Làraidhean-tràilidh a’ tighinn?

Bidh fios aig daoine a tha a’ leughadh a’ bhloga seo gu tric gu bheil mi uamhasach deidheil air busaichean-tràilidh (trolleybuses).

 ’S e a th’ ann am bus-tràilidh ach bus dealanach a tha a’ ruith air dealain bho uèirean. B’ àbhaist dhaibh a bhith gu math cumanta san RA, a’ gabhail a-staigh siostaman ann an Glaschu, Caerdydd, Beal Feirste, Lunnainn agus tòrr shiostaman ann am meadhan agus thaobh a tuath Shasainn.

Ged nach eil siostam sam bith air fhàgail an seo a-nis, tha iad fhathast gu math cumanta ann am meadhan agus taobh an ear na h-Eòrpa.

Bus-tràilidh Ghlaschu, Sandtoft

Tha busaichean-tràilidh nas uine na busaichean dealanach àbhaisteach oir chan fheum iad bataraidhean troma.

Ach dè th’ ann an làraidhean-tràilidh?

Anns a’ Ghearmailt, tha deuchainn a’ dol air adhart air làraidhean-tràilidh. ’S e a th’ annta ach làraidhean a tha a’ ruith air uèirean os cionn nan rathaidean-mòra. Is urrainn dhaibh ruith air an dealan agus bataraidhean a teàirrdseadh cuideachd.

Seo bhideo a rinn an YouTubaiche Tom Scott mun chuspair.

Tha mi an dòchas gun obraich an deuchainn seo agus gum faic sinn làraichean dealanach den t-seòrsa seo – agus gu dearbha busaichean-tràilidh an seo ann na Alba ann an ùine nach bi fada.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s