Tha mi uamhasach deidheil air na leabhraichean aig JD Kirk mu DCI Jack Logan – leabhraichean eucoir stèidhichte air a’ Ghàidhealtachd. Anns an leabhar Northwinds (2021), chaidh Bob Hoon, ex-poileas droch-nàdarra agus droch-bheulach air an trèana oidhche eadar Inbhir Nis is Lunnainn:
It was thirteen hours later, and Hoon wished he was dead. The journey had been thoroughly enjoyable for the first forty minutes, gone down somewhat over the next three or four hours, then became an unrelentingly grim test of endurance as the night had worn on.
He’d started out confident that the right decision had been made. The seats were big. Plenty of room to get comfortable in. When he’d discovered they reclined, too, he actually laughed out loud at the bare-faced cheek of the ticket seller who’d tried to talk him into wasting a hundred and fifty quid on a bed he didn’t need.
By the time the train had reached Edinburgh, the seat had lost almost all of its appeal. Before they were ever over the border into England, he was fantasising about amputating his whole arse”.
Northwind: A Robert Hoon Thriller – JD Kirk
Tha mi air a bhith air an trèana oidhche iomadh turas air suidheachan agus feumaidh mi a ràdh gu bheil Hoon ceart gu ìre! Mairidh an turas eadar Glaschu no Dùn Èideann mu sheachd uairean a thìde agus tha an turas bho Inbhir Nis, Obar Dheathain no an Gearastan nas fhaide buileach.
Tha e uamhasach math gu bheil trèanaichean oidhche ann agus gu bheil cothrom ann a bhith a’ suidhe seach a bhith a’ faighinn leabaidh chosgail ach feumaidh mi ràdh nach eil mi buileach cho deidheil air an trèana oidhche ’s a bha.
B’ àbhaist dhan chadalaiche a bhith air a ruith le ScotRail ach tha franchise fa leth airson a’ Chaledonian Sleeper a-nis. Mar phàirt de seo, thathar air trèanaichean ùra spaideil a cheannach agus thathar air ath-bhranndadh a dhèanamh air. Tha e a-nis air a reic mar sheirbheis spaideil àrd-ìre a tha na experience agus tha na prìsean nas àirde san fharsaingeachd. Fhuair mi iomadh bargan nuair a bha an t-seirbheis aig ScotRail – tiocaidean bho £15 gu £30 airson a bhith a’ suidhe agus prìsean airson leabaidh bho £40 gu £70. B’ àbhaist dhan trèana a bhith na bu shaoire na trèana tron latha nan robh thu a’ suidhe agus na bu shaoire na trèana agus taigh-òsta nan robh leabaidh agad.
Tha na prìsean aig an t-seirbheis ùir nas àirde. Mas as trice, tha prìsean airson leabaidh nas àirde a-nis na bhith a’ faighinn trèana tron latha agus taigh-òsta. Agus tha prìsean airson suidheachan san fharsaingeachd nas àirde na bhith a’ faighinn trèana tron latha. Mar as trice, is urrainn dhomh tiocaid advance fhaighinn airson tiocaid trèana latha gu Lunnainn air £35 no mar sin ach cha d’ fhuair mi riamh tiocaid na bu shaoire na £50 air a’ Chaledonian Sleeper ùr agus air an turas seo, chosg e £68. Mar sin chosg na faraidhean eadar Glaschu is Lunnainn agus air ais £136 uile gu lèir.
Ged nach d’ fhuair mi bargan, ge-tà, bha mi airson an trèana oidhche fhaighinn gus am biodh làn latha agam aig an taigh mus faighinn an trèana. Tha an cadalaiche fhathast math airson tìde a shàbhaladh gun teagamh.
Càite an robh mi a’ dol? Dhan eilean ris an canar Vectis san Laidinn no Ynys Wyth sa Chuimrigh. Fhuair mi a-mach bho chionn goirid gu bheil ainm Gaeilge air – Inis Iocht. Dè an t-eilean a tha seo? The Isle of Wight! Tha iad air trèanaichean ùra fhaighinn air the Island Line – an loidhne bho Ryde gu Shanklin a tha na pàirt den lìonra nàiseanta agus bha mi airson am faicinn.
Ciamar a bha an turas? Bha mi airson beagan eadar-theangachadh a dhèanamh air an trèana oidhche is airson rud no dhà a dhèanamh air a’ fòn agam ach cha robh a’ wifi ag obair gu math idir gu mì-fhortanach. Agus goirid mus do dh’fhàg sinn Glaschu, thuirt an luchd-obrach nach robh biadh sam bith air an trèana – gu fòrtanach bha mi air biadh a thoirt leum ach mur a robh, ’s e turas gu math fada acrach a bhiodh ann! Agus na bu mhiosa na sin, cha robh an toileat aig an luchd-suidhe ag obair air an t-slighe air ais dà latha às dèidh sin.
Cha do chaidil mi mòran air an trèana feumaidh mi ràdh – dìreach mu leth-uair a thìde beagan a tuath air Lunnainn ach chan eil mi ro mhath air cadail air an trèana oidhche (ged a bhios mi a’ cadal air an 16:30 eadar Dùn Èideann is Glaschu a h-uile latha!) Ach gu ìre bha sin a chionn ’s gun robh mi cho excited leis an turas agam. Agus bha an trèana 43 mionaid air thoiseach a ruigsinn Lunnainn, rud eile a bha math is mar sin bha mi toilichte gu leòr.
Tha mi air grunn lèirmheasan a leughadh den Chalendonian Sleeper ùr agus tha tòrr aca air aithris gu bheil na prìsean ro àrd agus nach eil an t-seirbheis cho math ’s a thathar a’ cumail a-mach. Tha tòrr eus-aonta air a bhith ann eadar Serco, a ruitheas an t-seirbheis agus an luchd-obrach agus tha grunn stailcean air a bhith ann. Tha ScotRail gu bhith a’ tighinn a-staigh dhan roinn phoblaich sa Mhàrt 2022. Saoil a bheil an t-àm ann an aon rud a dhèanamh leis a’ Chaledonian Sleeper cuideachd gus piseach a thoirt air cùisean – agus gu sònraichte gus na prìsean a dhèanamh nas ruigsinniche a-rithist gus am bi e na sheirbheis do dhaoine àbhaisteach seach na experience do dhaoine beartach?
Ri leantainn…..
Alasdair
Pingback: An Cadalaiche a’ tighinn dhan roinn phoblaich? #gàidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean