrinn innse, cha robh e idir cho tacky sa bha mi an dùil agus chòrd e rium gu mòr an t-àite fhaicinn, gu h-àraid Longships Lighthouse or tha paperweight agam a bha aig mo sheanair is sheanmhair den taigh-solais!
Am measg nan creagan, tha àite ann ris an canar Dr Syntax Head. Mar chànanaiche, chòrd sin rium. Saoil a bheil Dr Morphology Head ann cuideachd?
Chaidh sinn air ais air a’ bhus agus chaidh sinn a dh’fhaicinn tursachan. Bha e a’ coimhead mòr san dealbh, ach nuair a ràinig sinn, bha e na bu choltaiche ris an Stonehenge Beag ann an Spinal Tap! (Oh, agus mar a dhanns iad, clann bheaga Stone ‘Enge!)
An uair sin, chùm sin a’ dol timcheall air a’ chosta air a’ bhus gus an do ràinig sinn St Ives. Tha St Ives mòr-chòrdte am measg luchd-turais agus abair gun robh e trang nuair a bha sin ann – bha an t-àite lòma làn le tòrr de na taighean-òsta, taighean-bìdh is bùithtean a’ cur thairis. Cha robh mi air àite cho trang sin fhaicinn fad bliadhna gu leth bho thòisich an Corònabhìoras agus bha e a’ faireachdainn gu math neònach.
Bha mi a’ smaoineachadh air mo dheagh charaid Ken MacKinnon, nach maireann a-rithist ann an St Ives oir bha e na evacuee ann an St Ives aig àm a’ Chogaidh agus nuair a bha e an sin, bhiodh e a’ faicinn Robert Morton Nance, ath-bheòthachair na Còrnais air an t-sràid. Chan fhaca mi gaisgeach cànain sam bith ann (seach mi fhèin is Wilson, obvs!) ach fhuair mi cairt-puist sa Chòrnais!
Às dèidh deochag no dhà, cuairt air an tràigh agus ionnsaigh bho fhaoilleag olc, rinn sinn air an stèisean gus an trèana a ghlacadh eadar St Ives agus Ceann-rèile St Erth – an ceann-rèile (junction) as fhaide a deas ann am Breatainn – Georgemas Junction na Cùirne!
Ach cha robh an loidhne coltach ri meur-loidhne Inbhir Theòrsa idir. Chanainn gun robh e na bu choltaiche ris an loidhne ainmeil a-mach à Doire ann an Èirinn – rathad-iarainn an cois na cladaich le seallaidhean àlainn den mhuir agus den tràigh. Ged nach eil an loidhne ach 4.5 mìle a dh’fhaid, tha e am measg nan loidhnichean sa fheàrr a rinn mi riamh agus mholainn gu mòr e.
Bha an trèana air dheireadh agus chaill sinn an ceangal againn gu Phenzance ach chan e dona a bhith stuicte ann an Stèisean St Erth fad leth uair a thìde. Tha tòrr stèiseanan àlainn le meur-loidhnichean anns a’ Chòrn – loidhnichean gu St Ives, Falmouth, Looe, Newquay agus Gunnislake le togalaichean brèagha.
Agus bhiodh tòrr a bharrachd stèiseanan mar sin ann air feadh na RA, mur e a b’ e an Dr Olc Beeching (Tuiteam gun Èirigh air is Leac air a Bheul!)

Ri leantainn….
Alasdair