Cearcall rèile Bheal Feirste – iomairt an latha!

Tha iomairt fìor chudromach a’ dol air adhart ann am Beal Feirste an-dràsta gus cearall rèile a thogail timcheall air a’ bhaile.

Chì sinn grunn iomairtean mar seo a h-uile bliadhna, tòrr aca ag iarraidh pròiseactan rèile mòra mòra a chosgadh na billeanan de nòtaichean agus uaireannan nach eil ro phractaigeach. Ach seo pròiseact a ghabhadh dèanamh a’ cleachdadh bun-structar a th’ ann mar-tha agus air pris ruigsinneach.

Moladh airson Cearcall-loidhne Bheal Feirste

Tha loidhne rèile ann an Èirinn a Tuath a tha fhathast ann,  agus tha fhathast ga cleachdadh mar shlighe diversion ged nach eil seirbheisean cunbhalach oirre. Seo an loidhne eadar Aontroim (Antrim) agus Lios na gCearrbhach (Lisburn). A bharrachd air a bhith a’ cruthachadh ceangal luath dìreach eadar an dà bhaile, tha e a’ dol seachad air Port-adhair Eadar-nàiseanta Bheal Feirste (no Port-adhair Gary Moore mar a bu chòir a bhith air nam beachd!).

Nan rachadh seo ath-fhosgladh, b’ urrainnear na treanaichean a ruith ann an cearcall timcheall air a’ bhaile coltach ris an Circle Line ann an Lunnainn no Subway beag brèagha Ghlaschu, a’ cruthachadh ceanglaichean fìor mhath eadar dìofar sgìrean anns a’ bhaile. Leis gu bheil busaichean leis a’ phoball cuideachd ann an Èirinn a Tuath, ghabhadh co-òrdanachadh leis na busaichean cuideachd.

Seo sgeama sgoinneil. Ma tha thu airson do thaic a thoir dhan iomairt cudromaich seo, seo an athchuinge.

Lìonra Rèile Northern Ireland Railways

Tha rudan a’ coimhead gu math dòchasach ann an Ceann a Tuath na h-Èireann an-dràsta agus sgrudadh comais a’ dol air adhart cuideachd mu bhith ag ath-fhosgladh na loidhne gu Ard Mhacha (Armagh) cuideachd.

Mar sin, bu chòir dhuinn an cuideam a chumail air Riaghaltas Èirinn a Tuath nuair a tha momentum COP26 fhathast ann.

Seo an lìonra a bu toil le luchd-iomairt rèile na sgìre fhaicinn sna beagan bhlaidhanichean a’ tighinn.

An lìonra rèile a tha luchd-iomairt airson faicinn an ceann beagan bhliadhnaichean

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s