A small planet somewhere in the vicinity of Betelgeuse – turas gu Vectis II #gàidhlig

Às dèidh dhomh Lunnainn a ruigsinn air an trèana-caidil, bha an t-àm ann dèanamh air mo cheann-ùidhe – Eilean Wight. Mar sin, cha b’ e ruith ach leum dhomh a dhol air an tiub gu Stèisean Waterloo.

1972 stock, Charing Cross
Stoc 1972 air Loidhne a’ Bhakerloo, Charing Cross

Leis gun robh an Caledonian Sleeper air a bhith air thoiseach, bha ùine gu leòr ann cofaidh a ghabhail san stèisean agus beagan den leabhar-iùil agam mun eilean a leughadh. An uair sin, bha an t-àm ann an 08:15 gu Portsmouth Harbour a ghlacadh.

Chaidh sinn tro stèisean Surbiton air an t-slighe. Gu tric, tha e air a chleachdadh mar stereotype de shuburbia Lunnainn. Bha an sgrìobhaiche is neach-iomairt Gàidhlig Seumas Mac a’ Ghobhainn (1930-87) a’ fuireach ann. Tha an stèisean cuideachd ainmeil airson a bhith ann an Harry Potter – bha Harry a’ gabhail cofaidh ann nuair a thàinig Dumbledore ga lorg is thuirt Harry ris “is toil leam a bhith a’ dol mun chuairt air trèanaichean”. Balach glic a th’ ann!

Às dèidh dhuinn a dhol a-mach a Lunnainn, chuir e iongnadh orm cho dùthchail is brèagha ’s a tha Surrey – gu math eadar-dhealaichte bho Little Whinging ann an Harry Potter. Agus goirid às dèidh sin, chaidh sinn tro Guildford, prìomh bhaile na siorrachd.

Tha e daonnan a’ toirt orm smaoineachadh air fear de na leabhraichean as fheàrr leam riamh – the Hitchhikers Guide to the Galaxy le Douglas Adams.

“All right” said Ford, “How would you react if I said that I’m not from Guildford after all but from a small planet somewhere in the vicinity of Betelgeuse?”

Ach bha mi a’ dol gu àite tòrr nas neònaiche na Betelgeuse – Eilean Wight!

Air an t-slighe bha mi a’ leughadh leabhar a fhuair mi airson na Nollaig: My Life in Dire Straits, le John Illsley, cluicheadair bass a’ chòmhlain. Mar iomadh duine eile a tha nan rocair, bha Dire Straits mar “gateway drug” eadar ceòl pop is ceòl roc cruaidh/meatailt throm agus mar sin tha deach chuimhne agam air a’ chomhlan, agus gu dearbha fhèin chunnaic mi beò iad ann an 1991 le mo Mham nuair a bha mi 17 bliadhna a dh’aois! Rud a tha inntinneach, nuair a rinn mi googleadh air a’ chonsairt, lorg mi bootleg den t-seata air fad air YouTube!  

John Illsley: Zoran Veselinovic, CC BY-SA 2.0 https://creativecommons.org/licenses/by-sa/2.0, via Wikimedia Commons

Fhuair mi a-mach air an turas gu bheil taigh-òsta an George Hotel ann an Ryde, Eilean Wight le John Illsley. Tha mi air cluinntinn mun àite a chionn ’s gu bheil Railcam air mullach an taigh-òsta ann far an urrainn dhut coimhead air trèanaichean aig stèisean Ryde Esplanade agus air Cidhe Ryde air an eadar-lìon.

Chan fhada gus an d’ ràinig an trèana stèisean Portsmouth Harbour a tha dìreach ri taobh port nan aiseagan gu Eilean Wight agus far am faicear am Mary Rose agus an HMS Warrior is eile.

HMS Warrior, Portsmouth, Hants
Portsmouth Historic Dockyard

Chaidh mi air a’ FastCat, aiseag catamaran. Bha an Solent gu math garbh agus bha cur na mara orm rud beag ach gu fortanach, bha e luath agus bha sinn ann an Ryde, am baile as motha san eilean taobh a-staigh 20 mionaid.

Bidh an t-aiseag a’ tighinn a-steach gu Cidhe Ryde far a bheil stèisean Ryde Pier Head agus chunnaic mi tè de na trèanaichean ùra airson a’ chiad uair.

Tha mi air sgrìobhadh mu na trèanaichean ùra roimhe, ach seo geàrr-chunntas airson duine sam bith nach eil thu eòlach air eachdraidh rathaidean-iarainn Eilean Wight. B’ àbhaist lìonra mòr a bhith san eilean a bha a’ ceangail nam bailtean as cudromaich eile ris an lìonra – Cowes, Newport, Ventnor is eile. Chaidh cuid de na loidhnichean beaga a dhùnadh ro Bheeching, agus mhol Beeching (Tuiteam gun Èirigh air is Leac air a Bheul) gun rachadh a h-uile rathad-iarainn a bha air fhàgail a dhùnadh. Leis cho trang sa bha an loidhne eadar Ryde agus Shanklin do luchd-turais, ge-tà, chaidh a chumail agus a sgeadachadh aig a cheann thall.

Class 483, Sandown (SAN), Isle of Wight
Trèana Clas 483 – na seann trèanaichean art-deco – Sandown

Bha an t-eilean riamh na Mhecca do dhaoine aig a bheil ùidh ann an rathaidean-iarainn. Ro Bheeching, bha na seirbheisean air an ruith le einnseanan smùid beaga snoga mar thoradh air a’ ghèidse-luchdachaidh (loading gauge). Nuair a dh’fhosgail an siostam ùraichte ann an 1967 bha e air a ruith le trèanichean tiub Lunnainneach a rinneadh ann an 1923. Ann an 1989, fhuair Loidhne an Eilean trèanaichean tiub art deco “ùra” bho 1938. Ruith na trèanaichean seo – na 483s – gu meadhan 2021. An uair sin, chaidh trèanaichean ùra a chur nan àite – clas 484 no D-trains. ’S e a th’ annta ach trèanaichean tiùb Lunnainneach bhon District Line a rinneadh ann eadar 1980 is 1983. Ged nach eil iad ùr, tha iad “suas-chuairtiche” no upcycled agus chan eil mòran air fhàgail ach an t-slige aluminium – tha a h-uile rud eile ùr.

Stèisean Ryde Pier Head

Chan e dìreach trèanaichean ùra a bha a dhìth, ge-tà, bha an trac uile feumach air ùrachadh cuideachd. Bhiodh na seann trèanaichean a’ leum suas agus sìos agus bho thaobh gu taobh ach cha bhi seo a’ tachairt tuilleadh leis an trac ùr. Mar sin, tha an loidhne a’ faireachdainn gu tùr eadar-dhealaichte bhon t-seann loidhne sa h-uile dòigh. Bha ìre cleachdaidh na loidhne a’ crìonadh sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh mar thoradh air neo-chunbhalachd nan seann trèanaichean agus thathar an dòchas a-nis gun tig piseach air cùisean leis a’ bhun-structar agus carbadan ùra.

A dh’aindeoin sin, ge-tà, tha teething troubles air a bhith aig na trèanaichean ùra. Chaidh mi bho Ryde Pier Head gu Ryde Esplanade an toiseach agus an uair sin, chaidh mi dhan taigh-òsta agam gus na bagaichean agam a chur a-steach. Tha baile Ryde air a thogail air cnoc is mar sin, ‘s e cuairt gu math cas a bh’ ann!  Nuair a chaidh mi air ais dhan stèisean, chaidh an trèana agam bho Ryde gu Shanklin a chur dheth mar thoradh air trioblaidean teicnigeach. Mar sin, fhuair mi biadh is thill mi an uair a thìde airson an ath thrèana.

Bha deagh latha grianach ann agus bha deagh sheallaidhean ann an toiseach de dhepot Ryde far an robh na trèanaichean uile, an uair sin, chaidh sinn gu Brading, far a bheil Tèarmann Nàdair Brading Marshes aig an RSPB le eòin gu leòr rim faicinn. Agus tha an stèisean ann am Brading a’ coimhead fìor mhath cuideachd. Chaidh lùb seachnaidh a chur ann agus chaidh an dàrna àrd-ùrlar agus an drochaid thairis air an loidhne ath-fhosgladh. Tha seo a’ ciallachadh gun gabh trèanaichean a ruith gach 30 mionaid (seach patran 20 mìon/40 mìon mar a bha ann roimhe).

An uair sin, chaidh sinn tro Shandown, baile turasachd mòr far a bheil tè de na seann trèanaichean fhathast ann agus a’ feitheimh ri falbh gu Rathad-iarainn Llanelli agus Mynedd Mawr airson beatha ùr sa Chuimrigh.

Seann trèana Eilean Wight

Aig deireadh na loidhne ann an Shanklin,  bha grunn daoine a’ togail dealbhan den trèana agus tha e follaiseach gu bheil gu leòr turasachd rèile ann san eilean – tha mi an dòchas gun lean seo fiù ’s an-dè do na trèanaichean ùra fàs àbhaisteach.

Clas 484, Stèisean Lake (LKE)
Trèana ùr a’ tighinn a-steach gu Stèisean Lake

Air an t-slighe air ais, thàinig mi far na trèana gus sùil a thoirt air depot St John’s Road agus choisich mi a-steach gu meadhan baile Ryde gus dealbh no dhà a thogail de na trèanaichean bho dhiofar sheòlaidhean. Às dèidh turas eile suas agus sìos an loidhne bho Ryde, thàinig mi far na trèana ann an Sandown, choisich mi gu Stèisean Lake (far nach eil loch idir!). Bha e fàs dorcha an uair sin agus mar sin, chaidh mi air ais dhan Taigh-òsta air an trèana airson biadh, deochag agus gus barrachd a leughadh mu dheidhinn ceòl roc sna 80an.

Clas 484 faisg air Ryde St Johns
Eadar Ryde Espalade is Ryde St Johns – ri taobh Taigh-tasgaidh Bhusaichean Eilean Wight

Ri leantainn….

Alasdair

484 002 a' dol a-staigh gu Tunail Ryde, Eilean Wight
Trèana ùr – Clas 484, a’ dol a-steach gu tunail Ryde

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s